A' toirt thugaibh na naidheachdan LCDTQ+ as ùire le fòcas àraidh air naidheachdan Albannach

Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite-obrach

8 An t-Samhain 2018 le

Tha aonar anns gach triùir de dhaoine leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a dh’fhulaing burraidheachd nuair a bha iad ann an sgoil cuideachd a’ fulaing burraidheachd san àite-obrach a-rèir sgrùdadh ùr bho Oilthigh Anglia Ruskin.


Maoineachadh de £1 millean a bharrachd dhan iomairt an aghaidh burraidheachd LCDT+

5 An t-Samhain 2018 le

Chaidh ainmeachadh leis an Riaghaltas Didòmhnaich gun tèid maoineachadh de £1 millean a bharrachd a thoirt dhan strì an aghaidh burraidheachd LCDT+ ann an sgoiltean.


Lìonra ùr stèideachadh gus taic a thoirt ri thidsearan LCDT+

7 An t-Ògmhios 2018 le

Chaidh lìonra air loidhne ùr stèideachadh an seachdain seo gus taic a thoirt ri thidsearan LCDT san Rìoghachd Aonaichte.


Cha tèid planaichean airson àrd-sgoil LCDT ann an Chicago air adhart

26 An t-Samhain 2008 le

Tha luchd-foghlaim ann an Chicago air a ràdh nach tèid planaichean airson sgoil LCDT fhosgladh sa bhaile air adhart.


Carthannas AIDS airson clann ionnsachadh mu dheidhinn feise co-sheòrsach sna sgoiltean

25 An t-Iuchar 2008 le

Tha an àireamh de bhalaich HIV+ air dùblachadh san 10 bliadhna mu dheireadh a-rèir figearan air fhoillseachadh le Buidheann Dìon na Slàinte.


Riaghaltas Bhachrain airson clann co-sheòrsach gam peanasachadh

23 An Giblean 2008 le

Tha Riaghaltas Bhachrain a’ dèanamh iomairt gus co-sheòrsachd a chur às dhan dhùthaich.


Ceannard an Eaglais Anglican a’ cur taic ri casg air càraidean co-sheòrsach aig a’ Phrom

15 An Giblean 2008 le

Tha ceannard an Eaglais Anglach ann an Astràilia air taic a thoirt ri casg air càraidean co-sheòrsach aig a’ Phrom.


Coimhearsnachd LCDTE an dùil ri leth-bhreith anns a h-uile àite

6 An Giblean 2008 le

Chaidh sgrùdadh ùr fhoillseachadh le Stonewall a tha a’ sealltainn gu bheil an coimhearsnachd LCDTE an còmhnaidh an dùil ri leth-bhreith anns a h-uile àite.


Tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd

30 Am Màrt 2008 le

Tha tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd air sgàth ’s gu bheil an gnèitheachd aca a’ dol an aghaidh poileasaidh creideamh nan sgoiltean.