A' toirt thugaibh na naidheachdan LCDTQ+ as ùire le fòcas àraidh air naidheachdan Albannach

Connspaid mu dheidhinn pòsadh aon-sheòrsach ag adhbharachadh sgaradh ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba

22 Am Faoilleach 2019 le

Tha 87% de bhuill Eaglais Choimhearsnachd Westhill ann an Siorrachd Obair Dheathain air bhòtadh gus briseadh air falbh bho Eaglais Easbaigeach na h-Alba air sgàth ‘s suidheachadh a’ bhuidheann nàiseanta a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach.


Dòchas ùr airson pòsadh aon-sheòrsach ann an Èirinn a Tuath

23 An Dàmhair 2018 le

Tha dithis bhall-phàrlamaid Làbarach air plana a chur an gnìomh a dh’fhaodadh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.


Fèis-pròise Innse Ghall air a chàineadh le Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich

21 An t-Sultain 2018 le

Tha Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich air iomradh a thoirt air a’ chiad fèis-pròise anns na h-Eileanan an Iar mar “duilich agus nàireach”.


Dè na riochdairean a th’ ort?

17 An Lùnastal 2018 le

Seo agaibh ceangal gu deasbad gu math inntinneach le Anna NicNeacail (@axnicho) agus Michael Bauer (@akerbeltz) mu bhriathrachas LCDTE agus gu h-àraid riochdairean freagarrach do dhaoine neo-bhìnearaidh: https://transponderings.blog/2018/03/09/de-na-riochdairean-a-th-ort/


Nicola Sturgeon na h-Àrd-Mharasgal na Caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu

15 An t-Iuchar 2018 le

Bha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon aig ceann na caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.


Eaglais na h-Alba a’ gluasad nas fhaisge air pòsaidhean aon-sheòrsach

21 An Cèitean 2018 le

Tha Eaglais na h-Alba air ceum nas dlùithe a ghluasad gus leigeil le ministearan pòsaidhean aon-sheòrsach a chumail.


Ceann-suidhe an Eaglais Mhormonach air bàsachadh

6 Am Faoilleach 2018 le

Tha Ceann-suidhe ùr gu bhith aig an Eaglais Mhormonach (Church of Jesus Christ of Latter-day Saints) as dèidh gun do bhàsaich Thomas S. Monson Dimàirt ann an Salt Lake City. Bha e ceithir fichead sa deich bliadhna a dh’aois.


Leo Varadkar na chiad Phrìomhaire co-sheòrsach aig Èirinn

2 An t-Ògmhios 2017 le

Chaidh Leo Varadkar a thaghadh mar cheannard am partaidh poilitigeach Fine Gael an-diugh agus e a-nis gu bhith a chiad Prìomhaire (Taoiseach) co-sheòrsach ann an eachdraidh na h-Èirinn.


BBC: Oidhirp gus beag-fhaclair LGBTI Gàidhlig a chruthachadh

10 An Cèitean 2017 le

Chaidh iarraidh air luchd-labhairt na Gàidhlig cuideachadh gus liosta de dh’fhaclan agus briathrachas LGBTI a chruthachadh sa chànan.


“The Gaelic for Gay”

16 An Gearran 2017 le

Tha Dr. Emily McEwan air post inntinneach a sgrìobhadh air a’ blog aice: Gaelic Revitalization: The Gaelic for Gay.


Ceannard Caitligeach airson bhòtadh air pòsaidhean aon-sheòrsach

17 An t-Iuchar 2012 le

Tha ceannard Eaglais Chaitligeach na h-Alba air iarraidh gun tèid bhòt a chumail ann an Alba a thaobh pòsadh càraidean aon-sheòrsach.


Companasan-catharra air a dhèanamh laghail ann an Èirinn

3 Am Faoilleach 2011 le

Chaidh laghan ùra a chur an gnìomh ann an Èirinn Disathairne gus companasan-catharra a dhèanamh laghail anns an dùthaich.


Deasbad mu companasan-catharra san Eilean Mhanainn

22 An Gearran 2010 le

Thathar gu bhith a’ deasbad Bile Companasan-catharra anns an House of Keys a-màireach.


A’ chiad seirbheis aon-sheòrsach Eilean Leòdhais an-diugh

20 An t-Iuchar 2009 le

Thèid a’ chiad seirbheis aon-sheòrsach a chumail ann an Eilean Leòdhais an-diugh nuair a thèid Anndra Robasdan agus Craig Atkins am pòsadh.


Àrd-chùirt Chalifornia a’ cumail ri Prop 8

26 An Cèitean 2009 le

Tha Àrd-chùirt Chalifornia air bhòtadh gus cumail ri Proposition 8, an iomairt a chur casg air pòsadh aon-sheòrsach anns an stàit.


BBC Alba: Deasbad a’ leantainn mu Mhinistearan gèidh

25 An Cèitean 2009 le

Leanaidh an deasbad aig Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Diluain air am bu chòir do dhaoine a tha gu fosgailte ann an càirdeasan gèidh a bhith ceadaichte àrd-oifisean a bhith aca san Eaglais.


Àrd-chùirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail

7 An Giblean 2009 le

Tha Àrd-chùirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail anns an stàit.


An Eaglais Chlèireach a’ deasbad aonaidhean aon-sheòrsach

12 An Gearran 2009 le

Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèidheachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air dè an t-àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aon-sheòrsach sa Chrìosdachd agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd.


Athchuinge airson pòsadh aon-sheòrsach air a thoirt gu Pàrlamaid na h-Alba

16 Am Faoilleach 2009 le

Chaidh iomairt ùr a chur air bhog ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt gus cead pòsaidh slàn a thoirt do dhaoine LCDT.


◦ Iongnadh mòr air California às deidh baraile bho Attorney General

23 An Dùbhlachd 2008 le

Chuir Attorney General Edmund G. “Jerry” Brown, Jr., iongnadh air a h-uile duine ann an California nuair thug e bharail laghail do Àrd-chùirt Chalifornia an aghaidh Proposition 8. Bidh dleastanas àbhaisteach aig an Attorney General an lagh a’ dìon. Thuirt Attorney General Brown, a b’ àbhaist a bhith na riaghladair e fhèin (1975-1983), gu nach eil comas aig bhòt an t-sluaigh sam bith a chur às don còraichean bun-reachdail coltach ri co-ionnanachd nan daoine. ‘S e seo argamaid laghail caran nas làidire na h-argamaid a rinn na luchd-dùbhlain eile.