A' toirt thugaibh na naidheachdan LCDTQ+ as ùire le fòcas àraidh air naidheachdan Albannach

Connspaid mu dheidhinn pòsadh aon-sheòrsach ag adhbharachadh sgaradh ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba

22 Am Faoilleach 2019 le

Tha 87% de bhuill Eaglais Choimhearsnachd Westhill ann an Siorrachd Obair Dheathain air bhòtadh gus briseadh air falbh bho Eaglais Easbaigeach na h-Alba air sgàth ‘s suidheachadh a’ bhuidheann nàiseanta a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach.


Fèis-pròise Innse Ghall air a chàineadh le Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich

21 An t-Sultain 2018 le

Tha Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich air iomradh a thoirt air a’ chiad fèis-pròise anns na h-Eileanan an Iar mar “duilich agus nàireach”.


Ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt dhan a’ choimhearsnachd LCDT aig Fèis-pròise Pheairt

12 An Lùnastal 2018 le

Tha ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt seachad aig Fèis-pròise Pheairt airson cron sam bith a tha an eaglais air a dhèanamh dhan a’ choimhearsnachd LCDT.


Casg air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna

26 An Cèitean 2009 le

Tha Eaglais na h-Alba air casg a chur air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna.


BBC Alba: Deasbad a’ leantainn mu Mhinistearan gèidh

25 An Cèitean 2009 le

Leanaidh an deasbad aig Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Diluain air am bu chòir do dhaoine a tha gu fosgailte ann an càirdeasan gèidh a bhith ceadaichte àrd-oifisean a bhith aca san Eaglais.


Nach toir sibh ur cuideachadh ris an t-Urr. Scott Rennie

19 An Cèitean 2009 le

Mar a bhios fios agaibh tha an t-Urr. Scott Rennie air a bhith a’ strì airson an dreuchd aige a shàbhaladh as dèidh dhan eaglais a ràdh nach robh e ceadaichte a bhith ag obair air an son air sgàth ’s gu bheil e co-sheòrsach. Chaidh ath-chuinge a chruthachadh thall aig http://www.thepetitionsite.com/1/support-scott-rennie le Alan Parker. Tha e ag amas air 10,000 daoine a chur an ainmean ris.


Gearanan a’ cur bacadh air ministear co-sheòrsach

24 Am Màrt 2009 le

Thèid coinneamh a chumail gus deasbad ma bhios ministear co-sheòrsach ann an Obair Dheathain comasach air obair airson an eaglais.


An Eaglais Chlèireach a’ deasbad aonaidhean aon-sheòrsach

12 An Gearran 2009 le

Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèidheachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air dè an t-àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aon-sheòrsach sa Chrìosdachd agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd.


Bhiocair air ràdh gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith stampadh air daoine LCDT

8 An Dàmhair 2008 le

Tha bhiocair anns An Eaglais Shasannach air ràdh air a’ bhlòg aige gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith air stampadh air daoine LCDT.


Ceannard an Eaglais Anglican a’ cur taic ri casg air càraidean co-sheòrsach aig a’ Phrom

15 An Giblean 2008 le

Tha ceannard an Eaglais Anglach ann an Astràilia air taic a thoirt ri casg air càraidean co-sheòrsach aig a’ Phrom.


Buidheann God Hates Fags gu bhith a’ caill na h-eaglais aca

9 An Giblean 2008 le

Tha breitheamh feadarail anns na Stàitean Aonaichte ag ràdh gum bu chòir dhan Westboro Baptist Church agus na h-oifisean aig Phelps-chartered Law a bhith air an toirt air falbh bhon luchd-seilbh aca gus càin de $5m a phàigheadh.


Riaghailtean ùra air fhoillseachadh airson casaidean HIV

14 Am Màrt 2008 le

Chaidh riaghailtean ùr fhoillseachadh le Seirbheis Casaid a’ Chrùin an-diugh airson stiùireadh a thoirt do luchd-casaid a’ dèiligeadh ri cùisean-lagha far a bheil daoine air HIV a sgaoileadh a dh’aona-ghnothach.