Fèisean-pròise

Iomairt airson tachartas pròise a chumail ann am Moireabh

2019-08-22 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh iomairt a stèidheachadh gus fèis-pròise a chumail ann am Moireabh an ath-bhliadhna.


Còrr ‘s 9000 mìle an lathair aig Fèis-pròise Ghlaschu ann am meadhan connspaid ùr

2019-08-19 le Crìstean MacMhìcheil

Thathar a’ meas gun robh còrr ‘s 9,000 duine an lathair aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.


Cha tèid bratach a' bhogha-fhroise a thaisbeanadh le CNES rè Fèis-pròise na h-Innse Gall

2019-05-31 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Comhairle nan Eilean Siar air dearbhadh nach tèid bratach a’ bhogha-fhroise a thaisbeanadh taobh a-muigh nan oifisean aca ann an Steòrnabhagh rè Fèis-pròise na h-Innse Gall a bhios a’ dol air adhart sa bhaile a-màireach.


Fèis-pròise air a chumail san Òban airson a’ chiad turas

2019-05-19 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh caismeachd pròise a chumail san Òban an-dè airson a’ chiad turas a-riamh.


Maoin ùr air a stèidheachadh gus taic a thoirt do dh'eagraichean fèisean-pròise na h-Alba

2019-04-08 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Pink Saltire, seirbheis naidheachd LCDT na h-Alba, air an iomairt ùr, The Scottish Pride Fund, a chur air bhog gus taic ionmhais a thoirt do dh’eagraichean fèisean-pròise air feadh na h-Alba.


Planaichean Fèis-pròise Ghlaschu air a dhiùltadh leis a' chomhairle

2019-04-01 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Glasgow Life air dearbhadh nach tèid Fèis-pròise Ghlaschu a chumail aig Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne am-bliadhna air sgàth ‘s suim airgid a tha fhathast ri phàigheadh ris a’ chomhairle airson tachartasan roimhe.


Poileas Alba ri sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu

2018-11-19 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh iarraidh air Poileas Alba sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu.


Fèis-pròise Iúr Cinn Trá gu bhith a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019

2018-10-30 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh ainmeachadh gum bi Fèis-pròise Iúr Cinn Trá (Newry) a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019.


An t-Òban airson a’ chiad fèis-pròise aca a chumail an ath-bhliadhna

2018-10-10 le Crìstean MacMhìcheil

Thèid fèis-pròise a chumail anns an t-Òban an ath-bhliadhna airson a’ chiad turas a-riamh.


Ceannard Fèis-pròise Ghlaschu air a dhreuchd a leigeil dheth

2018-10-09 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Alasdair Mac a’ Ghobhainn, Ceannard Fèis-pròise Ghlaschu air a dhreuchd a leigeil dheth as dèidh 10 bliadhna mar thoradh air duilgheadasan an tachartais am-bliadhna.


Òraidean Fèis-pròise Inbhir Nis 2018

2018-10-07 le Crìstean MacMhìcheil

Bhidiothan dhe na h-òraidean aig Fèis-pròise Inbhir Nis 2018.


Comhairle air cead a thoirt seachad airson Fèis-pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

2018-09-26 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh a dhearbhadh madainn Dimàirt gum faod Fèis-pròise Inbhir Nis dol air adhart 6mh Dàmhair.


Fèis-pròise Innse Ghall air a chàineadh le Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich

2018-09-21 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich air iomradh a thoirt air a’ chiad fèis-pròise anns na h-Eileanan an Iar mar “duilich agus nàireach”.


Corr ’s 14,000 air na h-ainmean aca a chur ri athchuingean airson Fèis-pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

2018-09-19 le Crìstean MacMhìcheil

Tha còrr ’s 14,000 duine air na h-ainmean aca a chur ri trì athchuingean gus an taic aca a shealltainn airson Fèis-pròise Inbhir Nis.


MFR: Agallamh le Donald Morrison a thòisich athchuinge an-aghaidh Fèis-pròise Inbhir Nis

2018-09-19 le Crìstean MacMhìcheil

Seo agaibh agallamh a rinn MFR / Bauer Radio Scotland le Donald Morrison, fear a thòisich athchuinge an-aghaidh Fèis-pròise Inbhir Nis air sgàth, mar a chanas e, “adhbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta”.


A’ Chiad Fèis-pròise airson na h-Eileanan an Iar

2018-09-15 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh ainmeachadh Diardaoin gun tèid a’ chiad fèis-pròise a-riamh a chumail anns na h-Eileanan an Iar 6mh Dàmhair.


Baile beag Cuimreach airson a’ chiad fèis-pròise aige a chumail

2018-08-13 le Crìstean MacMhìcheil

Tha coimhearsnachd beag anns a’ Chuimrigh air tighinn còmhla gus fèis-pròise a phlanadh airson 1mh t-Sultain 2018.


Ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt dhan a’ choimhearsnachd LCDT aig Fèis-pròise Pheairt

2018-08-12 le Crìstean MacMhìcheil

Tha ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt seachad aig Fèis-pròise Pheairt airson cron sam bith a tha an eaglais air a dhèanamh dhan a’ choimhearsnachd LCDT.


Sagart Caitligeach air a chur à dreuchd airson ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia

2018-07-19 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh an sagart Caitligeach Mark Morris a chur à dreuchd le Oilthigh Cailleannach Ghlaschu as dèidh dha ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia.


Proud Ness gu bhith a’ cumail sreath de thachartasan LCDTE air feadh na Ghàidhealtachd

2018-07-18 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh a dhearbhadh le Fòram LCDTE na Gàidhealtachd an-diugh gun tèid fèis-pròise a chumail ann an Inbhir Nis 6mh An Dàmhair 2018.


Nicola Sturgeon na h-Àrd-Mharasgal na Caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu

2018-07-15 le Crìstean MacMhìcheil

Bha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon aig ceann na caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.


Maoineachadh air a ghlachadh airson tachartas òigridh aig a’ chiad Fhèis Pròis Dhùn Dè

2018-06-07 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh maoineachadh de £2500 a ghlacadh leis a’ bhuidheann-òigridh Purple Dragons gus tachartas òigridh a chumail mar phàirt dhen chiad Fhèis Pròis Dhùn Dè.


A’ Chiad Fèis-pròise na h-Antartaig

2018-06-03 le Crìstean MacMhìcheil

Thathar an dùil gun tèid a’ chiad fèis pròis na h-Antartaig a chumail an t-seachdain-sa.


Maoineachadh de chòrr is £8000 a thoirt gu Fòram LCDT na Gàidhealtachd

2018-05-05 le Crìstean MacMhìcheil

Thèid maoineachadh de chòrr is £8000 a thoirt gu Fòram LGDT na Gàidhealtachd le Mhaoin a’ Chrannchuir Mhòir airson tachartas Proud Ness a chumail ann an Inbhir Nis san t-Sultain. A bharrachd air Proud Ness thathar ag ràdh gum bi sreath de thachartasan nas lugha ann an àiteachan eile anns a’ Ghàidhealtachd sna mìosan a leanas.


A’ Chiad Fèis-pròise Tar-ghnèitheach ann an Alba

2018-03-27 le Crìstean MacMhìcheil

Thèid a’ chiad Fèis Pròise Tar-ghnèitheach ann an Alba a chumail Disaithairne 31 Màrt 2018 eadar 12-5f.


A’ Chiad Fèis-pròise Pheairt

2018-03-24 le Crìstean MacMhìcheil

Thèid a’ chiad Fèis-pròise a chumail ann an Siorrachd Pheairt Disathairne 11 Lùnastal 2018. Chaidh a chur an cèill gu bi am buidheann-eagrachaidh ag obair ann an compàirteachas le Comhairle Pheairt & Cheann Rois gus tachartas eadar-mheasgte a chumail a’ bhios a’ toirt misneachadh dhan choimhearsnachd LGBT a tha a’ fuireach san sgìre. Tha am buidheann-eagrachaidh ag obair gu dlùth ri buidheann-eagrachaidh a’ chiad Fèis-pròise Fhìobha ann an 2017 air sgàth ‘s rannsachadh a tha a’ sealltainn gun do chuir an fhèis acasan còrr ‘s £150,00 ri eaconamaidh na sgìre agus gun robh còrr ‘s 3000 neach an làthair. Tha an naidheachd seo a’ ciallachadh gu tèid 11 Fèisean-pròise a chumail air feadh Alba am-bliadha. Nam measg tha Obair Dheathainn, Dùn Dè, Glaschu, Dùn Èideann agus fiù ‘s Eilean Bhòid. Ma tha sibh airson cuideachadh aig an fhèis leigibh fios dhan bhuidheann-eagrachaidh air Facebook no post-d: info@perthshirepride.com


Fèisean Pròise 2018

2018-03-18 le Crìstean MacMhìcheil

Seo agaibh liosta de dh’fhèisean Pròise am-bliadhna. Fàgaibh beachd gu h-ìosal ma tha sibh eòlach air fear a tha a dhìth.


Daoine LCDT a’ togail casaid ann an California

2008-11-14 le Crìstean MacMhìcheil

Tha daoine LCDT air a bhith a’ caismeachd air sràidean Chalifornia agus iad a’ togail casaid as dèidh buaidhe Proposition 8.


Gnìomhaichean dòchasach gum faigh iad cead airson caismeachd pròise a chumail san Ruis

2008-10-08 le Crìstean MacMhìcheil

Tha gnìomhaichean Nicolas Alexeyev agus Anna Komarova ann an Tambov, an Ruis, an dùil tagradh a chur a-steach gus caismeachd pròise a chumail sa bhaile.


Fèis-pròise Lunnainn air iris ùr fhoillseachadh

2008-06-12 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Fèis-pròise Lunnainn air iris ùr fhoillseachadh an còis an caismeachd fhèin leis an dùil barrachd daoine a tharraing ris an tachartas am-bliadhna.


Caismeachd-pròise Bhirmingham air a chur dheth

2008-04-30 le Crìstean MacMhìcheil

Cha tèid caismeachd-pròise Bhirmingham air adhart am-bliadhna air sgàth ’s trioblaidean ionmhais.


Fosgladh Fèis-pròise Ghlaschu

2008-04-09 le Crìstean MacMhìcheil

Bu tòigh le Fèis-pròise Ghlaschu fàilte a chur air a h-uile duine a bhios airson tighinn ris am fosgladh aca.


Cardiff an dùil ri fèis-pròise a chumail am bliadhna

2008-04-08 le Crìstean MacMhìcheil

Thèid coinneamh a chumail an seachdain seo gus deasbad a dhèanamh air fèis-pròise a chumail ann an Cardiff.