Creideamh

Connspaid mu dheidhinn pòsadh aon-sheòrsach ag adhbharachadh sgaradh ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba

2019-01-22 le Crìstean MacMhìcheil

Tha 87% de bhuill Eaglais Choimhearsnachd Westhill ann an Siorrachd Obair Dheathain air bhòtadh gus briseadh air falbh bho Eaglais Easbaigeach na h-Alba air sgàth ‘s suidheachadh a’ bhuidheann nàiseanta a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach.


Fèis-pròise Innse Ghall air a chàineadh le Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich

2018-09-21 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich air iomradh a thoirt air a’ chiad fèis-pròise anns na h-Eileanan an Iar mar “duilich agus nàireach”.


Ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt dhan a’ choimhearsnachd LCDT aig Fèis-pròise Pheairt

2018-08-12 le Crìstean MacMhìcheil

Tha ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt seachad aig Fèis-pròise Pheairt airson cron sam bith a tha an eaglais air a dhèanamh dhan a’ choimhearsnachd LCDT.


Sagart Caitligeach air a chur à dreuchd airson ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia

2018-07-19 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh an sagart Caitligeach Mark Morris a chur à dreuchd le Oilthigh Cailleannach Ghlaschu as dèidh dha ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia.


Luchd-poilitigs Liberalach air a chàineadh airson bhòt cudromach air Brexit a chaill

2018-07-18 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh dithis neach-poilitigs Libearalach a chàineadh Dimàirt as dèidh dhan bhòt cudromach air Brexit a chaill sa Phàirlamaid a’ ciallachadh gun dh’fhuair atharrachaidhean nan Tòraidhean air plana Brexit tron Phàrlamaid le dìreach trì bhòtaichean.


Eaglais na h-Alba a’ gluasad nas fhaisge air pòsaidhean aon-sheòrsach

2018-05-21 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Eaglais na h-Alba air ceum nas dlùithe a ghluasad gus leigeil le ministearan pòsaidhean aon-sheòrsach a chumail.


Ceann-suidhe an Eaglais Mhormonach air bàsachadh

2018-01-06 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Ceann-suidhe ùr gu bhith aig an Eaglais Mhormonach (Church of Jesus Christ of Latter-day Saints) as dèidh gun do bhàsaich Thomas S. Monson Dimàirt ann an Salt Lake City. Bha e ceithir fichead sa deich bliadhna a dh’aois.


Bàsaire ISIS fo chasaid ann an Ioràc

2018-01-05 le Crìstean MacMhìcheil

Tha feachdan tèarainteachd ann am Mosul, Ioràc air bàsaire ISIS a chur fo chasaid.


Ceannard Caitligeach airson bhòtadh air pòsaidhean aon-sheòrsach

2012-07-17 le Crìstean MacMhìcheil

Tha ceannard Eaglais Chaitligeach na h-Alba air iarraidh gun tèid bhòt a chumail ann an Alba a thaobh pòsadh càraidean aon-sheòrsach.


A’ chiad seirbheis aon-sheòrsach Eilean Leòdhais an-diugh

2009-07-20 le Crìstean MacMhìcheil

Thèid a’ chiad seirbheis aon-sheòrsach a chumail ann an Eilean Leòdhais an-diugh nuair a thèid Anndra Robasdan agus Craig Atkins am pòsadh.


Casg air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna

2009-05-26 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Eaglais na h-Alba air casg a chur air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna.


BBC Alba: Deasbad a’ leantainn mu Mhinistearan gèidh

2009-05-25 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh seo a thogail bho làrach-lìn a’ BhBC. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhal air Deasbad a’ leantainn mu Mhinistearan gèidh.


Nach toir sibh ur cuideachadh ris an t-Urr. Scott Rennie

2009-05-19 le Crìstean MacMhìcheil

Mar a bhios fios agaibh tha an t-Urr. Scott Rennie air a bhith a’ strì airson an dreuchd aige a shàbhaladh as dèidh dhan eaglais a ràdh nach robh e ceadaichte a bhith ag obair air an son air sgàth ’s gu bheil e co-sheòrsach.

Chaidh ath-chuinge a chruthachadh thall aig http://www.thepetitionsite.com/1/support-scott-rennie le Alan Parker. Tha e ag amas air 10,000 daoine a chur an ainmean ris.


Àrd-chùirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail

2009-04-07 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Àrd-chùirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail anns an stàit.


Sianar co-sheòrsach air am murt ann an Ioràc

2009-04-05 le Crìstean MacMhìcheil

Tha dithis marbh ann an Sadr City, roinn Shiite dhe Bhaghdad, air sgàth ’s clèir ionadail a dhìt co-sheòrsachd.


Gearanan a’ cur bacadh air ministear co-sheòrsach

2009-03-24 le Crìstean MacMhìcheil

Thèid coinneamh a chumail gus deasbad ma bhios ministear co-sheòrsach ann an Obair Dheathain comasach air obair airson an eaglais.


‘Firinn is Feise’ air BBC iPlayer

2009-03-02 le Crìstean MacMhìcheil

‘S e film aithriseach a th’ ann an Firinn is Feise a tha a’ toirt iomradh air sgeulachdan pearsanta bhon Ghàidhealtachd air an còmhstri eadar gnè feise is creideamh spioradail. Tha e ri fhaicinn air BBC iPlayer an-dràsta aig http://www.bbc.co.uk/iplayer/episode/b00g2j55/Firinn_is_Feise/.


An Eaglais Chlèireach a’ deasbad aonaidhean aon-sheòrsach

2009-02-12 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèidheachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air dè an t-àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aon-sheòrsach sa Chrìosdachd agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd.


Caitligich Albannach air ràdh gu bheil co-sheòrsachd ag adhbharachadh bàis tràtha

2009-01-29 le Crìstean MacMhìcheil

Tha an Eaglais Chaitligeach ann an Alba air ionnsaigh a thoirt air daoine co-sheòrsach agus leasbaich a-rithist.


Athchuinge airson pòsadh aon-sheòrsach air a thoirt gu Pàrlamaid na h-Alba

2009-01-16 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh iomairt ùr a chur air bhog ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt gus cead pòsaidh slàn a thoirt do dhaoine LCDT.


Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh

2008-11-26 le Crìstean MacMhìcheil

Tha clèir Èireannach air am bhidio-ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.


Bhiocair air ràdh gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith stampadh air daoine LCDT

2008-10-08 le Crìstean MacMhìcheil

Tha bhiocair anns An Eaglais Shasannach air ràdh air a’ bhlòg aige gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith air stampadh air daoine LCDT.


Mormonaich mì-shoilleir a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach

2008-10-04 le Crìstean MacMhìcheil

Tha an Eaglais Mhormonach air bileag fhoillseachadh mu phòsadh aon-sheòrsach.


Ceannard LCDT ga mhurt ann am Baghdad

2008-09-26 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh ceannard LCDT a mhurt ann am Baghdad, Ioràc an-dè.


Riaghaltas Bhachrain airson clann co-sheòrsach gam peanasachadh

2008-04-23 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Riaghaltas Bhachrain a’ dèanamh iomairt gus co-sheòrsachd a chur às dhan dhùthaich.


Iomairt “ex-gay” gu bhith stèidheachadh anns a’ Chuimrigh

2008-04-22 le Crìstean MacMhìcheil

Tha an Crìosdaidh Bun-chreidmheach (Fundamentalist Christian) chonnspaideach Stephen Green air ràdh gum faodadh iomairt ex-gay a bhith a stèidheachadh anns a’ Chuimrigh.


Ceannard an Eaglais Anglican a’ cur taic ri casg air càraidean co-sheòrsach aig a’ Phrom

2008-04-15 le Crìstean MacMhìcheil

Tha ceannard an Eaglais Anglach ann an Astràilia air taic a thoirt ri casg air càraidean co-sheòrsach aig a’ Phrom.


Buidheann God Hates Fags gu bhith a’ caill na h-eaglais aca

2008-04-09 le Crìstean MacMhìcheil

Tha breitheamh feadarail anns na Stàitean Aonaichte ag ràdh gum bu chòir dhan Westboro Baptist Church agus na h-oifisean aig Phelps-chartered Law a bhith air an toirt air falbh bhon luchd-seilbh aca gus càin de $5m a phàigheadh.


Cruinneachadh gus taic a thoirt ri neach-poileataigs a tha dhen bheachd gu bheil a’ choimhearsnachd LCDTE nas miosa na ceannaircich

2008-04-05 le Crìstean MacMhìcheil

Chruinnich còrr ’s mìle daoine ann an Oklahoma Diciadain gus taic a thoirt ri Riochdaire Sally Kern.


Neach-poileataigs air tionndadh an aghaidh PFLAG

2008-04-02 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Riochdaire Sally Kern air tionndadh an aghaidh PFLAG an dèidh coinneamh dòchasach còmhla riutha seachdain seo chaidh.


Tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd

2008-03-30 le Crìstean MacMhìcheil

Tha tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd air sgàth ’s gu bheil an gnèitheachd aca a’ dol an aghaidh poileasaidh creideamh nan sgoiltean.


Neach-poileataigs aig a bheil gràin-co-sheòrsachd a’ coinneachadh le PFLAG

2008-03-29 le Crìstean MacMhìcheil

Tha neach-poileataigs à Oklahoma, a tha ainmeil airson ag ràdh gu bheil daoine co-sheòrsach nan bagairtean nas motha ris na Stàitean Aonaichte na tha ceannaircich, air a bhith a’ coinneachadh le buidheann PFLAG (Parents & Friends of Lesbians & Gays).


Buidheann Irish Queers a’ togail fianais an aghaidh caismeachd Naomh Pàdraig

2008-03-17 le Crìstean MacMhìcheil

Bha am buidheann Irish Queers a’ togail fianais an aghaidh caismeachd Naomh Pàdraig ann an Nuadh Eabhrac an-diugh.


Gearanan mu dheidhinn sanasan co-sheòrsach air an diùltadh

2008-03-17 le Crìstean MacMhìcheil

Tha an ASA (Advertising Standards Authority) ag ràdh nach eil iomairt sanasachaidh a’ bhuidheann Stonewall a’ dol an-aghaidh an còd aca.


Nirribhidh a’ dèanamh pòsaidhean aon-sheòrsach laghail

2008-03-17 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh reachdas ùr a chur ri chèile ann an Nirribhidh a bhios a’ toirt cead pòsaidh do càraidean aon-sheòrsach a bharrachd air còirichean co-ionann a-thaobh cùram air clann.


Easbaig a tha ri gràin-co-sheòrsachd neo-criosdaidheachd a rèir BPA

2008-03-14 le Crìstean MacMhìcheil

Tha George Foulkes, Ball Pàrlamaid na h-Alba, air ràdh gu bheil e ag aontachadh le aithris a’ bhuidheann co-ionannachd Stonewall anns an tuirt iad gu bheil Easbaig Joseph Devine neo-criosdaidheachd.


Easbaig a’ càineadh a’ choimhearsnachd LCDTE

2008-03-14 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Easbaig Caitligeach a’ tagradh gu bheil daoine co-sheòrsach a’ dèanamh co-fheall an aghaidh dualchas Crìosdaidheachd.