Blog

Obair-taighe

2019-11-17 le Crìstean MacMhìcheil

Tha mi duilich gu bheil Geidh.uk air a bhith sàmhach o chionn ghoirid ach tha mi air a bhith trang leis m’ obair làitheil. Nuair a tha ùine shaor air a bhith agam tha mi air a bhith ag obair air còd Geidh.uk a sgioblachadh agus a dhèanamh nas èifeachdaiche.

A' gluasad bho Wordpress gu Jekyll

2019-02-17 le Crìstean MacMhìcheil

O chionn 2008 tha Geidh.uk air a bhith na bhlog Wordpress (a’ ruith grunn plugain treas-phàrtaidh) a tha mi air a bhith ag òstaireachd agus a’ cumail suas leam fhèin.

Dh’obraich e math gu leòr airson greis, ach tha mi air a bhith a’ fàs sgìth le duilleagan slaodach, mearachdan frithealaiche, amannan far-loidhne agus ùrachaidhean a stàladh fad na h-ùine agus mar sin tha an làrach-lìn a-nis air gluasad bho Wordpress gu Jekyll.

Postairean Stonewall

2019-01-05 le Crìstean MacMhìcheil

Postairean Gàidhlig ann an stoidhle an iomairt “Some People are Gay” le Stonewall.

Gèidh.uk agus Pink Saltire gu bhith co-obrachadh air sèirbheis-naidheachd LGBT do Ghàidheil

2018-03-28 le Crìstean MacMhìcheil

Tha mi air leth toilichte a bhith ag obair comhla ri Pink Saltire gus barrachd den t-susbaint aca a thabhann tro mheadhan na Gàidhlig!

Tha GeidhUK air Twitter

2018-01-01 le Crìstean MacMhìcheil

Ma tha sibh airson cumail suas leis an naidheachd as ùire bho Gèidh.uk faodaidh sibh gar leantainn air Twitter thall aig @GèidhUK.

CUNNTAS-BEACHD: Am b’ fheàrr leibh sgeulachdan ùra Naidheachdan Pinc gu làitheil no gach seachdain?

2009-11-04 le Crìstean MacMhìcheil

Am b’ fheàrr leibh sgeulachdan ùra Naidheachdan Pinc gu làitheil neo gach seachdain?

Cuiribh fios gu Naidheachdan Pinc air post-d air neo gu @NaidheachdanPnc air Twitter.