An Roinn-eòrpa
Daoine tar-ghnèitheach san Ungair gan casg bho bhith ag atharrachadh an gnè laghail aca
2020-05-20 le Crìstean MacMhìcheil
Tha pàrlamaid na h-Ungaire air bhòtadh airson lagh a chuireas casg air daoine tar-ghnèitheach an gnè aca atharrachadh air sgrìobhainnean oifigeil.
Carragh-cuimhne do dhaoine co-sheòrsach a dh’fhulaing geur-leanmhainn nan Nàsach air a mhilleadh
2019-08-20 le Crìstean MacMhìcheil
Tha AP News anns a’ Ghearmailt ag aithris gun deach carragh-cuimhne do dhaoine co-sheòrsach a dh’fhulaing geur-leanmhainn nan Nàsach a mhilleadh.
Geamaichean-bhidio LCDTQ air an taisbeanadh ann an taigh-tasgaidh Bherlin
2019-01-07 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Taigh-tasgaidh Schwules ann am Berlin air taisbeanadh ùr fhosgladh gus geamaichean-bhidio LCDTQ a chomharrachadh.
Eòlaiche Sgaoileadh-ghalaran air iarraidh air Riaghaltas Innis Tìle crìoch a chur air a’ chasg a tha toirmeasg daoine gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala
2019-01-06 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Þórólfur Guðnason, aon dhe na prìomh Eòlaichean Sgaoileadh-ghalaran (Epidemiologist) ann an Innis Tìle, air iarraidh air an riaghaltas crìoch a chur air a’ chasg iomlan a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.
A’ chiad cead-siubhail neo-ghèitheach air a thoirt a-mach anns na Tìrean Ìsle
2018-10-23 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh cead-siubhail neo-ghnèitheach (gender neutral) a thoirt a-mach anns Na Tìrean Ìsle airson a’ chiad turas.
Luchd-poilitigs Liberalach air a chàineadh airson bhòt cudromach air Brexit a chaill
2018-07-18 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh dithis neach-poilitigs Libearalach a chàineadh Dimàirt as dèidh dhan bhòt cudromach air Brexit a chaill sa Phàirlamaid a’ ciallachadh gun dh’fhuair atharrachaidhean nan Tòraidhean air plana Brexit tron Phàrlamaid le dìreach trì bhòtaichean.
Luchd-poilitigs co-sheòrsach airson reifreann eile air Brexit
2018-07-17 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Justine Greening, BP ag iarraidh reifreann eile air Brexit agus i air ràdh gur e “fudge” a th’ ann am molaidhean a’ Phrìomhaire Theresa May.
Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil
2018-06-21 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul foirmeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil.
Leo Varadkar na chiad Phrìomhaire co-sheòrsach aig Èirinn
2017-06-02 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh Leo Varadkar a thaghadh mar cheannard am pàrtaidh poilitigeach Fine Gael an-diugh agus e a-nis gu bhith a chiad Prìomhaire (Taoiseach) co-sheòrsach ann an eachdraidh na h-Èirinn.
Prìomhaire co-sheòrsach gu bhith aig Èirinn?
2017-06-01 le Crìstean MacMhìcheil
Thathar an dùil gun tèid Leo Varadkar, 38 a thaghadh mar ceannard am pàrtaidh poilitigeach Fine Gael.
Companasan-catharra air a dhèanamh laghail ann an Èirinn
2011-01-03 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh laghan ùra a chur an gnìomh ann an Èirinn Disathairne gus companasan-catharra a dhèanamh laghail anns an dùthaich.
[1]: http://www.lgbtnoise.ie/ “lgbtNoise | Gay Civil Marriage Now!” |
Iomairt Facebook airson a’ chiad ceann-suidhe co-sheòrsach aig na h-Èirinn
2010-10-22 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh iomairt a chur an sàs air Facebook gus a’ chiad ceann-suidhe co-sheòrsach a thaghadh ann an Èirinn.
Aonadh Èireannach air ràdh gu bheil leth-bhreith ceadaichte ann an sgoiltean
2010-04-08 le Crìstean MacMhìcheil
Tha aonadh teagaisg Èireannach air ràdh gu bheil laghanan co-ionannachd a’ toirt cead do sgoiltean cràbhach a bhith a’ dèanamh leth-bhreith air tidsearan co-sheòrsach.
Deasbad mu companasan-catharra san Eilean Mhanainn
2010-02-22 le Crìstean MacMhìcheil
Thathar gu bhith a’ deasbad Bile Companasan-catharra anns an House of Keys a-màireach.
Bile Gnè Mhanainneach air gluasad air adhart
2009-03-14 le Crìstean MacMhìcheil
Tha bile ùr gus an t-Eilean Mhanainn a thoirt gu ìre an Rìoghachd Aonaichte a-thaobh poileasaidhean gnè air faighinn tron a’ chiad ceum dhen Chomhairle Lagha.
Gnìomhaichean dòchasach gum faigh iad cead airson caismeachd pròise a chumail san Ruis
2008-10-08 le Crìstean MacMhìcheil
Tha gnìomhaichean Nicolas Alexeyev agus Anna Komarova ann an Tambov, an Ruis, an dùil tagradh a chur a-steach gus caismeachd pròise a chumail sa bhaile.
Eadailteach air £80,000 fhaighinn air sgàth ’s gun do chiall e an cead-dràibhidh aige o chionn ’s gu bheil e co-sheòrsach
2008-07-20 le Crìstean MacMhìcheil
Tha cùirt air Riaghaltas na h-Eadailt òrdachadh gus €100,000 (£80,000) a thoirt gu daoine co-sheòrsach a chiall an cead-dràibhidh aige o chionn ’s an gnèitheachd aige.
Triùir ann an Eilean Lesbos a’ toirt buidheann LCDT gu lagh
2008-05-07 le Crìstean MacMhìcheil
Tha triùir ann an Eilean Lesbos, a’ Ghrèig, a’ toirt buidheann LCDT gu lagh air sgàth ’s gu bheil iad a’ cleachdadh am facal “leasbach” anns an ainm aca.
An Roinn Eòrpa a’ ceasnachadh an Rìoghachd Aonaichte mu dheidhinn còirichean LCDT ann an Diobraltar
2008-05-07 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Riaghaltas na Bhreatainn air innse do Chomhairle na h-Eòrpa gu bheil iad a’ coimhead air còirichean LCDT leasachadh ann an Diobraltar.
Aithisg ùr a’ sealltainn gu bheil sgaradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh de dhaoine tar-ghnèitheach
2008-04-30 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Comann Eadar-nàiseanta Leasbach agus Co-sheòrsach (ILGA) air aithisg ùr fhoillseachadh a tha a’ sealltainn gu bheil sgaradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh de dhaoine tar-ghnèitheach.
Coimisean Eòrpach air òrdugh leth-bhreith a thrèigsinn
2008-04-23 le Crìstean MacMhìcheil
Air sgàth ’s gearanan bhon a’ Ghearmailt agus eile tha an t-Aonadh Eòrpach air òrdugh a bhiodh a’ dìon daoine LCDT bho leth-bhreith a thrèigsinn.
Eilean Mhanainn air dreachd bhile a dhèanamh gus còirichean co-ionann a thoirt ri daoine tar-ghnèitheach
2008-04-21 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Eilean Mhanainn air dreachd bhile fhoillseachadh a bhios ag aithneachadh daoine tar-ghnèitheach gu h-oifigeil.
Na bliadhnaichean ri teachd mì-chinnteach airson Iorànach co-sheòrsach
2008-04-08 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Medhi Kazemi air tilleadh ris an Rìoghachd Aonaichte.
Iorànach co-sheòrsach gu bhith a’ fuireach anns a’ Ghrèig
2008-03-31 le Crìstean MacMhìcheil
Tha gnìomhaichean LCDTE anns a’ Ghrèig a’ dèanamh subhachas an dèidh dhan Riaghaltas tèarmann a thoirt ri Iorànach co-sheòrsach a bha gu bhith a’ fuadach a-mach.
Deugaire co-sheòrsach gu bhith a’ fuadachadh a-mach às an Èilbheis air ais gu Camarun
2008-03-17 le Crìstean MacMhìcheil
Tha deugaire co-sheòrsach gu bhith a’ fuadachadh a-mach às an Eilbheis air ais gu Camarun far am b’ urrainn dha a bhith ga chur an greim agus ga dhìteadh gu peanas corparra.
Nirribhidh a’ dèanamh pòsaidhean aon-sheòrsach laghail
2008-03-17 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh reachdas ùr a chur ri chèile ann an Nirribhidh a bhios a’ toirt cead pòsaidh do càraidean aon-sheòrsach a bharrachd air còirichean co-ionann a-thaobh cùram air clann.
Buidheann LCDT Grèigeach air beàrn a lorg ann an laghan pòsaidh
2008-03-14 le Crìstean MacMhìcheil
Tha buidheann LCDT anns a’ Ghrèig (OLKE) a’ bagairt ùghdarrasan ionadail a thoirt gu lagh air sgàth ’s nach eil iad deònach càraidean co-sheòrsach a phòsadh ged a lagan pòsaidh a’ mìneachadh pòsadh mar aonadh eadar daoine an àite duine agus bean.