A’ Chiad Fèis-pròise airson na h-Eileanan an Iar

15 September 2018 le

Chaidh ainmeachadh Diardaoin gun tèid a’ chiad fèis-pròise a-riamh a chumail anns na h-Eileanan an Iar 6mh Dàmhair.

Roinn-sèorsa: Alba, Fèisean-pròise


Dè na riochdairean a th’ ort?

17 August 2018 le

Seo agaibh ceangal gu deasbad gu math inntinneach le Anna NicNeacail (@axnicho) agus Michael Bauer (@akerbeltz) mu bhriathrachas LCDTE agus gu h-àraid riochdairean freagarrach do dhaoine neo-bhìnearaidh: https://transponderings.blog/2018/03/09/de-na-riochdairean-a-th-ort/

Roinn-sèorsa: Ceanglaichean, Gàidhlig


Comhairliche tar-ghnèitheach Albannach a’ leigeil às an dreuchd mar thoradh air droch dhìol

15 August 2018 le

Tha an aon comhairliche tar-ghnèitheach ann an Alba air ainmeachadh gum bidh iad a’ leigeil às chuid dhe na dreuchdan aca mar thoradh air “sreath de dhroch dhìol guineach agus seasmhach” a’ toirt a-steach bagairtean bàis.

Roinn-sèorsa: Alba, Poilitigs


Baile beag Cuimreach airson a’ chiad fèis-pròise aige a chumail

13 August 2018 le

Tha coimhearsnachd beag anns a’ Chuimrigh air tighinn còmhla gus fèis-pròise a phlanadh air 1mh t-Sultain 2018.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Fèisean-pròise


Ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt dhan a’ choimhearsnachd LCDT aig Fèis-pròise Pheairt

12 August 2018 le

Tha ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt seachad aig Fèis-pròise Pheairt airson cron sam bith a tha an eaglais air a dhèanamh dhan a’ choimhearsnachd LCDT.

Roinn-sèorsa: Alba, Creideamh, Fèisean-pròise


Comhairle Obair Dheathain a’ rannsachadh sgaoileadh de bhileagan a dh’fhaodadh a bhith gràineil ri daoine LCDTE

25 July 2018 le

Chaidh rannsachadh a chur air bhog le Comhairle Obair Dheathain an dèidh sgaoileadh de bhileagan a dh’fhaodadh a bhith gràineil ri daoine LCDTE.

Roinn-sèorsa: Alba


Juice1038 na chiad stèisean rèidio LCDTE ann an Èirinn a Tuath

24 July 2018 le

Tòisichidh Juice1038 a’ craoladh bho phrìomh-bhaile Èirinn a Tuath air 4mh An Lùnastal, an aon latha ri Fèis-pròise Bheul Feirste.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Cùltar


Sagart Caitligeach air a chur à dreuchd airson ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia

19 July 2018 le

Chaidh an t-sagart Caitligeach Mark Morris a chur à dreuchd le Oilthigh Cailleannach Ghlaschu as dèidh dha ràdh gu bheil fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia.

Roinn-sèorsa: Alba, Creideamh, Fèisean-pròise


Luchd-poilitigs Liberalach air a chàineadh airson bhòt cudromach air Brexit a chaill

18 July 2018 le

Chaidh BP Libearalach Tim Farron a chàineadh Dimàirt as dèidh dha bhòt cudromach air Brexit a chaill sa Phàrlamaid o chionn ‘s gun robh e a’ frithealadh co-labhairt eaglais gus bruidhinn air an connspaid mu a bheachdan air fèise co-sheòrsach agus Crìosdaidheachd.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, An Roinn-eòrpa, Creideamh, Poilitigs


Proud Ness gu bhith a’ cumail sreath de thachartasan LCDTE air feadh na Ghàidhealtachd

18 July 2018 le

Chaidh a dhearbhadh le Fòram LCDTE na Gàidhealtachd an-diugh gun tèid fèis-pròise a chumail ann an Inbhir Nis 8mh An Dàmhair 2018.

Roinn-sèorsa: Alba, Cùltar, Fèisean-pròise


Luchd-poilitigs co-sheòrsach airson reifreann eile air Brexit

17 July 2018 le

Tha dithis neach-poilitigs co-sheòrsach airson bhòt eile air Brexit.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, An Roinn-eòrpa, Poilitigs


Nicola Sturgeon na h-Àrd-Mharasgal na Caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu

15 July 2018 le

Bha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon aig ceann na caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.

Roinn-sèorsa: Alba, Fèisean-pròise, Poilitigs


Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil

21 June 2018 le

Tha Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul foirmeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil.

Roinn-sèorsa: An Roinn-eòrpa, Èirinn, Poilitigs


Duine tar-ghnèitheach a’ strì airson a bhith air aithneachadh gu h-oifigeil mar athair a phàiste

19 June 2018 le

Tha duine tar-ghnèitheach anns an Rìoghachd Aonaichte a’ strì airson a bhith air aithneachadh gu h-oifigeil mar athair a phàiste.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Poilitigs


BPA SNP a’ càineadh Bile nan Eucoirean Feise

19 June 2018 le

Tha John Mason BPA air a bhith a’ càineadh lagh ùr a chitheas mathanas a thoirt do dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh an dìteadh fo laghan eachdraidheil.

Roinn-sèorsa: Alba, Poilitigs


Bhidio ùr a’ soilleireachadh an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala

8 June 2018 le

Tha an iomairtiche airson còirichean LCDTE+, Peter Tatchell, air bhidio a sgaoileadh air YouTube gus an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a shoillearachadh.

Roinn-sèorsa: Slàinte


Lìonra ùr stèideachadh gus taic a thoirt ri thidsearan LCDT+

7 June 2018 le

Chaidh lìonra air loidhne ùr stèideachadh an seachdain seo gus taic a thoirt ri thidsearan LCDT san Rìoghachd Aonaichte.

Roinn-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Foghlam, Teicneòlas


Maoineachadh air a ghlachadh airson tachartas òigridh aig a’ chiad Fhèis Pròis Dhùn Dè

7 June 2018 le

Chaidh maoineachadh de £2500 a ghlacadh leis a’ bhuidheann-òigridh Purple Dragons gus tachartas òigridh a chumail mar phàirt dhen chiad Fhèis Pròis Dhùn Dè.

Roinn-sèorsa: Alba, Fèisean-pròise


Pàrlamaid na h-Alba air bhòtadh gus Lagh Thuring a chur an gnìomh

6 June 2018 le

Tha Pàrlamaid na h-Alba air bhotadh gu h-aon-ghuthach airson lagh ùr a chur an gnìomh a chìthear mathanas oifigeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh an dìteadh fo laghan lethbhreith eachdraidheil.

Roinn-sèorsa: Alba, Poilitigs


Moladh gus leigeil le clann Albannach gnè atharrachadh air an teisteanas breith aca

4 June 2018 le

Bu chòir clann cho òg ri 12 a bhith comasach air gnè atharrachadh air an teisteanas breith aca gun taic phàrant, a-rèir Coimiseanair Cloinne is Òigridh na h-Alba.

Roinn-sèorsa: Alba, Poilitigs