Mu Dheidhinn Geidh.uk

Bidh Geidh.uk a’ toirt thugaibh sa Ghàidhlig na naidheachdan LGBT+ as ùire le fòcas àraidh air naidheachd Albannach.

Chaidh a stèidheachadh ann an 2008 mar Naidheachdan Pinc le Crìstean MacMhìcheil nuair a bha e na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig.

‘S e prìomh-amasan Geidh.uk a bhith:

  • a’ tabhann seirbheis naidheachd do Ghàidheil LCDTE+;
  • a’ brosnachadh cultar, dualchas agus ealain LCDTE+ taobh a-staigh coimhearsnachd na Gàidhlig;
  • a’ brosnachadh  co-ionnanachd agus iomadachd;
  • a’ lughdachadh iomallachd sa choimhearsnachd LCDTE+ Gàidhealach le bhith a’ cruthachadh cheanglaichean brìoghmhor agus luachmhor

Mu Dheidhinn Crìstean MacMhìcheil

‘S ann à Inbhir Pheofharain a tha mi o thùs agus tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Sìorrachd Rois cha mhòr fad mo bheatha.

Thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha mi nam oileanach aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Ann an 2006 rinn mi CertHE Cùrsa Comais aig Colaiste Inbhir Nis. Eadar 2006 agus 2010 bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a’ dèanamh Ceum BA (le Urram) ann an Gàidhlig ‘s Leasachadh. Mar phàirt dhen cheum agam rinn mi modalan coimpiutaireachd agus naidheachdas.

Nuair a bha mi nam oileanach aig SMO cha robh mi eòlach air mòran Gàidheil LCDTE+ eile agus mar sin chruthaich mi a’ bhuidheann-còmhraidh GayGaels air Bebo gus am biodh àite ann airson Gàidheil LCDTE+ a bhith a’ conaltradh ri chèile.

Ann an 2007 chruthaich mi AbairThusa a bha na chiad lìon-sòisealta do Ghàidheil.

Tha mi nam glasraichear-cruaidh (vegan).