Maoineachadh de £1 millean a bharrachd dhan iomairt an aghaidh burraidheachd LCDT+

5 November 2018 le

Deasaichte: 5 November 2018

Roinnean-sèorsa: An Rìoghachd Aonaichte, Foghlam, Poilitigs

Chaidh ainmeachadh leis an Riaghaltas Didòmhnaich gun tèid maoineachadh de £1 millean a bharrachd a thoirt dhan iomairt an aghaidh burraidheachd LCDT+ ann an sgoiltean.

Tha an iomairt stèidhichte ann an 1200 sgoiltean Shasannach mu thràth ach thuirt Ministear nam Ban agus Co-ionannachd, Penny Mordaunt, gum bidh tabhartasan ùr ri fhaighinn a’ tòiseachadh an-diugh (5mh An t-Samhain 2018) leis an amas a bhith a’ sabaid burraidheachd LCDT+ ann am barrachd sgoiltean air feadh na dùthcha.

A-rèir an Riaghaltas tha diofar phàirtean am broinn a’ phrògraim. Tha pàirt dheth ag amas air luchd-teagaisg a thrèanadh gus comharran tràtha air burraidheachd a lorg agus mar a ghabhas eadar-theachd iomchaidh a dhèanamh. Tha pàirt eile dheth a’ toirt ghoireasan do luchd-teagaisg gus leasanan a lìbhrigeadh air cùisean LCDT.

Tha Oifis Co-ionannachd an Riaghaltas (GEO) cuideachd air maoin ùr de £600,000 a stèidheachadh do bhuidhnean coimhearsnachd ionadail a bhios a’ toirt seachad seirbheisean do dhaoine LCDT+ agus £1 millean eile do bhuidhnean a’ dèanamh fòcas air slàinte agus cùram sòisealta de dhaoine LCDT+.

Tha am maoineachadh ùr seo air tighinn mar fhreagairt air suirbhidh riaghaltais de dhaoine LCDT+ – an sgrùdadh as motha dhen t-seòrsa seo a riamh – nas tràithe am bliadhna.

Cuideachd mar fhreagairt air an t-suirbhidh, dh’ainmich an Riaghaltas Plana Gnìomh LCDT anns an Iuchar a tha air air a dhèanamh suas le 75 geallaidhean airson dèiligeadh ri leth-bhreith agus leasachadh beatha dhaoine LCDT+ san Rìoghachd Aonaichte.

B’ e cuid dhe na geallaidhean gum biodh comhairliche slàinte LCDT+ a chur an dreuchd agus gum biodh casg a chur air leigeasan atharrachaidh co-sheòrsach.

Cuideachd dh’ainmich a’ Bh-uas Mordaunt gun tèid naoinear a fhastadh airson ballrachd a ghabhail ann am pannal comhairleachaidh LCDT còmhla ri bhuill eile bho Stonewall, an Co-bhanntachd LCDT agus am Fonndas LCDT gus comhairle a thoirt ris an Riaghaltas air poileasaidh LCDT. Thathar an dùil gun tèid am pannal a stèidheachadh am mìos seo.


Tagaichean

, , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , ,


Co-Roinneadh



Thoir Beachd