Lasachadh nan riaghailtean a thaobh fireannaich co-sheòrsach a’ toirt seachad fala ann an Èirinn a Tuath

2020-05-07 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh ainmeachadh gun tèid an lagh atharrachadh ann an Èirinn a Tuath gus am bi fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad cho fhad ’s nach eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad trì mìosan.

Derek Ogg air bàsachadh

2020-05-04 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Derek Ogg, an neach-lagha a stiùir an iomairt gus maitheanas a thoirt do dh’fhireannaich gèidh agus dà-sheòrsach a chaidh a dhìteadh airson eucoirean feise ann an Alba, air bàsachadh aig aois 65.

Stad air a chur air an obair gus Achd Aithneachadh Gnè na h-Alba ath-leasachadh

2020-04-05 le Crìstean MacMhìcheil

Dhearbh Graeme Dey, Ministear airson Gnothaichean na Pàrlamaid agus Seann-saighdearan, an seachdain seo gun deach dàil a chur air obair a’ Phàrlamaid air cìs turasachd, ath-leasachaidhean gnè agus reachdas Brexit gus an urrainn do BhPA fòcas a dhèanamh air èiginn a’ Choròna-bhìoras.

Àireamh de dhaoine a' cleachdadh loidhne-chuideachaidh LCDT+ air àrdachadh air sgàth Coròna-bhìoras

2020-03-29 le Crìstean MacMhìcheil

Tha carthannas LCDT+ air aithris gu bheil iad air àrdachadh mòr fhaicinn anns an àireamh de dhaoine a’ cleachdadh an loidhne-chuideachaidh aca bho thòisich daoine fuireach san taigh air sgàth Coròna-bhìoras.

Fireannach fo chasaid ionnsaigh a thoirt air deugair tar-ghnèitheach

2020-01-04 le Crìstean MacMhìcheil

Tha fireannach, 18, fo chasaid ionnsaigh a thoirt air deugair tar-ghnèitheach ann an Àird Rosain anns an t-Samhain.

Tagraiche taghaidh Obar Dheathain air a chur à rèim airson puist an-aghaidh nan Iudhach agus nan co-sheòrsach

2019-11-20 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh Ryan Houghton, tagraiche taghaidh Obar Dheathain a Tuath, a chur à rèim le Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba as dèidh dha puist an-aghaidh nam Muslamach, an-aghaidh nan Iùdhach agus an-aghaidh nan co-sheòrsach a sgrìobhadh ann am fòram air loidhne.

Tagraiche taghaidh Ghleann Rathais air cogadh a ghairm an-aghaidh na coimhearsnachd LCDTQ

2019-11-20 le Crìstean MacMhìcheil

Tha tagraiche taghaidh ann an Gleann Rathais air taic a’ Phàrtaidh Bhrexit a chall as dèidh dha cogadh a ghairm an-aghaidh na coimhearsnachd LCDTQ+.

Obair-taighe

2019-11-17 le Crìstean MacMhìcheil

Tha mi duilich gu bheil Geidh.uk air a bhith sàmhach o chionn ghoirid ach tha mi air a bhith trang leis m’ obair làitheil. Nuair a tha ùine shaor air a bhith agam tha mi air a bhith ag obair air còd Geidh.uk a sgioblachadh agus a dhèanamh nas èifeachdaiche.

Proud Ness air ath-ainmeachadh gu Highland Pride

2019-10-13 le Crìstean MacMhìcheil

Tha eagraichean Fèis-pròise Inbhir Nis air ainmeachadh gun tèid am buidheann aca ath-ainmeachadh gu Highland Pride gus coimhearsnachd LCDT+ na sgìre air fad aithneachadh.

Inbhe athair air a dhiùltadh do thar-fhireannach

2019-09-27 le Crìstean MacMhìcheil

Tha an Àrd-chùirt ann an Lunnainn air co-dhùnadh nach fhaod tar-fhireannach, Freddy McConnell, clàradh mar athair air teisteanas-breith an leanabh aige air sgàth ‘s gun do rug e an leanabh.