Dualchas

Tha eachdraidh LCDT fada agus cudromach againn ann an Alba. Gu h-ìosal gheibhear geàrr-chunntas ghoirid de cuid de na tachartasan agus daoine a tha air buaidh mhòr a thoirt air eachdraidh LCDT na h-Alba.

1603

Thug Seumas VI na h-Alba is I Shasainn iomradh air Seòras Villers mar 'my dear child and wife'.

Chan eil e soilleir, ach tha cuid de dh'eòlaichean dhen bheachd gu ro e co-sheòrsach no dà-sheòrsach.


1732

Chaidh an cluba Beggar's Benison a stèidheachadh ann an Ànsruthair, Fìobha, gus feisealachd fireannach a chomharrachadh.


1806

Thug Isabel Gunn an t-ainm Iain Fubbister oirre fhèin gus am faigheadh i obair le Companaidh Bàgh Hudson. Chaidh a lorg ann an 1806 nuair a bhreith i leanabh agus chaidh a cur dhachaigh o Chanada a Àrcaibh.


1809

Thog sgoilear aig sgoil phrìobhaideach ann an Drumsheugh, Dùn Èideann casaid an aghaidh dithis thidsear, Marianne Woods agus Jane Piries, gun robh iad ann an dàimh ghnèitheasach.

Dhùin an sgoil sa bhad agus thòisich sreath de chùisean-lagha nan aghaidh a mhaireas gu 1820.

Ged a bhuannaich iad a' chùis aig aig a' cheann thall, bha an dithis air fhàgail ann am bochdainn mar thoradh cìsean laghail mòra.


1865

Ann an 1865 bhàsaich Dr. Seumas Barry agus chaidh a lorg gun deach gnè boireannach a chur air aig àm a bhreith.

Nuair a bhàsaich e, bha Dr. Barry air a bhith na dhotair armailteach fad 46 bliadhna agus ràinig e ìre Àrd-sgrùdaire nan Ospadalan Armailteach.

1901

Bhàsaich an neach-poileataigs Murchadh Hall ann an Eabhraig Nuadh agus chaidh a lorg gun deach gnè boireannach a chur air aig àm a bhreith.

Nuair a bhàsaich e, bha e air a bhith na neach-poileataigs fad 25 bliadhna agus bha e a' fuireach ann am Baile Eabhraig còmhla ri a bhean agus an uchd-nighean aca.

Rugadh e mar Màiri Anderson ann am Baile a' Ghobhainn, Alba ann an 1841.


1903

Rugadh Eachainn MacDhòmhnaill (no Eachann nan Cath / The Fighting Mac mar a chanar ris) air an 4mh Am Màrt 1853 aig Rootfield, croit athair ann am Maol Buidhe faisg air Inbhir Pheofharain.

Ann an 1870 ghabh e ballrachd san Gòrdan Gàidhealach ‘s a dhà agus chaidh e gu na h-Ìnnseachan, Afghanistan, Afraga a dheas agus an Sudan na h-Èipheit.

Ann an 1900 chaidh e na Mhàidsear-Seanailear nuair a chaidh e gu Afraga a dheas agus ann an 1901 thug an Rìgh an tiotal Mhàidsear-Seanailear Sir Eachainn MacDhòmhnaill air.

Chaidh e gu Ceylon ann an 1902 ach cha robh na h-oifigearan eile a bha còmhla ris toilichte gun robh iad ag obair còmhla ri mac croiteir agus ann an 1903 chuir iad pìos anns a’ phàipear-naidheachd a' moladh gun robh e co-sheòrsach.

“Dearest Mab, Do you really mean to say that, besides your-self three ladies (all up country ones, too) were the only ones who went to see our new General arrive?… Then, dear, you know we heard a whispered rumour that he does not like ladies, and possibly may have been pleasently surprised when he had dropped on a spicy little Isle where ladies are far and few between.” - Times of Ceylon 1903

Chuir Mhàidsear-Seanailear Sir Eachainn MacDhòmhnaill lamh na bheath fhèin

Chaidh an sgeulachd seo tro Ìompaireachd Breatannach agus shiubhail e air ais gu Breatainn airson cuideachadh a fhaighinn bhon Rìgh, ach cha robh an Rìgh airson a chuideachadh agus chaidh MacDhòmhnaill a chur air ais gu Ceylon far am biodh e an dùil ri “court-marshall”.

Stad MacDhòmhnaill ann am Paris air an t-slighe air ais gu Ceylon. Air 25mh Am Màrt 1903, fhad 's a bha e a' gabhail braicaist aig Taigh-osta Regina ann am Paris, leugh MacDhomhnaill sgeulachd mu a dheidhinn ann am pàipear-naidheachd. As dèidh a leughadh chaidh e air ais dhan seòmar aige agus chuir e làmh na bheatha fhèin.

Chan eil eòlaichean cinnteach fhathast nan robh e co-sheòrsach no an robh na h-oifigearan eile dìreach airson a chliù a mhilleadh air sgàth 's gum b' e mac croiteir a bh' ann. Tha fianais ann ge-tà gun robh e pòsta agus bha mac aige.

Eadar 1904 agus 1907 chaidh an Carragh-cuimhne Eachainn MhicDhòmhnaill a thogail air Cnoc Mhìcheil ann an Inbhir Pheofharain.


1925

Tha carragh-cuimhne Nelson ann an Glaschu air ainmeachadh ann an sgrìobhainnean na cùirte mar àite coinneachaidh airson fireannaich co-sheòrsach.


1934

Sgrìobh Lillian Hellman an dealbh-cluich The Children's Hour a bha stèidhichte air a' chuis-lagha Dhrumsheugh. Chaidh a thoirmeasg san Rìoghachd Aonaichte.


1957

Mhòl Aithisg Wolfenden gum bu chòir fèise co-sheòrsach co-aontachail a bhith air a dhèanamh laghail ach chaidh a dhiùltadh leis an Riaghaltas.

1961

Chaidh sgeulachd Dhrumsheugh a dhèanamh na film, The Children's Hour, le cleasaichean Audrey Hepburn, Shirley MacLaine, agus James Garner.



1969

B' e na h-Aimhreitean Stonewall sreath de dh'fhianaisean-dùbhlain ainneartach le buill a' choimhearsnachd LCDT an aghaidh ionnsaigh Poileis a thachair 28mh An Ògmhios 1969 aig Stonewall Inn ann am Manhattan. Chaidh an fheadhainn a bha an làthair air am bualadh, air an cur an grèim, agus air an ìsleachadh leis a' Phoileas.

Mhair na h-aimhreitean grunn oidhcheannan, agus nochd iomadh bhuidhnean gnìomhachd eagraichte as an dèidh.

Thathar a' creidsinn gur e an tachartas as cudromaiche ann eachdraidh an iomairt airson còirichean LCDT anns na Stàitean Aonaichte agus an còrr dhen t-Saoghail.

An-diugh, tha fèisean-pròise air an cumail gach bliadhna air feadh an t-saoghail gu deireadh an Ògmhios gus na h-aimhreitean Stonewall, agus a' choimhearsnachd LCDT san fharsaingeachd, a chomharrachadh.


1969

Chaidh an Scottish Minorities Group (SMG) a stèidheachadh ann an Glaschu gus iomairt a dhèanamh airson co-sheòrsachd a dhèanamh laghail ann an Alba.


1971

Chaidh a' chiad oidhche gèidh, Cobweb Disco, a chumail ann an Glaschu.


1971

Chaidh a' chiad iris bitheanta mu dheidhinn beatha LCDT ann an Alba, SMG News / Gay Scotland, a fhoillseachadh.


1973

Dh'fhosgail a' chiad bàr gèidh, Waterloo Bar, ann an Glaschu.


1974

Chaidh a' chiad Co-labhairt Eadar-nàiseanta Còirichean Gèidh a chumail ann an Dùn Èideann.


1976

Sheall BBC 1 The Scottish Minorities Group - Glad to be Gay?, film-aithriseachd mu dheidhinn obair SMG.


1977

Dh'fhosgail The Gay Centre ann an Sràid Sauchiehall, Glaschu.


1978

Bha SMG air ath-ainmeachadh gu Scottish Homosexual Rights Group.


1978

Chaidh an iris Gay Granite a fhoillseachadh le Comann Gèidh Oilthigh Obar Dheathain.


1981

Rinn Achd Ceartas Eucoir 1980 (Alba) co-sheòrsachd laghail ann an Alba cho fhad 's a bha e prìobhaideachd, co-aontaichte agus gun robh na companaich nas sine na 21. Chaidh an achd a chur an gnìomh 1d An Gearran 1981.


1982

Bhàsaich Terry Higgins mar thoradh air tinneas co-cheangailte ri AIDS agus chaidh an carthannas Terrence Higgins Trust a stèidheachadh leis a chompanach agus a chàirdean. An-diugh 's e THT an carthannas HIV/AIDS as motha san Rìoghachd Aonaichte.


1982

Chur Aonadh Oilthigh Ghlaschu casg air comann gèidh an oilthigh bho bhith a' coinneachadh anns an togalach.


1982

Dh'fhosgail Lavender Menace, bùth leabhraichean LCDT ann an Dùn Èideann.


1983

Chaidh casg iomlan a chur air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a' toirt seachad fala air sgàth eagail mun ghalair HIV.


1984

Chaidh casaid a thogail an aghaidh Jeeves Bar ann an Obar Dheathain air sgàth 's gun do dhiùlt iad leasbaich ann an èideadh follaiseach agus buidhnean le barrachd air triùir dhaoine gèidh.


1988

Chaidh a' bhuidheann Stonewall UK a stèidheachadh gus iomairt a dhèanamh airson còirichean co-ionann LCDT. Bha Iain McKellen agus Mìcheal Cashman a-measg nam ball stèidheachaidh.


1988

Bha Earrann 28 (Section 28) dhen Achd Riaghaltas Ionadail 1988 na atharrachadh connspaideach air Achd Riaghaltas Ionadail 1986 a chaidh a chur an gnìomh air 24mh An Cèitean 1988.

Thuirt an achd nach bu chòir do dh'ùghdarrasan ionadail co-sheòrsachd a bhrosnachadh a dh'aona ghnothaich no stuth fhoillseachadh leis an rùn a bhith a' brosnachadh co-sheòrsachd, no teagaisg ann an sgoiltean a tha air an cumail leis an Riaghaltas gur e dàimh teaghlaich aontaichte a th' ann an co-sheòrsachd.

Cha b' fhada gus an robh buaidh Earrann 28 follaiseach, le cuid de sgoiltean agus comhairlean a' dùnadh buidhnean taic òigridh LCDT agus bha eagal air luchd-teagaisg mu bhruidhinn cùisean gèidh le oileanaich air sgàth eagal gun cailleadh iad maoineachadh stàite.

Ged a chaidh Earrann 28 a chur às leis Riaghaltas na h-Alba ann an 2000 agus Riaghaltas Bhreatainn ann an 2003, bha buaidh mhaireannach aige air siostam an fhoghlaim agus cha b' ann gu 2018 a dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir cùisean LCDT a bhith na phàirt dhen chlàr-teagaisg.


1989

Chaidh LGBT Youth Scotland a stèidheachadh ann an Dùn Èideann gus sreath de chothromannan agus seirbheisean a thabhann do dhaoine òga LCDT.


1990

Thàinig Edwin Morgan, Bàrd Ghlaschu, a-mach aig aois 70.


1991

Chaidh iomairt a chur air bhog gus airgead a thogail airson ionad LCDT a fhosgladh ann an Glaschu.


1993

Chaidh fèill bhliadhnail de chultar LCDT a chur air bhog leis an fhèis-ealain GlasGay!


1994

Chaidh The Steve Retson Project a chur air bhog gus HIV a shabaid.


1994

Chaidh an iris ScotsGay a fhoillseachadh airson a' chiad turas.


1995

Dh'fhosgail Ionad LCDT Ghlascu.


1995

Chaidh a' chiad Fèis-pròise na h-Alba, no Fèis-pròis Dhùn Èideann mar a th' air a-nis, a chumail ann an Dùn Èideann.


1996

Chaidh MCT Theatre Company, a' chiad chompanaidh dràma LCDT ann an Alba, a stèidheachadh.


1997

Chaidh The Equality Network a stèidheachadh gus iomairt a dhèanamh airson còirichean co-ionann do dhaoine LCDT na h-Alba.


2000

Chaidh an casg a bh' air daoine co-sheòrsach san airm a thogail.


2000

Chaidh Earrann 28 a chur às le Riaghaltas na h-Alba. Cha b' ann gu 2003 gun deach a chur às dhan chòrr de Bhreatainn.


2001

Chaidh an aois co-aontachaidh air ìsleachadh gu 16 airson fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach.


2002

Chaidh a' chiad fèis-pròise a chumail ann an Obar Dheathain.


2002

Chaidh an làrach-lìn OurStory Scotland a chur air bhog gus eachdraidh agus dualchas a' choimhearsnachd LCDT a chlàradh.


2004

Thug Achd Aithneachadh Gnè aithneachadh laghail do dhaoine tar-ghnèitheach airson a' chiad turas.


2005

Chaidh Mìos Eachdraidh LCDT a chumail san RA airson a' chiad turas.


2005

Chaidh na ciad companasan catharra aon-sheòrsach a chumail ann an Alba.


2005

Chaidh Steaphan Purcell a thaghadh mar cheannard Comhairle Ghlaschu. B' e esan an ceannard a b' òige agus na chiad fear gèidh a chaidh a thaghadh ann an eachdraidh a' bhaile.


2007

Thug Achd Uchd-mhacachd agus Cloinne (Alba) còirichean uchd-mhacachd co-ionann do chàraidean aon-sheòrsach.


2007

Chaidh Caidreachas Tar-ghnèitheach na h-Alba a chur air bhonn gus dèiligeadh ri leth-bhreith agus an cion fiosrachaidh agus taic do dhaoine tar-ghnèitheach ann an Alba.


2007

Chaidh ceathrar daoine LCDT a thaghadh mar Buill Pàrlamaid na h-Alba 's iad Pàdraig Harvey, Mairead Nic a' Ghobhainn, Joe Fitzpatrick agus Iain Mac a' Ghobhainn.


2009

Chaidh Cachín Cachán Cachunga!, co-chomann ealain neo-eisimeileach, a stèidheachadh ann an Dùn Èideann. 'S e prìomh amas CCC tachartasan agus obraichean ealain a dhèanamh airson / le daoine tar-ghnèitheach, eadar-ghnèitheach agus queer - gu h-àraid ma tha iad cuideachd ciorramach, bodhar, bochd, neurodivergent, Afragnaich, Asianaich, tùsanaich, imrichean, fògarraich, no buill de mhion-chinnidh eile sam bith.


2010

Chaidh Achd na Co-ionannachd a thoirt a-steach gus dìon an aghaidh leth-bhreith air sgàth feisealachd agus gnè.


2010

Chaidh Glasgow Frontrunners, a' chiad cluba-ruith LCDT a chur air bhog.


2011

Chaidh an casg iomlan a bh' air fireannaich bho bhith a' toirt seachad fala a chur às. Dh'fhaodadh iad fala a thoirt seachad as dèidh bliadhna gun a bhith ri feise le fireannach eile.


2011

Chaidh Rut NicDhaibhidh a thaghadh mar a' chiad ceannard gèidh aig Tòraidhean na h-Alba.


2011

Chaidh LEAP Sports a stèidheachadh ann an Glaschu gus dèiligeadh ri cnapan-starra ro dhaoine LCDTE ann an spòrs.


2013

Chomharraich fèis-ealain GlasGay! an 10mh bliadhna aca.


2014

Chaidh a' chiad fèis spòrs a chur air bhog le LEAP Sports.


2014

Dh'fhosgail The Rusty Nail a' chiad bàr LCDT ann an Sìorrachd Inbhir Àir.


2014

Chaidh na ciad pòsaidhean aon-sheòrsach ann an Alba a chumail air Oidhche Challainn.


2014

Dhùin Gay Men's Health ann an Glaschu as dèidh atharrachadh air maoineachadh sheirbheisean air feadh na dùthcha.


2014

Chaidh Pink Saltire, carthannas naidheachd is fiosrachaidh LCDT na h-Alba, a stèidheachadh.


2015

Chaidh a' chiad Duaisean LCDTE na h-Alba a chumail leis The Equality Network ann an Glaschu.


2015

Chaidh an iris Scene Alba a fhoillseachadh airson a' chiad turas.


2015

Chaidh fèis-pròise an-asgaidh a chumail ann an Glaschu mar roghainn eile seach Fèis-pròise Ghlaschu.


2015

Chaidh am fèis film SQIFF (Scottish Queer International Film Festival) a chumail airson a' chiad turas.


2015

Chaidh Fèis-pròise Lodainn an Iar a chur air bhog ann am Baile Laobhainn.


2015

Chaidh an iomairt TIE (Time for Inclusive Education) a chur air bhog le Jordan Daly agus Liam Stevenson gus iomairt a dhèanamh airson siostam foghlaim nas in-ghabhailiche ann an Alba.


2015

Chaidh an sgioba rugbaidh LCDT, Glasgow Alphas, a stèidheachadh.


2015

Chluich na sgiobaidhean ball-coise LCDT Albannach, Saltire Thistle agus Hotscots, an aghaidh a chèile sa gheama mu dheireadh de cho-fharpais cupa lìog GFSN.


2015

Chaidh Pride House a fhosgladh le LEAP Sports ann an Glaschu.


2016

Chaidh a' chiad aithisg (Attitudes Towards LGBT in Scottish Education) a fhoillseachadh leis an iomairt TIE.


2016

Chaidh The Fife Rainbow Gala & Awards a chumail ann an Dùn Phàrlain agus b' e a' chiad tachartas LCDT san sgìre a bh' ann.


2016

Chaidh Daibhidh Mundell a thaghadh na chiad bhall Tòraidheach gèidh anns a' chaibineat.


2016

Chaidh sreath de 40 tachartasan a chumail aig Pride House mar phàirt de Cupa na Cruinne: Gun Dachaigh ann an Glaschu.


2016

Chuir Sgioba Ball-coise Obar Dheathain an cluba luchd-taic LCDT, Proud Dons, air bhog.


2017

Chaidh chuimhneachain a chumail ann an Glaschu, Dùn Èideann, Dùn Dè agus air feadh an t-saoghal as dèidh marbhadh de 49 neach aig club-oidhche Pulse ann an Orlando.


2017

B' e Nicola Sturgeon na ciad ceannard Riaghaltais a chaidh a dheuchainn gu poblach airson HIV mar oidhirp gus dèiligeadh ris an stiogma mun a' ghalair.


2017

Chaidh a' chiad Pink Heritage Day a chumail le Pink Saltire ann an Sruighlea.


2017

Thug Nicola Sturgeon leisgeul poblach do dh'fhireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil.


2017

Chaidh a' chiad Fèis-pròise Fìobha a chumail. Bha timcheall air 3500 daoine an làthair.


2017

Chaidh an dàil a bh' air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a' toirt seachad fala ìsleachadh bho aon bhliadhna gu trì mìosan gun a bhith ri feise le fireannach eile.


2017

Chaidh dà chluba luchd-taic ùr a stèidheachadh: Proud Jags le Partick Thistle agus Proud Dees le Dun Dè.


2018

Chaidh a' chluba luchd-taic Proud Huddle a stèidheachadh le Celtic.


2018

Rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh mu atharrachaidhean gu Achd Aithnechadh Gnè airson aithne tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh a thoirt suas gu deagh chleachdaidhean eadar-nàiseanta.


2018

Chaidh Achd nan Eucoirean Feise Eachdraidheil (Mathanas & Dearmadan) no "Turing's Law" a thoirt a-steach. Logh e a h-uile duine a chaidh a dhìteadh gu eachdraidheil airson a bhith co-sheòrsach.


2018

Chaidh a' chiad Fèis-pròise Tar-ghnèitheach a chumail ann an Dùn Èideann.


2018

Chaidh an iris DG Queerier a fhoillseachadh airson a' chiad turas.


2018

Chaidh a' chiad fèis-pròise do dhaoine LGBTI+ ciorramach agus bodhar a chumail le CCC ann an Glaschu.


2018

Chaidh na ciad fèisean-pròise a chumail ann an Inbhir Nis agus Steòrnabhagh.


2018

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh cùisean LCDT+ na phàirt riatanach dhen chlàr-teagaisg.


2019

Thèid a' chiad fèis-pròise a chumail san Òban.