Corr ‘s 14,000 air na h-ainmean aca a chur ri athchuingean airson Fèis-pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

19 September 2018 le

Deasaichte: 20 October 2018

Roinnean-sèorsa: Alba, Fèisean-pròise

Tha còrr ‘s 14,000 duine air na h-ainmean aca a chur ri trì athchuingean gus an taic aca a shealltainn airson Fèis-pròise Inbhir Nis.

Chaidh na h-athchuingean a thòiseachadh as dèidh gun do thòisich Donald Morrison athchuinge eile an-aghaidh an fhèis air sgàth “adbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta.”

Tha còrr ‘s 700 duine air na h-ainmean aca a chur ri athchuinge Mgr Morrison ‘s tha iad ag iarraidh air a’ Chomhairle cead a dhiùltadh airson an tachartas a dhol air adhart.

Aig àm sgrìobhaidh a’ phost seo bha còrr ‘s 8,100 ainmean aig an athchuinge Support Inverness Gay Pride and the LGBTQI community, còrr ‘s 4,900 ainmean aig an athchuinge Allow the pride march agus 1843 ainmean aig an athchuinge To enable LGBT+ people to celebrate their identity in the face of discrimination.

A’ bruidhinn mun taic a tha iad air fhaicinn bhon a’ choimhearsnachd, thuirt Rosemary Roscrow, neach-labhairt Fòram LCDT na Gàidhealtachd, ri PhinkSaltire: “Tha sinn moiteil às Inbhir Nis agus a’ Ghàidhealtachd airson taic a thoirt dhuinn, a’ sealltainn gu bheil a’ chuid as motha den Ghàidhealtachd anns an 21mh linn!”

Cleachdaibh na ceanglaichean gu h-ìosal ma tha sibh airson ur n-ainm a chuir ris na athchuignean:-

38Degrees: Support Inverness Gay Pride and the LGBTQI community

Change.org: Allow the pride march

Change.org: To enable LGBT+ people to celebrate their identity in the face of discrimination

PinkSaltire: Community rally behind Highland LGBT event after petition

 


Tagaichean

, , , , , , , , , , , ,


Co-Roinneadh



Thoir Beachd