Còrr is $3000 air a thogail airson leabhraichean cloinne LCDT+ a thoirt ri leabharlann Ameireaganach

2 November 2018 le

Deasaichte: 2 November 2018

Roinnean-sèorsa: An t-Saoghal, Cùltar, Foghlam, Lagh

Tha an t-eadar-lìon air còrr is $3000 a thogail gus leabhraichean cloinne LCDT+ ùra a cheannach dhan leabharlann ann am Baile Orainds, Iowa.

Chaidh an iomairt a chur an gnìomh mar thoradh air bhideo a chaidh a sgaoileadh air Facebook le Paul Dorr anns an do loisg e sreath de leabhraichean cloinne LCDT+ bhon leabharlann a’ toirt a-steach Two Boys Kissing le David Levithan agus This Day in June le Gayle Pitman.

Thuirt Mgr Dorr anns am bhideo nach b’ urrainn dha “leigeil leis na h-inbhich aig Bòrd Leabharlann Baile Orainds an ath-bhuidheann de chlann bheag a thoirt a-steach dhan fhìorachd ghnèitheasach salach aca gun chomhaireachd làidir” agus gu bheil e dhen bheachd gu bheil co-sheòrsachd air adhbharachadh le cron a bhios inbhich a’ dèanamh air clann.

Cuideachd bhrosnaich e daoine LCDT+ a bhith a’ coiseachd air falbh bho chlaonadh, a’ dèanamh aithreachas agus a’ tilleadh air ais gu Crìosda.

Mar thoradh air am bhideo chaidh iomairt togail airgid a chur an gnìomh air Facebook le Justin Scott gus “leabharlann Baile Orainds a lìonadh le tòrr leabhraichean a bharrachd a chomharraicheas eòlas beatha agus tabhartasan de dhaoine LCDT+.”

Aig àm fhoillseachaidh an sgeulachd seo chaidh $1626 a thogail leis.

Thuirt Mgr Scott ann am post air Facebook:

“Seall air an taic làidir – bho Crìosdaidhean, neo-dhiadhairean agus a h-uile duine eile eadarra – a tha a’ choimhearsnachd LCDT+ air fhaighinn mar thoradh air an cleas sgreamhail aige”

Chaidh còrr is $2300 a bharrachd a thogail le iomadh iomairtean togail airgid eadar-dhealaichte air GoFundMe (Orange City LGBT Library Fund / Replace the Vandalized LGBT books / Replace the burned LGBTQ+ books!).

Tha Mgr Dorr air ràdh nach biodh e a’ pàigheadh airson na leabhraichean a sgrios e. Mura dèan e sin dh’fhaodadh e bhith air a chur an cèill agus ‘s e 30 latha sa phrìosan agus cìs de $625 am binn as motha gum b’ urrainn dha fhaighinn.

Tha ionnsaighean air susbaint LCDT+ ann an leabharlannan anns na Stàitean Aonaichte air àrdachadh anns na mìosan a dh’fhalbh.

Anns an t-Sultain chaidh cuideam a chur air Leabharlann Poblach Rumford ann am Maine gus casg a chur air leabhraichean LCDT+ air sgàth gun robh Crìosdaidhean ag ràdh nach robh iad iomchaidh do chlann.

Cuideachd anns an t-Sultain chur gnìomhaichean bileag lagha a-steach an aghaidh Leabharlann Lafayette ann an Louisiana airson tachartas a chumail far an robh Bànrighrean-draga a’ leughadh sgeulachdan dhan chlann.

Chaidh bileag lagha dhen aon t-seòrsa a chur a-steach an aghaidh Leabharlann Houston ann an Texas 19mh An Dàmhair.


Tagaichean

, , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , , ,


Co-Roinneadh



Thoir Beachd