Uchd-mhacachd

Comhairle / Pàrantachd / Uchd-mhacachd

Uchd-mhacachd

Tha Achd Uchd-mhacachd agus Cloinne (Alba) 2007 a’ toirt cothrom do dhaoine fa-leth, càraidean nach eil pòsta, càraidean pòsta agus càraidean ann an compàirteachas catharra air leanabh uchd-mhacachadh.

Feumaidh a h-uile buidhnean uchd-mhacachd cumail ris an achd agus tha dleastanas aca measadh cothromach a dhèanamh air uchd-mhacairean LCDT+ agus chan urrainn dhaibh uchd-mhacairean a dhiùltadh dìreach seach gu bheil iad LCDT+.

Dè th’ ann an uchd-mhacachd?

‘S e pròiseas laghail foirmeil a th’ ann an uchd-mhacachd anns a bheil na còirichean agus na dleastanasan co-cheangailte ri leanabh air an toirt gu uchd-mhacair(an) gus am bi iad air an aithneachadh mar phàrant(an) laghail an leanaibh.

Ma tha òrdugh uchd-mhacachd air a thoirt seachad cha bhi còirichean no dleastanasan aig pàrantan breith an leanaibh tuilleadh.

‘S e rud seasmhach a th’ ann an òrdugh uchd-mhacachd agus chan fhaodar a thoirt air ais ach ann an suidheachaidhean glè shònraichte a-mhàin.

Chan fhaodar ach leanabh fo aois 18 nach robh pòsta no ann an compàirteachas catharra a-riamh a bhith air an uchd-mhacachadh.

Cò a tha comasach air uchd-mhacachd?

  • Daoine nas sìne na 21 - chan eil crìoch laghail ann ach bidh buidhnean uchd-mhacachd a’ sireadh daoine aig a bheil an lùth corporra agus inntinn gus leanabh a thogail.
  • Càraidean (a’ toirt a-steach càraidean aon-sheòrsach) a tha pòsta, ann an compàirtichean catharra no a tha a’ fuireach ri chèile ann an dàimh seasmhach agus maireannach.
  • Daoine singilte, a’ toirt a-steach daoine a tha air sgaradh-pòsaidh fhaighinn.
  • daoine le clann eile.
  • Ma tha dìteadh eucoireach aig cuideigin a tha airson uchd-mhacachadh no cuideigin a bhios a’ fuireach san aon thaigh, thèid an dìteadh a rannsachadh gu mionaideach leis an ùghdarrasan ionadail mus bi iad a’ dèanamh co-dhùnadh ma bhios an tagraiche comasach air uchd-mhacachadh.
  • Daoine gun obair - Feumaidh iad sealltainn gu bheil teachd a-steach gu leòr aca airson cùram a thoirt gu leanabh. Bidh cuid dhe na h-ùghdarrasan ionadail a’ tabhann maoineachadh do dh’uchd-mhacairean ach dh’fhaodadh seo buaidh a thoirt air sochairean eile a bhios sibh a’ faighinn.

Am pròiseas uchd-mhacachd

Ma tha sibh airson uchd-mhacachadh feumaidh sibh tagradh a chur a-steach gu buidheann uchd-mhacachd a dh’fhaodadh a bhith air a ruith leis an ùghdarras ionadail no buidheann neo-eisimeileach. Tha lìosta de bhuidhnean uchd-mhacachd air làrach-lìn Clàr Uchd-mhacachd na h-Alba no Comann Uchd-mhacachd agus Altramachadh Bhreatainn.

Tha am pròiseas measaidh fada agus mionaideach. Ma tha sibh air tagradh a chur a-steach mar chàraid thèid an dithis agaibh a mheasadh agus bidh agaibh air sealltainn gu bheil an dàimh agaibh seasmhach agus leantainneach. Bidh daoine fa-leth, càraidean eile-sheòrsach agus càraidean aon-sheòrsach uile a’ dol tro an aon phròiseas.

Mar phàirt dhen phròiseas thèid neach-obrach sòisealta a shònrachadh dhuibh a bhios a’ faighneachd carson a tha thu airson uchd-mhacachd agus dè as urrainn dhut a thabhann do leanabh. Bidh iad cuideachd a’ tadhal air an dachaigh agaibh iomadh turas gus measadh a dhèanamh air an àrainneachd dachaigh agaibh agus ur comas airson pàrantachd. Bidh an neach-obrach sòisealta airson bruidhinn ri co-dhiù triùir theistichearan agus uaireannan bidh iad airson bruidhinn ri ur seann càraidean cuideachd.

Cuideachd feumaidh sibh aithisg mheidigeach fhaighinn bhon doctair agaibh gus sealltainn gu bheil sibh fallain gu leòr airson cùram a thoirt do leanabh.

Chruthaich an neach-obrach sòisealta aithisg leis am fiosrachadh gu lèir agus bidh deich latha agaibh gus dùbhlan a thoirt do rud sam bith nach eil sibh ag aontachadh. As dèidh sin thèid an aithisg a chur a-steach gu Pannal Uchd-mhacachd a bhios a’ co-dhùnadh ma tha sibh nur deagh tagraiche airson uchd-mhacachd

Ma tha an tagradh agaibh soirbheachail thèid ur fiosrachadh a chur gu Clàr Uchd-mhacachd na h-Alba a bhios ag obair còmhla ris an neach-obrach sòisealta agaibh gus leanabh iomchaidh a lorg.

Nuair a tha iad air leanabh iomchaidh lorg bidh neach-obrach sòisealta an leanaibh agus am buidheann uchd-mhacachd a’ co-dhùnadh ma ‘s e deagh maids ‘s a th’ annaibh.

A-rèir dè cho soirbheachail ‘s a tha am maidseadh, faodar tagradh a chur a-steach chun a’ chùirt airson òrdugh uchd-mhacachd gus am bi sibh aithnichte mar phàrant laghail an leanaibh.

Ma tha sibh airson leanabh a tha càirdeach dhuibh no leanabh ur càraid uchd-mhacachadh chan fheumar buidheann uchd-mhacachd a bhith an-sàs. Feumaidh sibh fios a chur dhan ùghdarras ionadail agaibh a bhios a’ cur a steach aithisg dhan a’ chùirt airson co-dhùnadh a dhèanamh.

Ma thèid an tagradh agaibh a dhiùltadh

Ma thèid an tagradh agaibh a dhiùltadh faodaidh sibh:

  • sgrìobhadh dhan a’ bhuidheann uchd-mhacachd ag iarraidh oirnn ath-bheachdachadh a dhèanamh;
  • gearan a chlàradh leis a’ bhuidhean uchd-mhacachd le bhith a’ dol tron phròiseas gearain aca;
  • gearan a chlàradh le Coimisean a’ Chùraim;
  • tagradh a chur a-steach gu buidheann eile ach feumaidh sibh innse dhaibh gun deach a’ chiad tagradh agaibh a dhiùltadh agus bidh am buidheann seo a’ sireadh fiosrachadh bhon a’ chiad fhear.

Fòrladh uchd-mhacachd

Tha còir aig uchd-mhacairean co-sheòrsach air fòrladh uchd-mhacachd cho fhad ‘s a tha iad air a bhith ag obair airson an neach-fastaidh aca airson 26 seachdain air a char as lugha.

Ma tha càraid air uchd-mhacachadh ri chèile feumaidh iad co-dhùnadh cò am fear aca a tha gu bhith na phrìomh uchd-mhacair. Tha còir aig am prìomh uchd-mhacair air pàigheadh reachdail airson 39 seachdain air a char as motha agus fòrladh airson 52 seachdain. Tha còir aig an dàrna uchd-mhacair air fòrladh pàighte airson 2 sheachdain.

Faodar fòrladh a thòiseachadh air an latha a ruigeas an leanabh no suas ri 14 latha roimhe.

Ma bhios am prìomh uchd-mhacair airson dol air ais a dh’obair ro deireadh an fhòrladh aca, faodar an ùine a tha air fhàgail roinneadh leis an dàrna uchd-mhacair.

Ma dh’fhàgas am prìomh uchd-mhacair an obair aca airson adhbhar sam bith bidh còir aca fhathast air pàigheadh reachdail cho fhàd ‘s nach thòisicheas iad obair airson neach-fastaidh ùr.

Barrachd fhiosrachaidh

Adoption UK

Fòn: 0844 848 7900 (Diluain-Dihaoine eadar 10m-4f)

Post-d: admin@adoptionuk.org.uk (Ceistean coitcheann) no helpdesk@adoptionuk.org.uk (Deasg-taice)

Biùro Comhairleachaidh Pobaill na h-Alba

Fòn: 0808 800 9060 (Diluain-Dihaoine eadar 9m-6f)

Post-d: Lìonaibh am foirm seo gus post-d a chur gu Biùro Comhairleachaidh Pobaill na h-Alba.