Dè a th’ ann?

Is e tighinn a-mach a th’ ann nuair a bhios tu ag innse do dhaoine eile mu do thaobhadh-feise no do dhearbh-aithne gnè.

Carson?

Gu mi-fhortanach tha a’ mhòr-chuid dhuinn fhathast air an togail gus smaoineachadh gu bheil a h-uile duine cios-ghnèitheach agus gu bheil sinn uile air an tarraing ri daoine an caochladh gnè.

Tha seo a’ ciallachadh nach fheum a’ mhòr-chuid de dhaoine tighinn a-mach.

Feumaidh daoine LGDT+, ge-tà, taghadh eadar innse do dhaoine eil gu bheil sinn air ar tarraing ri daoine na gnè ceudna no ri iomadh gnè; gu bheil sinn tar-ghnèitheach; no a bhith ga chumail dìomhair.

Cuin?

Is e an rud as cudromaiche a bhith ga dhèanamh san ùine agad fhèin. Bidh a h-uile duine a’ tighinn a-mach aig diofar amannan nam beathannan airson iomadh adhbhar agus bidh cuid de dhaoine nas comhfhurtail tighinn a-mach beag air bheag.

Ciamar?

Chan eil dòigh ceart no ceàrr ann airson tighinn a-mach ach mus tig thu a-mach, smaoinich air na leanas:

  • A bheil thu deiseil airson tighinn a-mach? Chan fheum thu tighinn a-mach mura h-eil.
  • Tagh an duine ceart - a bheil iad earbsach? Am bi iad taiceil?
  • Tagh àite sàbhailte agus comhfhurtail.
  • Dèan cinnteach gu bheil ùine gu leòr agaibh airson bruidhinn.
  • Dèan deiseil airson ceistean a fhreagairt.
  • Cuimhnich gur dòcha gum faod e iongnadh a chur orra agus gum faodadh a’ chiad fhreagairt aca a bhith diofraichte bho mar a bhios iad a’ faireachdainn as dèidh dhaibh fàs cleachdte ris.
  • Ma tha freagairt àicheil aca feuch ri dòigh sàbhailte a lorg gus an t-suidheachadh fhàgail. Faodar droch-bheul no droch-dhìol corporra aithris dha na Poileas le bhith a’ cur fòn gu 101 no gu 999 ma tha thu ann an cunnart.

Barrachd fhiosrachaidh

Faodar barrachd chomhairle mu bhith a’ tighinn a-mach a lorg air làraichean-lìn LGBT Youth Scotland agus Stonewall.