Dè a th’ annta?

Tha riochdairean pearsanta nam pàirt chudromach dhen aithne a th’ againn uile.

Is iad na faclan a bhios sinn a’ cleachdadh gus iomradh a thoirt air càch a chèile an àite ar n-ainmean.

Is mar sin tha e gu math cudromach gum bi sinn a’ cleachdadh na riochdairean ceart.

Eisimpleirean

mi / mise me thu / thusa you e / esan he /him / it i / ise she / her / it sinn / sinne we / us sibh / sibhse you (plural / polite) iad / iadsan they / them

Cuimhnich cuideachd gu bheil riochdairean pearsanta bunaiteach airson riochdairean eile a thogail. Mar eisimpleir: agam, dhut, ris, oirre, bhuainn, leibh ⁊ thuca.

Mar a dh’fhaighnicheas tu dha cuideigin dè na riochdairean pearsanta a th’ orra

Chan urrainn dhut a bhith cinnteach dè na riochdairean a bhios cuideigin a’ cleachdadh bho bhith a’ coimhead orra.

Is e an dòigh as fheàrr faighinn a-mach dè na riochdairean a th’ air cuideigin a bhith ag innse dhaibh na riochdairean a th’ ort fhèin.

Mura h-eil fios agad dè na riochdairean a th’ air cuideigin

Mura h-eil thu comasach air faighinn a-mach dè na riochdairean a th’ air cuideigin is e an rud as fheàrr a bhith a’ cleachdadh an ainm.

Mura h-eil cuideigin air innse dhut na riochdairean a th’ orra agus chan urrainn dhut faighinn a-mach is an rud as fheàrr a bhith a’ cleachdadh an ainm.

Ma chleachdas tu na riochdairean ceàrr

• Dèan leisgeul goirid agus fìrinneach cho luath ‘s a ghabhas.

• Cleachd an riochdair ceart sa bhad.

• Dèan strì gus na riochdairean ceart a chleachdadh san àm ri teachd.