Leth-bhreith

Comhairle / Leth-bhreith

Leth-bhreith nuair a thathar a’ solarachadh bathar, goireasan no seibheisean

A-rèir Achd na Co-ionannachd 2010, tha leth-bhreith a thaobh aidmheil cleamhnais no dearbh-aithne mì-laghail nuair a thathar a’ solarachadh bathar, goireasan no seirbheisean. A-measg rudan eile tha seo a’ toirt a-steach:

  • mion-reic:
    • Mar eisimpleir, feumaidh bùth aodaich cead a thoirt do bhoireannaich tar-ghnèitheach an seòmar boireann a chleachdadh ma thogras iad;
  • cùram-slàinte:
    • Chan fhaod doctairean euslaintich a dhiùltadh air sgàth ‘s gu bheil iad LCDT+;
  • foghlam;
    • Chan fhaod sgoiltean sgoilearan a dhiùltadh air sgàth ‘s gu bheil iad LCDT+;
    • Feumaidh iad na h-aon cothroman agus seirbheisean a sholarachadh do sgoilearan LCDT+ a bhiodh iad a’ solarachadh do sgoilearan eile-sheòrsach/cios-ghnèitheach;
  • ionadan cur-seachad;
  • taigheadas;
  • taighean-òsta;
    • Chan fhaod taigh-òsta càraid aon-sheòrsach a dhiùltadh ma tha iad ag iarraidh rùm dùbailte;
  • còmhdhail poblach.

Eisgeachdan

Tha Achd na Co-ionannachd 2010 a’ toirt cothrom airson daoine LCDT+ a bhith air an làimhseachadh gu eadar-dhealaichte ann an suidheachaidhean sònraichte.

San fharsaingeachd, chan eil na h-eisgeachdan a’ buntainn ach ann an suidheachaidhean far nach eil in-ghabhail làn comasach agus far a bheil adhbhar soilleir ann.

Ma tha sibh air droch-làimhseachadh a fhulang agus mura h-eil sibh cinnteach ma ‘s e leth-bhreith a th’ ann faodaidh sibh fios a chur gu Seirbheis Fiosrachaidh Stonewall.

Leth-bhreith san àite-obrach

Tha Achd na Co-ionannachd 2010 cuideachd a’ toirt dìon do dhaoine LCDT+ bho leth-bhreith san àite-obrach.

Feumaidh a h-uile neach-fastaidh cumail ris an achd, ge bith dè an àireamh de luchd-obrach a bhios iad a’ fastadh no an t-suim airgid a bhios iad a’ dèanamh.

Tha luchd-obrach air an dìon tron phròiseas tagraidh agus agallaimh agus an ùine gu lèir a tha iad ag obair airson an neach-fastaidh sin.

Tha an achd a’ dìon:

  • daoine le cùmhnantan làn-ùine

  • daoine le cùmhnantan pàirt-ùine
  • daoine le cùmhnantan sealach
  • Cùmhnantaichean
  • Compàirtichean
  • Luchd-obrach buidhne
  • Luchd-trèanaidh dreuchdail
  • Oileanaich air grèis gnìomhachais