Feise

Comhairle / Feise

Tha feise a’ ciallachadh diofar rudan do dhiofar dhaoine – dh’fhaodadh e toirt a-steach foreplay, feise bheòil, feise fhaighein, feise thòine, fèin-bhrodadh no feise sam bith eile. Chan eil dòigh cheart ann agus bidh diofar rudan còrdadh ri diofar dhaoine.

Dh’fhaodadh co-aoisean no cèilean cuideam a chur ort gus feise a fheuchainn airson a’ chiad turas, ach ‘s ann an urra dhut fhèin co-dhùnadh nuair a tha thu deiseil.

Feuch gun a bhith a’ dèanamh coimeas ri daoine eile. Cha bhi a h-uile duine a’ faireachdainn an aon rud agus cha bhi na h-aon eòlasan aig a h-uile duine aig an aon àm. Cuimhnich cuideachd gum bi tòrr dhaoine òg a’ cur ris an ìre de dh’eòlas a th’ aca.

‘S cinnteach agus nàdarra gum bi iomagain no draghan ort ma tha thu a’ feuchainn feise airson a’ chiad turas ach tha rudan ann as urrainn dhut a dhèanamh gus a dhèanamh cho tlachdmhor ‘s a ghabhas.

  • Smaoinich air casg-gineamhainn agus dìon bho ghalaran feiseil ro-làimh. Tha barrachd fhiosrachadh mun deidhinn gu h-iseal.

  • Cuir earbsa anns na faireachdainn agad. Bruidhinn ri do chèile ro-làimh agus innis dhaibh mar a tha thu a’ faireachdainn agus na tha thu airson dèanamh. Cuimhnich gu bheil e ceart gu leòr d’ inntinn atharrachadh aig àm sam bith mura h-eil thu cofhurtail. Bu chòir dhan chèile agad èisteachd riut agus spèis a thoirt dha do fhaireachdainnean agus cha bu chòir dhaibh cuideam a chur ort mura h-eil thu airson rudeigin a dhèanamh.

  • Bidh feise nas tlachdmhoire ma tha thu air do shocair. Tha foreplay feumail airson fois a ghabhail gus am bi thu deiseil airson feise.

  • Dh’fhaodadh a’ chiad turas a bhith mì-chofhurtail. Dèan cinnteach gu bheil ùilleachadh a bharrachd agad gus ùilleachadh nàdarra a’ bhothaig a chuideachadh agus suathadh a lughdachadh.

Barrachd leughaidh

Galaran feiseil

Casg-gineamhainn