Dh’atharraich an lagh ann an 2009 gus daoine LGDT+ a dhìon bho eucoirean air adhbharachadh le gràin-co-sheòrsachd, gràin-dà-sheòrsachd, gràin-tar-ghnèitheachd ‘s a leithid.

Dè a th’ ann an eucoir gràineil?

A-rèir laghan na h-Alba is e eucoir gràineil na eucoir a tha air adhbharachadh le claon-bhreith air sgàth:-

  • cinneadh;
  • creideamh;
  • taobhadh feise;
  • dearbh-aithne tar-ghnèitheach;
  • ciorramachd.

Chan fheum thu a bhith nad bhall de mhion-chuid sam bith gus eucoir gràineil a fhulang, ‘s e adhbhar an eucoireach an rud as cudromaiche ann a bhith a’ mìneachadh eucoir gràineil. Tha iomadh seòrsa eucoirean gràineil a’ toirt a-steach:-

  • droch-dhìol corporra;
  • droch-bheul;
  • burraidheachd air loidhne;
  • cron no milleadh air nithean pearsanta;
  • sgrìobhainnean oilbheumach a leithid litrichean, bileagan no postairean;
  • murt;
  • agus tòrr a bharrachd.

Dè bu chòir dhut a dhèanamh ma tha thu air eucoir gràineil a fhulang no fianais a thoirt air eucoir gràineil?

Dè th’ ann am buidheann aithris treas-phàrtaidh?

Chan eil cuid de dhaoine airson bruidhinn ris a’ Phoileas airson iomadh adhbhar. Mura h-eile thu airson bruidhinn ris a’ Phoileas, faodaidh tu bruidhinn ri buidheann aithris treas-phàrtaidh a bhios a’ dèanamh aithris ris a’ Phoileas às do leth. Tha liosta dhe na buidhnean treas-phàrtaidh a’ bhios ag obair còmhla ri Poileas Alba an seo.

Carson am bu chòir dhut aithris a dhèanamh air?

Chan eil a’ mhòr-chuid de dh’eucoirean gràineil air an aithris dhan a’ Phoileas, ach mura h-eil iad eòlach air rudeigin chan urrainn dhaibh dad a dhèanamh mu a dheidhinn agus chan urrainn dhaibh luchd-fulaing a chumail sàbhailte. Le bhith a’ dèanamh aithris air:-

  • Ma dh’fhaodte gun tèid stad a chur air.
  • Ma dh’fhaodte nach tachair a-rithist e.
  • Bidh am poileas eòlach air an ìre de dh’eucoirean gràineil anns an sgìre agus bidh fios aca an uair sin far am bu chòir dhaibh a bhith a’ dèanamh fòcas.
  • Bidh cothrom agad air comhairle agus taic fhaighinn.
  • Bidh thu a’ cuideachadh le bhith a’ togail mothachadh.
  • Ma dh’fhaodte gum bi an fhiosrachadh agad feumail gus greim no dìteadh a dhèanamh.

Dè a bhios a’ tachairt an uair sin?

Bidh am poileas a’ clàradh an tachartais agus nì iad sgrùdadh tùsail gus faighinn a-mach ma ‘s e eucoir a th’ ann.

Ma ‘s e, bidh iad ga chlàradh agus nì iad rannsachadh eucoireach a bhios a’ toirt a-steach agallamhan leis an neach-fulaing, luchd-fianais agus an neach-amharais. Bidh iad cuideachd a’ coimhead air fianais eile a leithid CCTV no fianais foireansach.

Ma tha fianais gu leòr ann gur e eucoir a th’ ann cuiridh iad aithisg gu Neach-casaid a’ Chrùin a bhios a’ co-dhùnadh an gnìomh a tha iomachaidh. Dh’fhaodadh seo toirt a-steach gnìomhan a leithid cùisean-cùirte, rabhaidhean, cìsean, tairgsean dìoladh no obair shòisealta.

Dh’fhaodadh Neach-casaid a’ Chrùin co-dhùnadh nach eil gnìomh sam bith iomchaidh , agus ann an suidheachaidhean mar sin faodaidh an neach-fhulaing mìneachadh iarraidh orra.

Ma tha cùis-chùirte iomchaidh bidh Neach-casaid a’ Chrùin a’ taghadh an cùirt a bhios a’ dèiligeadh ris a-rèir nàdar an eucoir, cumhachdan nan cùirtean fa leth agus ma tha clàr eucoireach aig an neach a tha fo chasaid.

Ma tha an eucoireach fo aois 16 faodar a’ chùis dol air beulaibh Neach-aithisg na Cloinne.

Ma tha thu airson barrachd fhiosrachaidh mun a’ phròiseas thoir sùil air na ceanglaichean na leanas:-

Pròiseas ceartais airson eucoirean air an dèanamh le inbhich

Pròiseas ceartais airson eucoirean air an dèanamh le clann fo aois 16