Dàimhean

Comhairle / Dàimhean

Bidh na dàimhean again a’ toirt buaidh mhòr air ar beathannan agus air ar dearbh-aithne.

Bidh iomadh seòrsa dàimh againn fad ar beathannan, mar eisimpleir teaghlach, càirdean, tidsearan, luchd-fastaidh agus cèilean.

Ge b’ e an seòrsa dàimh a th’ ann ‘s ann air leth cudromach a tha an comas aithneachadh an diofar eadar dàimhean math agus dona.

Nuair a thig e gu dàimhean feise tha e gu math cudromach gum bi thu a’ bruidhinn ri do chèile agus innse dhaibh mar a tha thu a’ faireachdainn agus dè a tha cofhurtail dhut. (Tha barrachd fhiosrachaidh mu dheidhinn feise an-seo.)

Cha bu chòir do dhuine sam bith leigeil le dàimh truailleach no foirneartach. Ma tha feum agad air cuideachadh no taic air sgàth dàimh truailleach, thoir sùil air na ceanglaichean gu h-ìseal

Ceanglaichean feumail

Childline

Bidh ChildLine a’ toirt comhairle do chlann agus daoine òga fo aois 19 san Rìoghachd Aonaichte.

Comhairliche air loidhne: Faodaidh sibh bruidhinn gu dìomhair le comhairliche air loidhne [an-seo](https://www.childline.org.uk/locker/inbox/](https://www.childline.org.uk/locker/inbox/)

Fòn: 0800 1111

LGBT Helpline

Post-d: helpline@lgbthealth.org.uk

Fòn: 0300 123 2523 (Dim/Dic 12f gu 9f)

LGBT Switchboard

Post-d: chris@switchboard.lgbt

Fòn: 0300 330 0630

LGBT Youth Scotland

Fòn: 0131 555 3940 / 0141 552 7425

Seirbheisean Èiginn

999 Seirbheisean èiginn

(Suidheachaidhean èiginneach a-mhàin)

101 Police Alba

(Mura h-eil e èiginneach)

111 NHS 24

(Mura h-eil e èiginneach)