Comhairle do phàrantan de chlann LCDTQ

Comhairle / A’ tighinn a-mach / Comhairle do phàrantan de chlann LCDTQ

Mar phàrant(an), ‘s dòcha gum bi ceistean no draghan agaibh ma tha sibh a’ smaointinn gum faodadh ur leanabh a bhith LCDT+.

Ma tha sibh a’ smaointinn gum faodadh ur leanabh a bhith LCDT+

Chan urrainn dhuibh a bhith cinnteach gus an tig an leanabh agaibh a bhruidhinn ribh. Leigibh leotha tighinn agus innse dhuibh san ùine aca fhèin.

Cruthaich àrainneachd dheimhinneach far a bhios iad a’ faireachdainn comasach air bruidhinn ribh mun feisealachd no an dearbh-aithne aca. Mar eisimpleir faodaidh tu rudan deimhinneach ràdh mu dheidhinn daoine LCDT+ nuair a nochdas iad air an T.Bh. agus na leig le daoine eile rudan àicheil a ràdh fon mhullach agaibh.

‘S e rud math a th’ ann am bruidhinn mu a dheidhinn

Gu math tric chan eil cothrom aig daoine òga LCDT+ air fiosrachadh mu na còirichean aca, dàimhean, feise, cumail sàbhailte agus far am faigh iad taic. Bu chòir dhuibh a bhith comasach air an stiùireadh chun an fhiosrachadh a dh’fheumas iad gu h-àraid mura h-eil sibh a’ faireachdainn nach eil sibh comasach air bruidhinn dhaibh mu a dheidhinn. Tha liosta de làraich-lìn feumail againn an-seo.

Nach bi beatha nas duilghe aca?

‘S e aon de na rudan as duilghe do dhaoine òga LCDT a bhith air an diùltadh leis an teaghlach no na càirdean aca.

Tha laghan ùra air an Rìoghachd Aonaichte a dhèanamh na cothromaiche agus nas co-ionann do dhaoine LCDT+ - mar eisimpleir faodaidh càraidean aon-sheòrsach pòsadh agus teaghlaichean a stèidheachadh agus faodaidh daoine tar-ghnèitheach an gnè aca atharrachadh gu laghail.

Cuideachd a barrachd daoine LCDT+ anns na meadhanan, poilitigs agus spòrs a tha nan deagh eisimpleirean do dhaoine òga.

Ma tha ur leanabh air tighinn a-mach mar dà-sheòrsach

Faodaidh ur leanabh tighinn a-mach mar dà-ghnèitheach, pan-shèorsach, ioma-sheòrsach ‘s a leithid. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil iad air an tarraing ri barrachd air aon gnè. ‘S an rud as fheàrr as urrainn dhuibh a dhèanamh a bhith ag aithneachadh an feisealachd aca. Cha bu chòir dhuibh smaointinn gu bheil iad eile-sheòrsach agus gur e rud sealach a th’ ann.

Bidh cuid de dhaoine a’ tighinn a-mach mar dà-sheòrsach mus tig iad a-mach mar co-sheòrsach no leasbach ach cha bhi a h-uile daoine. Bu chòir dhuibh a bhith air ur stiùireadh leis ur leanabh agus mar a bhios iad a’ toirt iomradh air am feisealachd aca fhèin.

Ma tha ur leanabh air tighinn a-mach mar tar-ghnèitheach

Ri thighinn…

Mura h-eil sibh ag aontachadh leis

Ma tha duilgheadas agaibh leis am beachd gu bheil ur leanabh LCDT+ ‘s e an rud as fheàrr as urrainn dhuibh a dhèanamh a bhith a’ cur ur cuid faireachdainn ri aon taobh agus cuimhnich gu bheil gaol agaibh orra agus gus bheil sibh airson gum bi iad toilichte.

Mura h-eil buill eile dhen teaghlaich agaibh ag aontachadh leis, cruthaichibh riaghailtean dhaibh gus stèidheachadh dè nach ghabhas a ràdh air beulaibh ur leanabh.

Barrachd fhiosrachaidh

Ma tha feum agaibh air barrachd chomhairle thoiribh sùil air na làraich-lìn anns an iùl-lann againn.