Comhairle do bhuill teaghlaich agus chàirdean

Comhairle / A’ tighinn a-mach / Comhairle do bhuill teaghlaich agus chàirdean

Ma tha sibh eòlach air cuideigin a tha air tighinn a-mach mar LCDT+ dh’fhaodadh sibh a bhith a’ faireachdainn mì-chinnteach mu a dheidhinn agus dh’fhaodadh sibh beagan ùine a ghabhail gus fàs cleachdte ris.

  • Tha e cudromach innse dhaibh nach bi seo ag atharrachadh mar a tha sibh a’ faireachdainn mun deidhinn no an dàimh eadaraibh.
  • Cuimhnichibh nach eil iad air atharrachadh dìreach air sgàth ‘s gu bheil iad air innse dhuibh gu bheil iad LCDT+.
  • Tha e ceart gu leòr fios a leigeil dhaibh gum faodadh e beagan ùine a ghabhail dhuibh gus fàs cleachdte ris, ach gun dèan sibh ur dìcheall gus taic a thoirt dhaibh.
  • Tha e ceart gu leòr ceistean a chur orra, ach feuchaibh ri bhith mothachail òir chan eil e furasta tighinn a-mach. Tha liosta dhe na cèistean ‘s freagairtean as cumanta an-seo.
  • Tha barrachd dhaoine LCDT+ a’ tighinn a-mach aig aois nas òige air sgàth ‘s barrachd fhiosrachaidh agus tuigse nas fheàrr. Ma thig caraid no ball teaghlaich a-mach aig aois òg, faodaidh e a bhith furasta a leigeil dheth mar rud sealach. Bidh a’ chuid as motha de dhaoine a’ dèanamh tòrr beachdachadh air mus innis iad do chuideigin eile, agus mar sin tha e cudromach a ghabhail riutha gu da-rìribh. Feuchaibh is leigibh leotha am feisealachd no an dearbh-aithne gnè aca lorg san ùine aca fhèin gun a bhith feuchainn ri an atharrachadh.

Barrachd fhiosrachaidh

Ma tha feum agaibh air barrachd chomhairle thoiribh sùil air na làraich-lìn anns an iùl-lann againn.