Comhairle / Còirichean & Reachdas

Reachdas LCDT+ na h-Alba

Tha iomadh pìos reachdais air tighinn a-mach anns an bliadhnaichean a dh’fhalbh gus barrachd chòirichean a thoirt do dhaoine LCDT+. Tha liosta dhen reachdas as cudromaiche gu h-ìseal le iomradh goirid air na tha iad a’ ciallachadh dhuibh.

Achd Ceartas Eucoirean (Alba) 1980

Chaidh feise eadar fireannaich a dhèanamh laghail leis an achd seo a’ ciallachadh nach robh daoine co-sheòrsach no dà-sheòrsach a’ dèanamh eucoir tuilleadh. Chaidh an aois aontachaidh a shuidheachadh aig 21 ged a bha e 16 airson daoine eile-sheòrsach.

Achd Eucoirean Feise (Atharrachadh) 2000

Stèidhich an lagh seo aois aontachaidh co-ionann aig 16 airson a h-uile duine.

Riaghailtean Cosnaidh Co-ionannachd (Aidmheil Cleamhnais) 2003

Tha an lagh seo a’ dèanamh an leth-bhreith agus sàrachadh air sgàth aidmheil cleamhnais mì-laghail ann an cosnadh, trèanadh dreuchdail, colaistean agus oilthighean.

Achd Compàirteachasan Sìobhalta 2004

Tha an lagh seo a’ toirt seachad na h-aon chòirichean do chàraidean ann an compàirteachas sìobhalta ‘s a th’ aig càraidean eile-sheòrsach a tha posta.

Achd Lagh an Teaghlaich (Alba) 2006

Tha an lagh seo a’ toirt seachad na h-aon chòirichean do chàraidean nach eil ann an compàirteachas sìobhalta ‘s a th’ aig càraidean eile-sheòrsach nach eil pòsta.

Achd Uchd-mhacachd agus Cloinne (Alba) 2007

Tha an lagh seo a’ ciallachadh gum faod càraidean nach eil pòsta agus càraidean aon-sheòrsach leanabh uchd-mhacachadh agus gum bi iad air an clàradh gu laghail mar phàrantan.

Riaghailtean Achd na Co-ionannachd (Aidmheil Cleamhnais) 2007

Tha an lagh seo a’ dèanamh leth-bhreith air sgàth aidmheil cleamhnais mì-laghail ma thathar a’ solarachadh bathar, goireasan no seirbheisean a’ toirt a-steach mion-reic, cùram slàinte, foghlam, ionadan cur-seachad, taighean-òsta agus còmhdhail poblach.

Achd Eucoirean (Tromachadh tro Chlaon-bhreith) 2009

Tha an lagh seo a’ toirt toirt barrachd dìon do dhaoine LCDT+ bho eucoirean le eileamaid sam bith de gràin-co-sheòrsachd.

Achd na Co-ionannachd 2010

Tha an lagh seo a’ dèanamh leth-bhreith air sgàth aois, ciorraman, gnè (a’ toirt a-steach daoine tar-ghnèitheach), inbhe pòsaidh (a’ toirt a-steach compàirteachasan sìobhalta), leatromachd, cinneadh, creideamh, cràbhachd, agus aidmheil cleamhnais mì-laghail.

Bile nan Eucoirean Feise Eachdraidheil (Mathanas & Dearmadan)

Tha an lagh seo a’ toirt mathanas do dhaoine air an dhìteadh airson eucoirean feise sònraichte gu h-eachdraidheil agus stèidhich e pròiseas airson na dìtidhean seo a bhith air an dearmad.

Còirichean LCDT+ ann an Alba an taca ris an còrr dhen RA

Feise aon-sheòrsach air a dhèanamh laghail

  • Alba: 1981
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 1967
  • Èirinn a Tuath: 1982

Aois aontachaidh feise co-ionann airson a h-uile duine

  • Alba: 2001
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2001
  • Èirinn a Tuath: 2001

Ath-sheòrsachadh de cho-sheòrsachd gus nach e tinneas a th’ ann

  • Alba: 1990
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 1990
  • Èirinn a Tuath: 1990

Mathanasan airson eucoirean feise eachdraidheil

  • Alba: 2018
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2017
  • Èirinn a Tuath: 2018

Dearmadan airson eucoirean feise eachdraidheil

  • Alba: 2018
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2012
  • Èirinn a Tuath: 2018

Compàirteachasan sìobhalta do chàraidean aon-sheòrsach

  • Alba: 2005
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2005
  • Èirinn a Tuath: 2005

Compàirteachasan sìobhalta ceadaichte ann an ionadan cràbhach

  • Alba: 2014
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2011
  • Èirinn a Tuath: Mì-cheadaichte

Pòsadh aon-sheòrsach sìobhalta agus cràbhach

  • Alba: 2014
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2014
  • Èirinn a Tuath: Mì-cheadaichte

Daoine singilte agus càraidean LCDT+ comasach air leanabh uchd-mhacachadh

  • Alba: 2009
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2005
  • Èirinn a Tuath: 2013

Cothrom air sìolachadh In-bhiotro airson a h-uile duine

  • Alba: 2009
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2009
  • Èirinn a Tuath: 2009

Clàradh de càraidean aon-sheòrsach mar phàrantan air teisteanasan breith

  • Alba: 2009
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2009
  • Èirinn a Tuath: 2009

Cothrom aig a h-uile duine air neach-ionaid neo-mhalairteach gus leanabh a bhreith

  • Alba: 2010
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2010
  • Èirinn a Tuath: 2010

Cothrom air neach-ionaid malairteach gus leanabh a bhreith

  • Alba: Toirmisgte
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: Toirmisgte
  • Èirinn a Tuath: Toirmisgte

Comasach airson daoine LCDT+ tighinn a-mach fhad ‘s tha iad a’ dèanamh seirbheis san airm

  • Alba: 2000
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2000
  • Èirinn a Tuath: 2000

Ath-sheòrsachadh de thar-ghnèitheachd gus nach e tinneas a th’ ann

  • Alba: 2002
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2002
  • Èirinn a Tuath: 2002

Comasach air gnè laghail atharrachadh

  • Alba: 2005
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2005
  • Èirinn a Tuath: 2005

Comasach air gnè laghail atharrachadh fhad ‘s a thathar pòsta

  • Alba: 2014
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2014
  • Èirinn a Tuath: Mì-cheadaichte

Laghan an aghaidh leth-bhreith a thaobh aidmheil cleamhnais no dearbh-aithne gnè anns a h-uile suidheachadh

  • Alba: 2010
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2010
  • Èirinn a Tuath: Dìon Cuingichte a thaobh dearbh-aithne gnè

Laghan an aghaidh dhroch-bheul a thaobh aidmheil cleamhnais

  • Alba: 2009
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2008
  • Èirinn a Tuath: 2004

Laghan an aghaidh dhroch-bheul a thaobh dearbh-aithne gnè

  • Alba: 2009
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: Chan eil gin
  • Èirinn a Tuath: Chan eil gin

Laws against inciting hatred on sexual orientation through an aggravating circumstance

  • Alba: 2009
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2008
  • Èirinn a Tuath: 2004

Laws against inciting hatred on gender identity through an aggravating circumstance

  • Alba: 2009
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: Chan eil gin
  • Èirinn a Tuath: Chan eil gin

Foghlam sgoile mu dheidhinn feise agus dàimhean LCDT+

  • Alba: 2018
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2020 & 2022
  • Èirinn a Tuath: Chan eil gin

Dàil air fireannaich tha tha ri feise ri fireannaich eile bho bhith a’ toirt seachad fuil

  • Alba: 3 mìosan
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 3 mìosan
  • Èirinn a Tuath: 12 mìosan

Casg air leigeasan atharrachaidh

  • Alba: Ri thighinn
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: Ri thighinn
  • Èirinn a Tuath: Ri thighinn

Immigration equality and rights for LGBT individuals and same-sex couples

  • Alba: 2006
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: 2006
  • Èirinn a Tuath: 2006

Recognition of sexual orientation and gender identity for asylum requests

  • Alba: Chan eil gin
  • Sasainn & a’ Chuimrigh: Chan eil gin
  • Èirinn a Tuath: Chan eil gin