Comhairle / Burraidheachd

Burraidheachd

Dè th’ ann an burraidheachd?

Tha burraidheachd a’ toirt iomradh air giùlan sam bith leis an dùil cron a dhèanamh air cuideigin gu corporra no gu faireachail.

Bidh burraidheachd a’ tachairt air loidhne agus far-loidhne agus dh’fhaodadh e na leanas a’ toirt a-steach:-

  • Droch-dhìol corporra no faireachail.
  • Droch-bheul (air loidhne no far loidhne)
  • Ìsleachadh
  • Spochadh
  • Tarraing às
  • Milleadh no goid de nithean pearsanta

Mar as trice bidh burraidheachd a’ tachairt air sgàth ‘s claon-bhreith an-aghaidh eadar-dhealachadh air choireigin.

Tha Achd na Co-ionannachd 2010 ag ràdh gu bheil claon-bhreith air adhbharachadh le gin de na leanas mì-laghail:-

  • Aois
  • Cinneadh
  • Ciorraman
  • Creideamh
  • Feisealachd
  • Gnè (a’ toirt a-steach daoine tar-ghnèitheach)
  • Inbhe pòsaidh
  • Leatromachd

Gu mì-fhortanach bidh tòrr dhaoine LCDT+ fhathast a’ fulang burraidheachd, gràin-co-sheòrsachd no gràin-tar-ghnèitheachd.

Chan eil duine sam bith airidh air agus chan eil burraidheachd a-riamh riaraichte.

A’ faighinn taic

Ma tha sibh a’ fulang burraidheachd, gràin-co-sheòrsachd no gràin-tar-ghnèitheachd bu chòir dhuibh beachdadh air na leanas a dhèanamh:

  • Bruidhinnibh ri cuideigin anns a bheil earbsa agaibh.
  • Innisibh dhan sgoil, colaiste, oilthigh no neach-fastaidh agaibh.
  • Innisibh dha na Poileas.
  • Bruidhinnibh ri buidheann LCDT+.
  • Cuir fios gu Victim Support Scotland ma tha sibh air eucoir gràineil a dh’fhulang.

Tha barrachd chomhairle mu bhurraidheachd air an làrach-lìn Respect Me

Ceanglaichean Feumail

Childline
Bidh ChildLine a’ toirt comhairle do chlann agus daoine òga fo aois 19 san Rìoghachd Aonaichte.
Comhairliche air loidhne: Faodaidh sibh bruidhinn gu dìomhair le comhairliche air loidhne aig: https://www.childline.org.uk/locker/inbox/
Fòn: 0800 1111

LGBT Health & Wellbeing
Post-d: admin@lgbthealth.org.uk
Fòn: 0131 523 1100

LGBT Helpline
Post-d: helpline@lgbthealth.org.uk
Fòn: 0300 123 2523 (Dim/Dic 12f gu 9f)

LGBT Switchboad
Post-d: chris@switchboard.lgbt
Fòn: 0300 330 0630

LGBT Youth Scotland
Fòn: 0131 555 3940 / 0141 552 7425

Samh
Fòn: 0141 530 1000

Stonewall Scotland
Bidh Stonewall Scotland ag iomairt airson còirichean LCDT+ air feadh na h-Alba. Cuideachd tha oifisean roinneil aca ann an Lunainn (Stonewall) agus Caerdydd (Stonewall Cymru) a bhios ag iomairt anns an Rìoghachd Aonaichte agus a’ Chuimrigh.
Post-d: info@stonewallscotland.org.uk
Fòn: 0131 474 8019

Seirbheisean Èiginn

999
Seirbheisean èiginn

(Suidheachaidhean èiginneach a-mhàin)

101
Police Alba

(Mura h-eil e èiginneach)

111
NHS 24

(Mura h-eil e èiginneach)