A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire


Dè a th’ ann am burraidheachd?

Tha burraidheachd a’ toirt iomradh air giùlan sam bith leis an dùil cron a dhèanamh air cuideigin gu corporra no gu faireachail. Dh’fhaodadh burraidheachd a’ tachairt air loidhne agus far-loidhne agus na leanas a thoirt a-steach:-

  • Droch-dhìol corporra no faireachail.
  • Droch-bheul (air loidhne no far loidhne)
  • Ìsleachadh
  • Spochadh
  • Tarraing às
  • Milleadh no goid de nithean pearsanta

Mar as trice bidh burraidheachd a’ tachairt air sgàth claon-bhreithe an-aghaidh eadar-dhealachadh air choireigin. Tha Achd na Co-ionannachd 2010 ag ràdh gu bheil claon-bhreith air adhbharachadh le gin de na leanas mì-laghail:-

  • Aois
  • Cinneadh
  • Ciorraman
  • Creideamh
  • Taobhadh feise
  • Gnè (a’ toirt a-steach daoine tar-ghnèitheach)
  • Inbhe pòsaidh
  • Leatromachd

Gu mì-fhortanach bidh tòrr dhaoine LGDT+ fhathast a’ fulang burraidheachd, gràin-co-sheòrsachd no gràin-tar-ghnèitheachd. Chan eil duine sam bith airidh air agus chan eil burraidheachd a-riamh riaraichte.

A#### ‘ faighinn taic

Ma tha thu a’ fulang burraidheachd, gràin-co-sheòrsachd no gràin-tar-ghnèitheachd bu chòir dhut beachdadh air na leanas a dhèanamh:

  • Bruidhinn ri cuideigin anns a bheil earbsa agad.
  • Innis dhan sgoil, colaiste, oilthigh no neach-fastaidh agad.
  • Innis dha na Poileas.
  • Bruidhinn ri buidheann LGDT+.
  • Cuir fios gu Victim Support Scotland ma tha thu air eucoir gràineil a dh’fhulang.

Barrachd Chomhairle


Gheibhear barrachd chomhairle mu bhurraidheachd air an làrach-lìn Respect Me no bhith a’ cur fòn gu gìn de na loidhnichean-taice a th’ air an duilleag seo.