Altramachadh

Comhairle / Pàrantachd / Altramachadh

Dè th’ ann an altramachadh?

‘S e altramachadh nuair nach eil leanabh no duine òg comasach air fuireach còmhla ris am pàrantan air sgàth ‘s duilgheadas air choireigin agus thèid an cur fo chùram neach no teaghlach eile airson grèis.

Tha altramachadh diofraichte bho uchd-mhacachd air sgàth ‘s gum bi a’ mhòr-chuid de chloinne-altraim fhathast ann am buntanas air choireigin leis na teaghlaichean aca agus bidh iad a’ tilleadh dhan teaghlaichean aca nuair a tha an duilgheadas a rèiteachadh.

Uaireannan thèid an leanabh uchd-mhacachadh as dèidh dhaibh a bhith fo altramachd.

Cò tha comasach air altramachadh?

Faodaidh duine sam bith altramachadh ma tha iad a’ faireachdainn gum faod iad cùram a thoirt ri leanabh, ach thèid am measadh le neach-obrach sòisealta gus dèan cinnteach gu bheil iad nan tagraiche freagarrach.

Bidh mòran ùghdarrasan ionadail a’ ruith chùrsaichean do dhaoine a tha a’ beachdachadh air altramachadh.

Am Pròiseas Measaidh

Chan fhaod ùghdarrasan ionadail ach luchd-cùraim aontaichte a chleachdadh agus ‘s pròiseas fada agus mionaideach a th’ ann.

Feumaidh tagraichean aithisg mheidigeach fhaighinn bho doctair gus sealltainn gu bheil iad fallain gu leòr airson cùram a thoirt ri leanabh agus thèid sgrùdadh a dhèanamh air a h-uile duine nas sìne na 18 bliadhna a dh’aois a bhios a’ fuireach san taigh gus faighinn a-mach ma tha clàr eucoireach aca agus gu bheil iad ceadaichte a bhith timcheall air clann.

Ma tha an tagraiche pòsta no ma tha iad air tagradh a chur a-steach mar charaid thèid an dithis a mheasadh.

Aon uair ‘s gu bheil an neach-cùraim air aontachadh leis an ùghdarras ionadail thèid fiosrachadh mionaideach a chur thuga mun leanabh agus mun taic agus treànadh a gheibh iad bhon ùghdarras.

Feumaidh ùghdarrasan ath-sgrùdadh a dhèanamh air luchd-cùraim co-dhiù gach bhliadhna.

Ann an suidheachaidhean èiginneach, faodaidh ùghdarrasan ionadail leanabh a chur fo chùram neach-cùraim neo-aonaichte a leithid ball teaghlaich no caraid an teaghlaich.

Còirichean Luchd-cùraim

Ged a tha dleastanas aig luchd-cùraim cùram a thoirt ri leanabh bho latha gu latha, chan eil còirichean phàrant slàn aca.

Faodaidh cùirt còirichean phàrant slàn a thoirt ri neach-cùraim ma tha e iomchaidh.

Tha còirichean pàrantan an leanaibh an crochadh air mar a thàining an leanabh gu bhith fo chùram an ùghdarras ionadail.

Deireadh an t-Suidheachaidh

Faodaidh suidheachaidhean altraim tighinn gu crìoch

  • ma tha an duine òg seann gu leòr airson fuireach air an ceann fhèin;
  • ma bhios an leanabh a’ tilleadh dhan teaghlach aca;
  • ma bhriseas an aonta altramachaidh sìos;
  • ma thèid an leanabh a chur fo chùram neach eile;
  • ma thèid an leanabh uchd-mhacachadh leis an neach-cùraim no cuideigin eile.

Maoineachadh

Gheibh luchd-cùraim maoineachadh bhon ùghdarras ionadail gus cosgaisean cùram an leanaibh a phàigheadh, ach ‘s ann an urra ris an ùghdarras a tha an t-siostam pàighidh ach bidh Riaghaltas na h-Alba agus an Lìonra Altramachaidh a’ toirt stiùireadh dhaibh.

Barrachd fhiosrachaidh

Fostering Network in Scotland

Fòn: 0141 204 1400 (Diluain-Diardaoin eadar 10m-4f)

Post-d: fosterlinescotland@fostering.net