Aithneachadh gnè

Comhairle / Aithneachadh Gnè

Anns an Rìoghachd Aonaichte, tha an gnè laghail aig a h-uile daoine ceangailte ris an teisteanas breith aca

Chan urrainnear gnè laghail atharrachadh le bhith ag atharrachadh an gnè a nochdas air cead-dràibhidh no cead-siubhail.

Ma tha cuideigin airson an gnè laghail aca atharrachadh feumaidh iad sealltainn:

  • gu bheil iad co-dhiù 18 bliadhna a dh’aois;

  • gu bheil iad air a bhith a’ fuireach gu h-iomlan anns an gnè ùr aca fad dà bhliadhna agus gu bheil iad an dùil fuireach gu maireannach anns an gnè sin airson a’ chòrr dhen bheatha aca;
  • gu bheil dà aithisg mheidigeach, fear bho doctair agus fear eile bho eòlaiche gnè, aca a’ dearbhadh gu bheil neo-shàstachd gnè oirnn agus ma tha iad air leigheas sam bith, a leithid comhairleachadh,
    teiripe ionadachadh bhrodagan, no obair-lannsa fhaighinn mar thà. Chan eil obair-lannsa riatanach ach feumaidh iad innse ma tha iad a’ feitheamh ris no mura bhios iad ga fhaighinn idir.

Tha barrachd fhiosrachaidh mun a’ phròiseas, a’ toirt a-steach foirmean tagraidh agus stiùireadh mionaideach air am buaidh laghail a th’ aig aithneachadh gnè, air làrach-lìn Pannal Aithneachadh Gnè.

Aithneachadh Gnè & Pòsadh

Tha Achd Pòsaidh agus Compàirteachas Catharra (Alba) 2014 a’ leigeil le daoine a tha pòsta no a tha ann an compàirteachas catharra a bhith ag atharrachadh an gnè laghail aca gun sgaradh.

Ann an Alba faodaidh daoine a tha pòsta iarrtas a chur a-steach gu Pannal Aithneachadh Gnè gun chead sgrìobhte bhon a’ chèile aca ach tha am pròiseas nas fhasa ma tha cead aca. (Tha cead sgrìobhte riatanach ann an Sasainn agus a’ Chuimrigh).

Feumaidh daoine a tha ann an compàirteachas catharra an compàirteachas catharra sin atharrachadh gu pòsadh mus bi iad comasach air iarrtas a chur a-steach chun a’ phannal. Chan eil seo iomchaidh ge-tà ma tha an dithis chompàirtiche airson an gnè aca atharrachadh aig an aon àm.

Tha barrachd fhiosrachaidh mu na roghainnean agus dòigh-obrach air fad air làrach-lìn an Lìonra Co-ionannachd.