Comhairle / A’ tighinn a-mach

A’ tighinn a-mach

Ged a tha tòrr daoine a bharrachd air tighinn a-mach san latha an-diugh, tha a’ chuid as motha againn fhathast air ar togadh ann an saoghal far a bheilear a’ faicinn eile-sheòrsachd mar an àbhaist.

Air sgàth ’s sin bidh daoine a’ smaointinn gum bi coltas, giùlan agus faireachdainnean àraid agaibh a-rèir ur gnè. Gu fìrinneach, ge-tà, tha coltas, giùlan agus faireachdainnean diofraichte aig a h-uile duine agus tha seo fìor a thaobh feisealachd cuideachd.

Ma tha sibh a’ smaointinn gum faodadh sibh a bhith LCDT+ no ma tha sibh cinnteach gu bheil, tha sinn an dòchas gum bi an stiùireadh seo gur cuideachadh gus ur faireachdainnean a thuigsinn gus am bi sibh comasach air an roinneadh nuair a tha sibh deiseil.

Tha am pròiseas tighinn a-mach diofraichte airson a h-uile duine agus chan eil dòigh ceart no ceàrr ann airson a dhèanamh.

Chan urrainn dhuinn a h-uile ceist a fhreagairt an-seo ’s mar sin ma tha sibh ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh mu dheidhinn cuspair sam bith a nochdas an seo bhitheamaid gur moladh sùil a thoirt air na ceanglaichean feumail aig bonn na duilleige no anns an iùl-lann againn an seo.

A’ tighinn a-mach mar leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach

Ma tha sibh a’ smaointinn gum faodadh sibh a bhith LCD no ma tha sibh cinnteach gu bheil, tha sinn an dòchas gum bi an stiùireadh seo gur cuideachadh gu ur faireachdainnean a thuigsinn gus am bi sibh comasach air an roinneadh nuair a tha sibh deiseil.

A’ tighinn a-mach mar tar-ghnèitheach

Ma tha sibh a’ smaointinn gum faodadh sibh a bhith tar-ghnèitheach no ma tha sibh cinnteach gu bheil, tha sinn an dòchas gum bi an stiùireadh seo gur cuideachadh gu ur faireachdainnean a thuigsinn gus am bi sibh comasach air an roinneadh nuair a tha sibh deiseil.

A’ tighinn a-mach mar neo-sheòrsach

Ma tha sibh a’ smaointinn gum faodadh sibh a bhith neo-sheòrsach no ma tha sibh cinnteach gu bheil, tha sinn an dòchas gum bi an stiùireadh seo gur cuideachadh gu ur faireachdainnean a thuigsinn gus am bi sibh comasach air an roinneadh nuair a tha sibh deiseil.

Comhairle do phàrantan le clann LCDT+

Mar phàrant(an), ‘s dòcha gum bi ceistean no draghan agaibh ma tha sibh a’ smaointinn gum faodadh ur leanabh a bhith LCD. Tha sinn air cuid de na ceistean as cumanta a fhreagairt an seo.

Comhairle do bhuill teaghlaich agus càirdean de dhaoine LCDT+

Beagan comhairle do bhuill teaghlaich agus chàirdean a tha eòlach air cuideigin a tha air tighinn a-mach cho chionn goirid.