A' tighinn a-mach mar tar-ghnèitheach

Comhairle / A’ tighinn a-mach / A’ tighinn a-mach mar tar-ghnèitheach

Ma tha sibh a’ smaointinn gum faodadh sibh a bhith tar-ghnèitheach no ma tha sibh cinnteach gu bheil, tha sinn an dòchas gum bi an stiùireadh seo gur cuideachadh gus ur faireachdainnean a thuigsinn gus am bi sibh comasach air an roinneadh nuair a tha sibh deiseil.

Dè tha tar-ghnèitheach a’ ciallachadh?

Tha tar-ghnèitheach (transgender) a’ toirt iomradh air raon farsaing de dhaoine aig a bheil dearbh-aithne gnè no nochdadh gnè a tha diofraichte bhon gnè a chaidh a chur orra nuair a rugadh iad.

Dè tha tar-sheòrsach a’ ciallachadh?

Tha tar-sheòrsach (transsexual) a’ toirt iomradh air daoine tar-ghnèitheach a tha air eadar-ghluasad bhon gnè a chaidh a chur orra nuair a rugadh iad chun an gnè ris a bheil iad ag aithneachadh.

Bidh cuid de dhaoine a’ cleachdadh tar-ghnèitheach, tar-sheòrsach no an giorrachadh trans an àite a chèile.

Fireannach tar-sheòrsach / Fireannach BGF (Boireann gu Fireann)
(Trans man / FTM (Female to male) man

Cuideigin a chaidh a chomharrachadh boireann nuair a rugadh iad ach a tha ag aithneachadh mar fireann.

Boireannach tar-sheòrsach / Boireannach FGB (Fireann gu Boireann)
(Trans woman / MTF (Male to Female) woman

Cuideigin a chaidh a chomharrachadh fireann nuair a rugadh iad ach a tha ag aithneachadh mar boireann.

Eadar-ghluasad

Tha eadar-ghluasad a’ toirt iomradh air a’ phròiseas a bhios daoine tar-ghnèitheach a’ leantainn gus an gnè aca atharrachadh bhon ghnè a chaidh a chur orra nuair a rugadh iad chun an gnè ris a bheil iad ag aithneachadh.

Dè tha an sàs ann an eadar-ghluasad?

Bidh eadar-ghluasad diofraichte aig a h-uile duine ach a-measg rudan eile dh’fhaodadh e toirt a-steach:

  • ag atharrachadh ur ainm;
  • ag atharrachadh na riochdairean pearsanta a bhios sibh a’ cleachdadh gus iomradh a thoirt oirbh fhèin;

  • ag atharrachadh an aodach agaibh;
  • teiripe ionadachadh bhrodagan (HRT);
  • obair-lannsa daingneachadh gnè.

Cha bhi a h-uile duine a’ leantainn an aon phròiseas, mar eisimpleir cha bhi a h-uile duine a’ faighinn obair-lannsa daingneachadh gnè.

Tha am pròiseas tighinn a-mach diofraichte airson a h-uile duine agus chan eil dòigh ceart no ceàrr ann airson a dhèanamh.

Chan urrainn dhuinn a h-uile ceist a fhreagairt an-seo ’s mar sin ma tha sibh ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh mu dheidhinn cuspair sam bith a nochdas an seo bhitheamaid gur moladh sùil a thoirt air na ceanglaichean feumail aig bonn na duilleige no anns an iùl-lann againn an seo.

Daoine òga tar-ghnèitheach

Tuairisgeul

Inbhich tar-ghnèitheach

Tuairisgeul