A' tighinn a-mach mar leasbach, co-sheòrsach no dà-sheòrsach

Comhairle / A’ tighinn a-mach / A’ tighinn a-mach mar leasbach, co-sheòrsach no dà-sheòrsach

Ged a tha tòrr daoine a bharrachd air tighinn a-mach san latha an-diugh, tha a’ chuid as motha againn fhathast air ar togadh ann an saoghal far a bheilear a’ faicinn eile-sheòrsachd mar an àbhaist.

Air sgàth ‘s sin bidh daoine a’ smaointinn gum bi coltas, giùlan agus faireachdainnean àraid agaibh a-rèir ur gnè. Gu fìrinneach, ge-tà, tha an coltas, giùlan agus faireachdainnean diofraichte aig a h-uile duine agus tha seo fìor a thaobh feisealachd cuideachd.

Ma tha sibh a’ smaointinn gum faodadh sibh a bhith LCDT+ no ma tha sibh cinnteach gu bheil, tha sinn an dòchas gum bi an stiùireadh seo gur cuideachadh gu ur faireachdainnean a thuigsinn gus am bi sibh comasach air an roinneadh nuair a tha sibh deiseil.

Tha am pròiseas tighinn a-mach diofraichte airson a h-uile duine agus chan eile dòigh ceart no ceàrr ann airson a dhèanamh.

Chan urrainn dhuinn a h-uile ceist a fhreagairt an-seo ‘s mar sin ma tha sibh ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh mu dheidhinn cuspair sam bith a nochdas an seo bhitheamaid gu moladh sùil a thoirt air na ceanglaichean feumail aig bonn na duilleige no anns an iùl-lann againn an-seo.

Dè th’ ann an tighinn a-mach?

‘S e tighinn a-mach nuair a bhios sibh ag innse do dhaoine eile mu am feisealachd no an dearbh-aithne gnè agaibh.

Gu mì-fhortanach air sgàth ‘s gu bheilear a’ faicinn eile-sheòrsachd mar “an àbhaist” feumaidh daoine LCDT+ innse do dhaoine eile ma tha feisealachd no dearbh-aithne gnè diofraichte aca.

Thig diofar dhaoine a-mach aig diofar amannan anns na beathaichean aca agus bidh diofar adhbharan aca airson a dhèanamh.

Bidh cuid de dhaoine nas comhfhurtail tighinn a-mach beag air bheag .i. faodaidh cuideigin tighinn a-mach ris an teaghlach aca mus tig iad a-mach anns an sgoil no faodaidh iad tighinn a-mach ri dlùth chàraid a-mhàin.

Chan eil dòigh ceart no ceàrr ann airson a dhèanamh. ‘S e an rud as fheàrr a bhith ga dhèanamh san ùine agaibh fhèin.

Comhairle agus taic

Chan eil a h-uile duine comhfhurtail le bhith a’ tighinn a-mach leis an luchd-gaoil aca sa chiad dol a-mach ach tha iomadh dòigh ann gus seo a dhèanamh nas fhasa.

  • Làraichean-lìn - Tha iomadh làrach-lìn ann far am faigh sibh fiosrachadh agus comhairle mu dheidhinn cùisean LCDT+. Tha liosta feumail dhiubh an-seo.
  • Fòraim air loidhne - Mura h-eil sibh deiseil airson bruidhinn ri daoine eile gu pearsanta tha fòraim air loidhne na deagh fuasgladh airson bruidhinn ri daoine LCDT+ eile ann an dòigh sàbhailte agus dìomhair. Tha liosta feumail dhiubh an-seo.
  • Buidhnean taice - Tha iomadh buidheann-òigridh LCDT+ air feadh Alba agus an Rìoghachd Aonaichte. Tha liosta feumail dhiubh an-seo.

Beag air bheag

‘S e an rud as cudromaiche a bhith deiseil airson tighinn a-mach. Ma dh’fhaodte gum bi e feumail dhuibh beachdachadh air na puingean na leanas mus thòisicheas sibh:-

  • Bithibh cinnteach gu bheil sibh airson tighinn a-mach agus nach eil sibh a’ faireachdainn gum feum sibh tighinn a-mach.
  • Bithibh cinnteach gu bheil sibh airson an duine seo innse agus gu bheil earbsa agaibh annta gum bi iad ga chumail dìomhair mura h-eil sibh airson daoine eile faighinn a-mach fhathast.
  • Dèanaibh cinnteach gu bheil sibh ann an àite comhfhurtail agus sàbhailte.
  • Bithibh misneachail, ciùin agus na bithibh buaireanta.
  • Dèanaibh beagan rannsachadh air a’ chuspair ro-làimh gus an urrainn dhuibh a mhìneachadh do dhaoine eile.
  • Bithibh deiseil airson tòrr cheistean a fhreagairt.
  • Dèanaibh cinnteach gu bheil ùine gu leòr agaibh airson bruidhinn.
  • Bithibh deiseil airson freagairt sam bith agus toiribh cothrom dhuibh smaointinn air agus fàs cleachdte ris. Dh’fhaodadh a’ chiad fhreagairt aca a bhith diofraichte bho mar a tha iad a’ faireachdainn. Ma dh’fhaodte gun tug sibh beagan ùine gus fàs cleachdte ris cuideachd.
  • Ma tha freagairt àicheil aig daoine sam bith feuchaibh ri dòigh sàbhailte a lorg gus ur toirt às an t-suidheachadh. Nam biodh an fhreagairt aca a’ toirt a-steach droch-bheul no droch-dhìol corporra oirbh faodaidh sibh innse dha na Poileas le bhith a’ cur fòn gu 999 no 101.

Ag innse ur càirdean

Bidh mòran dhaoine a’ tighinn a-mach nuair nach eil iad airson falach tuilleadh.

Faodar càirdeasan nas dlùithe, nas onaraiche agus nas fìrinne a chruthachadh le bhith a’ tighinn a-mach ri dlùth chàraid. ‘S e an rud as cudromaiche gu bheil earbsa agaibh annta.

Gu mì-fhortanach, bi cuid de dhaoine diofraichte timcheall oirbh. Innisibh dhaibh nach eil thu air atharrachadh agus nach fheum an càirdeas agaibh atharrachadh agus toiribh beaga ùine dhaibh gus fàs cleachdte ris.

Ag innse ur teaghlach

Uaireannan ‘s e tighinn a-mach ri an teaghlaichean an rud as duilghe do dhaoine LCDT+.

Ma dh’fhaodte gum bi iongnadh air cuid de dhaoine no bidh cuid eile a’ smaointinn gu bheil iad air rudeigin a dhèanamh ceàrr agus gu bheil iadsan as coireach. Tha e cudromach gum bi sibh ag innse dhaibh nach do rinn iad dad ceàrr agus bheil e na phàirt dhuibh nach gabh atharrachadh le daoine sam bith.

Bidh cuid de phàrantan a’ smaointinn gum bi beatha nas duilghe agaibh agus nach bi sibh comasach air teaghlach a thòiseachadh. Innisibh dhaibh gu bheil beathannan làn is toilichte aig tòrr dhaoine LCDT+ agus gu bheil iomadh dòigh ann airson teaghlach a thòiseachadh mar eisimpleir uchd-mhacachd (adoption), neach-ionaid (surrogate) agus sìolachadh fuadain (artificial insemination).

A’ tighinn a-mach aig sgoil

Ma tha sibh airson tighinn a-mach aig sgoil bu chòir dhuibh beachdachadh air na puingean na leanas:-

  • Bruidhinnibh ri Ceannard na Sgoile agus an tidsear treòrachaidh agaibh gus faighinn a-mach mar a bhios an sgoil a’ toirt cuideachadh dhuibh.
  • Thoiribh sùil air poileasaidh na sgoile air burraidheachd gus faighinn a-mach ma tha e a’ toirt iomradh air gràin-co-sheòrsachd, gràin-tar-ghnèitheachd ‘s a leithid. Tha barrachd chomhairle a thaobh burraidheachd an-seo.
  • A bheil dlùth charaid aig an sgoil a bhios a’ toirt taic dhiubh?
  • Faodaidh tu bruidinn ri buidheann-òigridh LCDT+ ionadail airson barrachd chomhairle agus ma dh’fhaodte gun connaich sibh ri caraid ùr a bhios an làthair aig an aon sgoil.

Tha Co-chruinneachadh nan Dùthchannan Aonaichte air Còirichean airson an Leanaibh a’ toirt a h-uile duine fo aois 18 an còir air foghlam, an còir a bhith sàbhailte bho chron agus an còir pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean a bhios a’ toirt buaidh air am beatha fhèin. Mura h-eil an sgoil agaibh gur cuideachadh no gur cumail sàbhailte bho bhurraidheachd no leth-bhreith, faodaidh sibh innse dha na Poileas. Tha barrachd chomhairle againn a thaobh chòirichean agus eucoirean gràineil.</a>

A’ tighinn a-mach aig colaiste / oilthigh

Bidh mòran dhaoine a’ smaointinn air bhith nas fosgailte mu an feisealachd no an dearbh-aithne aca nuair a thòisicheas iad a’ dol gu colaiste no oilthigh.

Mus chlàr sibh le colaiste no oilthigh sam bith bu chòir dhuibh beachdachadh air na puingean na leanas:-

  • A bheil aithris rùin a’ cholaiste / an oilthigh a’ toirt iomradh air co-ionannachd agus iomadachd?</li>
  • A bheil poileasaidh aca a thaobh gràin-co-sheòrsachd, gràin-tar-ghnèitheachd ‘s a leithid?</li>
  • A bheil co-chomann LCDT+ aca?

Tha dleastanas aig a h-uile colaiste / oilthigh ann an Alba dèiligeadh ri leth-bhreith an aghaidh dhaoine LCDT+.

A’ tighinn a-mach san àite-obrach

Bidh cuid de dhaoine a’ tighinn a-mach san àite-obrach gus am bi iad nas onarach leis na co-obraichean aca gus nach bi iadsan a’ dèanamh ro-bheachdan mun deidhinn. Bidh cuid eile, ge-tà, nas comhfhurtail gun a bhith a’ tighinn a-mach san àite obrach air sgàth ‘s gur e rud pearsanta a th’ ann.

The leth-bhreith a thaobh feisealachd no gnè air a bhith mì-laghail o chionn 2003. Ma tha sibh a’ smaointinn gu bheil sibh air leth-bhreith a fhulang bu chòir dhuibh comhairle a sireadh. Tha barrachd fhiosrachaidh mu dheidhinn leth-bhreith an-seo.