Àireamh de dhaoine a’ cleachdadh loidhne-chuideachaidh LCDT+ air àrdachadh air sgàth Coròna-bhìoras

Tha carthannas LCDT+ air aithris gu bheil iad air àrdachadh mòr fhaicinn anns an àireamh de dhaoine a’ cleachdadh an loidhne-chuideachaidh aca bho thòisich daoine fuireach san taigh air sgàth Coròna-bhìoras.… Leugh an-còrr “Àireamh de dhaoine a’ cleachdadh loidhne-chuideachaidh LCDT+ air àrdachadh air sgàth Coròna-bhìoras”

Leigheas sìolachadh in-bhiotro air a thabhann do chàraid fhireannach ann an Alba

Thàinig e am follais Didòmhnaich gun deach leigheas sìolachadh in-bhiotro a thabhann do chàraid fhireannach co-sheòrsach ann an Alba airson a’ chiad turas a-riamh san Rìoghachd Aonaichte.… Leugh an-còrr “Leigheas sìolachadh in-bhiotro air a thabhann do chàraid fhireannach ann an Alba”

Talla-spors Dhùn Èideann a’ tabhann chlasaichean fallaineachd an-asgaidh do dhaoine tar-gnèitheach agus neo-bhìnearaidh

Tha an talla-spòrs neo-phrothaideach Projekt 42 ann an Lìte air ainmeachadh gum bi iad a’ tabhann chlasaichean fallaineachd seachdaineil an-asgaidh do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.… Leugh an-còrr “Talla-spors Dhùn Èideann a’ tabhann chlasaichean fallaineachd an-asgaidh do dhaoine tar-gnèitheach agus neo-bhìnearaidh”

Eòlaiche Sgaoileadh-ghalaran air iarraidh air Riaghaltas Innis Tìle crìoch a chur air a’ chasg a tha toirmeasg daoine gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala

Tha Þórólfur Guðnason, aon dhe na prìomh Eòlaichean Sgaoileadh-ghalaran (Epidemiologist) ann an Innis Tìle, air iarraidh air an riaghaltas crìoch a chur air a’ chasg iomlan a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.… Leugh an-còrr “Eòlaiche Sgaoileadh-ghalaran air iarraidh air Riaghaltas Innis Tìle crìoch a chur air a’ chasg a tha toirmeasg daoine gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala”

Bu chòir cùisean LCDT+ a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne

Tha doctairean bho Cholaiste Rìoghail Leigheas agus Slàinte Chloinne (RCPCH) air aontachadh gum bu chòir cùisean LCDT a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne.… Leugh an-còrr “Bu chòir cùisean LCDT+ a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne”

Bhidio ùr a’ soilleireachadh an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala

Tha an iomairtiche airson còirichean LCDTE+, Peter Tatchell, air bhidio a sgaoileadh air YouTube gus an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a shoillearachadh.… Leugh an-còrr “Bhidio ùr a’ soilleireachadh an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala”