Cùisean LCDTE ri theagaisg ann an sgoiltean Albannach airson a’ chiad turas

9 November 2018 le

Chaidh ainmeachadh le Riaghaltas na h-Alba Diardaoin gun tèid cùisean LCDTE a theagaisg ann an leasanan sgoile airson a’ chiad turas.


Maoineachadh de £1 millean a bharrachd dhan iomairt an aghaidh burraidheachd LCDT+

5 November 2018 le

Chaidh ainmeachadh leis an Riaghaltas Didòmhnaich gun tèid maoineachadh de £1 millean a bharrachd a thoirt dhan strì an aghaidh burraidheachd LCDT+ ann an sgoiltean.


Jeff Bezos air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a bhòtas gu cunbhalach an aghaidh còirichean LCDTE+

1 November 2018 le

Tha Jeff Bezos, Ceannard Amazon, air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a tha air bhòtadh gu cunbhalach an aghaidh còirichean LCDTE+.


A’ chiad cead-siubhail neo-ghèitheach air a thoirt a-mach anns na Tìrean Ìsle

23 October 2018 le

Chaidh cead-siubhail neo-ghnèitheach (gender neutral) a thoirt a-mach anns Na Tìrean Ìsle airson a’ chiad turas.


Dòchas ùr airson pòsadh aon-sheòrsach ann an Èirinn a Tuath

23 October 2018 le

Tha dithis bhall-phàrlamaid Làbarach air plana a chur an gnìomh a dh’fhaodadh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.


Comhairliche tar-ghnèitheach Albannach a’ leigeil às an dreuchd mar thoradh air droch dhìol

15 August 2018 le

Tha an aon comhairliche tar-ghnèitheach ann an Alba air ainmeachadh gum bidh iad a’ leigeil às chuid dhe na dreuchdan aca mar thoradh air “sreath de dhroch dhìol guineach agus seasmhach” a’ toirt a-steach bagairtean bàis.


Luchd-poilitigs Liberalach air a chàineadh airson bhòt cudromach air Brexit a chaill

18 July 2018 le

Chaidh BP Libearalach Tim Farron a chàineadh Dimàirt as dèidh dha bhòt cudromach air Brexit a chaill sa Phàrlamaid o chionn ‘s gun robh e a’ frithealadh co-labhairt eaglais gus bruidhinn air an connspaid mu a bheachdan air fèise co-sheòrsach agus Crìosdaidheachd.


Luchd-poilitigs co-sheòrsach airson reifreann eile air Brexit

17 July 2018 le

Tha dithis neach-poilitigs co-sheòrsach airson bhòt eile air Brexit.


Nicola Sturgeon na h-Àrd-Mharasgal na Caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu

15 July 2018 le

Bha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon aig ceann na caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.


Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil

21 June 2018 le

Tha Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul foirmeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil.


Duine tar-ghnèitheach a’ strì airson a bhith air aithneachadh gu h-oifigeil mar athair a phàiste

19 June 2018 le

Tha duine tar-ghnèitheach anns an Rìoghachd Aonaichte a’ strì airson a bhith air aithneachadh gu h-oifigeil mar athair a phàiste.


BPA SNP a’ càineadh Bile nan Eucoirean Feise

19 June 2018 le

Tha John Mason BPA air a bhith a’ càineadh lagh ùr a chitheas mathanas a thoirt do dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh an dìteadh fo laghan eachdraidheil.


Pàrlamaid na h-Alba air bhòtadh gus Lagh Thuring a chur an gnìomh

6 June 2018 le

Tha Pàrlamaid na h-Alba air bhotadh gu h-aon-ghuthach airson lagh ùr a chur an gnìomh a chìthear mathanas oifigeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh an dìteadh fo laghan lethbhreith eachdraidheil.


Moladh gus leigeil le clann Albannach gnè atharrachadh air an teisteanas breith aca

4 June 2018 le

Bu chòir clann cho òg ri 12 a bhith comasach air gnè atharrachadh air an teisteanas breith aca gun taic phàrant, a-rèir Coimiseanair Cloinne is Òigridh na h-Alba.


Pàrlamaid na h-Alba a’ toirt taic ri Lagh Thuring

19 April 2018 le

Dh’aontaich Pàrlamaid na h-Alba gu h-aon-ghuthach Diciadan ri prìomh-amasan an Historical Sexual Offences (Pardons and Disregards) (Scotland) Bill.


Casg air tar-ghnèithich ann an seirbheisean armailteach nan Stàitean Aonaichte

26 March 2018 le

Chaidh a dhearbhadh le Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaicte Donald Trump gu bheil casg air a chuid as motha de thar-ghnèithich le mì-rian ghnèitheach bho sheirbheis armailteach.


Riaghaltas na h-Alba airson laghan a thaobh dearbh-aithne ghnèitheach ath-leasachadh

7 January 2018 le

Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gum bi iad a’ dol air adhart le planaichean gus laghan a thaobh dearbh-aithne ghnèitheach ath-leasachadh as dèidh gun do chur Riaghaltas Bhreatainn dàil air na planaichean acasan.


42 tagraichean LCDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna

7 January 2018 le

A-rèir an iris OutSmart tha co-dhiù 42 tagraichean LCDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna.


Riaghaltas a’ toirt maoineachadh de £75,000 dhan charthannas Òigridh LCDT na h-Alba

1 January 2018 le

Gheibh an carthannas Òigridh LCDT na h-Alba (LGBT Youth Scotland) £75,000 bho Riaghaltas na h-Alba mar phàirt dhen sgeama “Bliadhna na h-Òigridh” a bhios iad a’ ruith fad 2018.


Leo Varadkar na chiad Phrìomhaire co-sheòrsach aig Èirinn

2 June 2017 le

Chaidh Leo Varadkar a thaghadh mar cheannard am partaidh poilitigeach Fine Gael an-diugh agus e a-nis gu bhith a chiad Prìomhaire (Taoiseach) co-sheòrsach ann an eachdraidh na h-Èirinn.