7 An Cèitean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha daoine co-sheòrsach air a bhith ga chur an grèim anns na h-Eileanan Caimean airson pòg a thoirt dhan companach aige fhad ’s a bha iad air saor-làithean anns a’ Mhuir Charaibeach.
23 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Air sgàth ’s gearanan bhon a’ Ghearmailt agus eile tha an t-Aonadh Eòrpach air òrdugh a bhiodh a’ dìon daoine LCDT bho leth-bhreith a thrèigsinn.
15 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Poileas ann an Istanbul, An Tuirc, air ionnsaigh a thoirt air buidheann LCDT agus tha iad air ràdh gun robh adhbhar aca air sgàth ’s cho tric ’s a bhios daoine tar-ghnèitheach a’ tadhal air na h-oifisean aca.
9 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha màthraichean leasbach ann an Iosrael a’ sabaid gus am bi iad air ainmeachadh air teisteanas breith an leanabh aca.
9 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha breitheamh feadarail anns na Stàitean Aonaichte ag ràdh gum bu chòir dhan Westboro Baptist Church agus na h-oifisean aig Phelps-chartered Law a bhith air an toirt air falbh bhon luchd-seilbh aca gus càin de $5m a phàigheadh.
9 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh bacadh a chur air làrach-lìn, a tha a’ toirt seachad seirbheis gus companaich-flat a lorg, le cùirt anns na Stàitean Aonaichte air sgàth ’s gun robh an làrach-lìn a’ cur ceistean air na buill mu dheidhinn an gnèitheachd aca.
8 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh rannsachadh a thòiseachadh air sgàth ’s gun do rinn maighstir lagha ceangal eadar daoine co-sheòrsach agus paedophiles air prògram aithriseach anns a’ Chuimrigh.
8 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha fianais ùr air nochdadh gun do rinn boireannach tar-ghnèitheach gearan mus do chur à dhì fèin gun robh prìosanaich eile ga burraidheachd air sgàth ’s an gnè aice.
5 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha a’ Chrois Dhearg ann an Dùthaich na Tàidh air co-dhùnadh a dhèanamh gum bi iad a’ gabhail ri lagh a bhios a’ cur casg air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.
3 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh dùilean a briseadh ann an Èirinn as dèidh dhan Riaghaltas a dhearbhadh nach tèid còirichean co-ionann a thoirt ri pàrantan LCDT mar phàirt de lagh ùr a bhios ag aithneachadh companasan-catharra.
2 An Giblean 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh sgeama stèidheachadh le Coimisean nan Còirichean Daonna agus Co-ionannachd (EHRC) a bhios a’ dèanamh prìomhachas air cùisean-lagha a-thaobh gnèitheachd.
31 Am Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Fhad ’s a tha gnìomhaichean LCDTE ann an Èirinn a’ feitheamh ri chluinntinn molaidhean an Riaghaltas airson càraidean aon-sheòrsach aithneachadh gu h-oifigeil, tha cunntas-bheachd ùr a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-chuid ann an Èirinn air a shon.
30 Am Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Roinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh nach urrainn gnìomhaiche AIDS cead-siubhail ùr fhaighinn air sgàth ’s gu bheil an ainm pòsta aige mì-laghail.
30 Am Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha luchd-lagha anns a’ Chùba a’ beachdachadh air laghan ùra a dhèanamh gus còirichean co-ionann a thoirt ris a’ choimhearsnachd co-sheòrsach.
29 Am Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha an IPCC (Independent Police Complaints Commission) a’ diùltadh casaidean gràin-co-sheòrsachd an aghaidh ochd oifigearan ann an Duibhe agus a’ Chòrn.
29 Am Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Chaidh iomairt a stèideachadh gus deugaire co-sheòrsach, a tha gu bhith a’ fuadach a-mach às an Rìoghachd Aonaichte, a shabhaladh.
28 Am Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha cùirt ann am Braisil air ràdh gum feum duine airgead-sgaraidh a phàigheadh ri seann chompanach co-sheòrsach aige.
19 Am Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha deugaire Siridheach gu bhith a’ fuadach a-mach às an Rìoghachd Aonaichte air sgàth ’s gun do dhiùlt Rùnaire na Dùthcha an iarrtas aige airson tèarmann poileataigeach.
19 Am Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Amnesty International agus Human Rights Watch ag ràdh gu bheil Riaghaltas an Èipheit “aineolach mu dheidhinn HIV agus gu bheil iad a’ coimhead air le claon-bharail” an dèidh barrachd casaidean airson “habitual debauchery.”
18 Am Màrt 2008 le Crìstean MacMhìcheil
Tha cùirt ann an Iosrael air co-dhùnadh a dhèanamh gun urrainn do càraid co-sheòrsach a chlàradh mar athraichean an uchd-mhac.