Fèis film LCDT+ ri tilleadh a Ghlaschu

6 November 2018 le

Thèid an ceathramh Scottish Queer International Film Festival (SQIFF) a thilleadh a Ghlaschu 5mh – 9mh An Dùbhlachd.


Còrr is $3000 air a thogail airson leabhraichean cloinne LCDT+ a thoirt ri leabharlann Ameireaganach

2 November 2018 le

Tha an t-eadar-lìon air còrr is $3000 a thogail gus leabhraichean cloinne LCDT+ ùra a cheannach dhan leabharlann ann am Baile Orainds, Iowa.


Juice1038 na chiad stèisean rèidio LCDTE ann an Èirinn a Tuath

24 July 2018 le

Tòisichidh Juice1038 a’ craoladh bho phrìomh-bhaile Èirinn a Tuath air 4mh An Lùnastal, an aon latha ri Fèis-pròise Bheul Feirste.


Proud Ness gu bhith a’ cumail sreath de thachartasan LCDTE air feadh na Ghàidhealtachd

18 July 2018 le

Chaidh a dhearbhadh le Fòram LCDTE na Gàidhealtachd an-diugh gun tèid fèis-pròise a chumail ann an Inbhir Nis 8mh An Dàmhair 2018.


‘Firinn is Feise’ air BBC iPlayer

2 March 2009 le

‘S e film aithriseach a th’ ann an Firinn is Feise a tha a’ toirt iomradh air sgeulachdan pearsanta bhon Ghàidhealtachd air an còmhstri eadar gnè feise is creideamh spioradail. Tha e ri fhaicinn air BBC iPlayer an-dràsta aig http://www.bbc.co.uk/iplayer/episode/b00g2j55/Firinn_is_Feise/.


Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh

26 November 2008 le

Tha clèir Èireannach air am bhidio-ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.


Rionnagan Ameireaganach an-sàs ann an iomairt an-aghaidh cànan oilbheumach

26 November 2008 le

Chaidh iomairt ùr a chur air bhog anns na Stàitean Aonaichte gus sgoilearan a theagasg mu dheidhinn am buaidh a tha aig cànan oilbheumach air daoine LCDTE.


Fèis-pròise Lunnainn air iris ùr fhoillseachadh

12 June 2008 le

Tha Fèis-pròise Lunnainn air iris ùr fhoillseachadh an còis an caismeachd fhèin leis an dùil barrachd daoine a tharraing ris an tachartas am-bliadhna.


Pòsadh… ‘the Final Frontier’

21 May 2008 le

Tha George Takei air fhoillseachadh air an làrach-lìn aige gu bheil e an dùil a chompanach, Brad Altman, phòsadh.


Colin & Justin air phòsadh ann an seirbheis dìomhair

30 April 2008 le

Tha Colin McAllister agus Justin Ryan air phòsadh ann an seirbheis dìomhair aig an Oifis Chlàraidh Chelsea ann an Glaschu.


Caismeachd-pròise Bhirmingham air a chur dheth

30 April 2008 le

Cha tèid caismeachd-pròise Bhirmingham air adhart am-bliadhna air sgàth ‘s trioblaidean ionmhais.


Fosgladh Fèis-pròise Ghlaschu

9 April 2008 le

Bu tòigh le Fèis-pròise Ghlaschu fàilte a chur air a h-uile duine a bhios airson tighinn ris am fosgladh aca.


Cardiff an dùil ri fèis-pròise a chumail am bliadhna

8 April 2008 le

Thèid coinneamh a chumail an seachdain seo gus deasbad a dhèanamh air fèis-pròise a chumail ann an Cardiff.


Maighstir lagha air a rannsachadh as dèidh ceangal a dhèanamh eadar daoine co-sheòrsach agus paedophiles

8 April 2008 le

Chaidh rannsachadh a thòiseachadh air sgàth ‘s gun do rinn maighstir lagha ceangal eadar daoine co-sheòrsach agus paedophiles air prògram aithriseach anns a’ Chuimrigh.


Eminem gu bhith a’ riochdachadh Elton John ann am film ùr

7 April 2008 le

Tha Eminem (Marshall Bruce Mathers III) gu bhith a’ riochdachadh Sir Elton John ann am film ùr mu dheidhinn beatha an seinneadair co-sheòrsach.


Bàrd Èireannach a’ bruidhinn ann an agallamh air amharais gun do ghabh e brath air balaich ann an Neapàl

2 April 2008 le

Tha bàrd Èireannach, a tha fo amharas gun do ghabh e brath air balaich ann an Neapàl, air agallamh a dhèanamh air Raidio na Gaeltachta.


Bàrd connspaideach a’ fuireach air curraicealam na h-Èirinn

28 March 2008 le

Tha an An Chomhairle Náisiúnta Curaclaim agus Measúnachta (An Comhairle Nàiseanta Curraicealaim agus Measaidh) ann an Èirinn ag ràdh gum bi obraichean Cathal Ó Searcaigh a’ fuireach air curraicealam na h-Èirinn ged a tha am bàrd fo amharas gun do ghabh e brath air balaich ann an Neapàl.


Michael Stipe air ràdh gu bheil e co-sheòrsach

18 March 2008 le

Tha Michael Stipe, seinneadair anns a’ chòmhlan-ciùil R.E.M. air a ràdh gu bheil e co-sheòrsach.