Fèis-pròise Innse Ghall air a chàineadh le Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich

21 September 2018 le

Tha Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich air iomradh a thoirt air a’ chiad fèis-pròise anns na h-Eileanan an Iar mar “duilich agus nàireach”.


Ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt dhan a’ choimhearsnachd LCDT aig Fèis-pròise Pheairt

12 August 2018 le

Tha ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt seachad aig Fèis-pròise Pheairt airson cron sam bith a tha an eaglais air a dhèanamh dhan a’ choimhearsnachd LCDT.


Sagart Caitligeach air a chur à dreuchd airson ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia

19 July 2018 le

Chaidh an t-sagart Caitligeach Mark Morris a chur à dreuchd le Oilthigh Cailleannach Ghlaschu as dèidh dha ràdh gu bheil fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia.


Luchd-poilitigs Liberalach air a chàineadh airson bhòt cudromach air Brexit a chaill

18 July 2018 le

Chaidh BP Libearalach Tim Farron a chàineadh Dimàirt as dèidh dha bhòt cudromach air Brexit a chaill sa Phàrlamaid o chionn ‘s gun robh e a’ frithealadh co-labhairt eaglais gus bruidhinn air an connspaid mu a bheachdan air fèise co-sheòrsach agus Crìosdaidheachd.


Eaglais na h-Alba a’ gluasad nas fhaisge air pòsaidhean aon-sheòrsach

21 May 2018 le

Tha Eaglais na h-Alba air ceum nas dlùithe a ghluasad gus leigeil le ministearan pòsaidhean aon-sheòrsach a chumail.


Ceann-suidhe an Eaglais Mhormonach air bàsachadh

6 January 2018 le

Tha Ceann-suidhe ùr gu bhith aig an Eaglais Mhormonach (Church of Jesus Christ of Latter-day Saints) as dèidh gun do bhàsaich Thomas S. Monson Dimàirt ann an Salt Lake City. Bha e ceithir fichead sa deich bliadhna a dh’aois.


Bàsaire ISIS fo chasaid ann an Ioràc

5 January 2018 le

Tha feachdan tèarainteachd ann am Mosul, Ioràc air bàsaire ISIS a chur fo chasaid.


Ceannard Caitligeach airson bhòtadh air pòsaidhean aon-sheòrsach

17 July 2012 le

Tha ceannard Eaglais Chaitligeach na h-Alba air iarraidh gun tèid bhòt a chumail ann an Alba a thaobh pòsadh càraidean aon-sheòrsach.


A’ chiad seirbheis aon-sheòrsach Eilean Leòdhais an-diugh

20 July 2009 le

Thèid a’ chiad seirbheis aon-sheòrsach a chumail ann an Eilean Leòdhais an-diugh nuair a thèid Anndra Robasdan agus Craig Atkins am pòsadh.


Casg air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna

26 May 2009 le

Tha Eaglais na h-Alba air casg a chur air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna.


BBC Alba: Deasbad a’ leantainn mu Mhinistearan gèidh

25 May 2009 le

Leanaidh an deasbad aig Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Diluain air am bu chòir do dhaoine a tha gu fosgailte ann an càirdeasan gèidh a bhith ceadaichte àrd-oifisean a bhith aca san Eaglais.


Nach toir sibh ur cuideachadh ris an t-Urr. Scott Rennie

19 May 2009 le

Mar a bhios fios agaibh tha an t-Urr. Scott Rennie air a bhith a’ strì airson an dreuchd aige a shàbhaladh as dèidh dhan eaglais a ràdh nach robh e ceadaichte a bhith ag obair air an son air sgàth ‘s gu bheil e co-sheòrsach. Chaidh ath-chuinge a chruthachadh thall aig http://www.thepetitionsite.com/1/support-scott-rennie le Alan Parker. Tha e ag amas air 10,000 daoine a chur an ainmean ris.


Àrd-chùirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail

7 April 2009 le

Tha Àrd-chùirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail anns an stàit.


Sianar co-sheòrsach air am murt ann an Ioràc

5 April 2009 le

Tha dithis marbh ann an Sadr City, roinn Shiite dhe Bhaghdad, air sgàth ‘s clèir ionadail a dhìt co-sheòrsachd.


Gearanan a’ cur bacadh air ministear co-sheòrsach

24 March 2009 le

Thèid coinneamh a chumail gus deasbad ma bhios ministear co-sheòrsach ann an Obair Dheathain comasach air obair airson an eaglais.


‘Firinn is Feise’ air BBC iPlayer

2 March 2009 le

‘S e film aithriseach a th’ ann an Firinn is Feise a tha a’ toirt iomradh air sgeulachdan pearsanta bhon Ghàidhealtachd air an còmhstri eadar gnè feise is creideamh spioradail. Tha e ri fhaicinn air BBC iPlayer an-dràsta aig http://www.bbc.co.uk/iplayer/episode/b00g2j55/Firinn_is_Feise/.


An Eaglais Chlèireach a’ deasbad aonaidhean aon-sheòrsach

12 February 2009 le

Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèidheachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air dè an t-àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aon-sheòrsach sa Chrìosdachd agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd.


Caitligich Albannach air ràdh gu bheil co-sheòrsachd ag adhbharachadh bàis tràtha

29 January 2009 le

Tha an Eaglais Chaitligeach ann an Alba air ionnsaigh a thoirt air daoine co-sheòrsach agus leasbaich a-rithist.


Athchuinge airson pòsadh aon-sheòrsach air a thoirt gu Pàrlamaid na h-Alba

16 January 2009 le

Chaidh iomairt ùr a chur air bhog ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt gus cead pòsaidh slàn a thoirt do dhaoine LCDT.


Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh

26 November 2008 le

Tha clèir Èireannach air am bhidio-ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.