Lasachadh nan riaghailtean a thaobh fireannaich co-sheòrsach a’ toirt seachad fala ann an Èirinn a Tuath

Chaidh ainmeachadh gun tèid an lagh atharrachadh ann an Èirinn a Tuath gus am bi fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad cho fhad ’s nach eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad trì mìosan.… Leugh an-còrr “Lasachadh nan riaghailtean a thaobh fireannaich co-sheòrsach a’ toirt seachad fala ann an Èirinn a Tuath”

Àireamh de dhaoine a’ cleachdadh loidhne-chuideachaidh LCDT+ air àrdachadh air sgàth Coròna-bhìoras

Tha carthannas LCDT+ air aithris gu bheil iad air àrdachadh mòr fhaicinn anns an àireamh de dhaoine a’ cleachdadh an loidhne-chuideachaidh aca bho thòisich daoine fuireach san taigh air sgàth Coròna-bhìoras.… Leugh an-còrr “Àireamh de dhaoine a’ cleachdadh loidhne-chuideachaidh LCDT+ air àrdachadh air sgàth Coròna-bhìoras”

Riaghaltas Bhreatainn air a chàineadh airson droch-làimhseachadh a dhèanamh air còirichean tar-ghnèitheach

Tha Maria Miller, cathraiche Comataidh nam Ban agus Co-ionannachd, air an riaghaltas a chàineadh airson droch-làimhseachadh a dhèanamh air còirichean tar-ghnèitheach.… Leugh an-còrr “Riaghaltas Bhreatainn air a chàineadh airson droch-làimhseachadh a dhèanamh air còirichean tar-ghnèitheach”

Dìreach dà chàraid aon-sheòrsach air leanabh uchd-mhacachadh ann an Èirinn a Tuath o chionn 2013

Chaidh a nochdadh gur ann aig Èirinn a Tuath a tha an an ìre uchd-mhacaichidh as ìsle a-measg càraidean aon-sheòrsach anns an Rìoghachd Aonaichte le dìreach 1 anns gach 15 iarrtasan soirbheachadh, an taca ri 1 anns gach 2 ann an àiteachan eile san Rìoghachd Aonaichte.… Leugh an-còrr “Dìreach dà chàraid aon-sheòrsach air leanabh uchd-mhacachadh ann an Èirinn a Tuath o chionn 2013”

Bu chòir cùisean LCDT+ a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne

Tha doctairean bho Cholaiste Rìoghail Leigheas agus Slàinte Chloinne (RCPCH) air aontachadh gum bu chòir cùisean LCDT a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne.… Leugh an-còrr “Bu chòir cùisean LCDT+ a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne”

Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite-obrach

Tha aonar anns gach triùir de dhaoine leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a dh’fhulaing burraidheachd nuair a bha iad ann an sgoil cuideachd a’ fulaing burraidheachd san àite-obrach a-rèir sgrùdadh ùr bho Oilthigh Anglia Ruskin.… Leugh an-còrr “Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite-obrach”