Poileas Alba ri sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu

19 November 2018 le

Chaidh iarraidh air Poileas Alba sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu.


Cùisean LCDTE ri theagaisg ann an sgoiltean Albannach airson a’ chiad turas

9 November 2018 le

Chaidh ainmeachadh le Riaghaltas na h-Alba Diardaoin gun tèid cùisean LCDTE a theagaisg ann an leasanan sgoile airson a’ chiad turas.


Fèis film LCDT+ ri tilleadh a Ghlaschu

6 November 2018 le

Thèid an ceathramh Scottish Queer International Film Festival (SQIFF) a thilleadh a Ghlaschu 5mh – 9mh An Dùbhlachd.


An t-Òban airson a’ chiad fèis-pròise aca a chumail an ath-bhliadhna

10 October 2018 le

Thèid fèis-pròise a chumail anns an t-Òban an ath-bhliadhna airson a’ chiad turas a-riamh.


Ceannard Fèis-pròise Ghlaschu air a dhreuchd a leigeil dheth

9 October 2018 le

Tha Alasdair Mac a’ Ghobhainn, Ceannard Fèis-pròise Ghlaschu air a dhreuchd a leigeil as dèidh 10 bliadhna mar thoradh air duilgheadasan an tachartais am-bliadhna.


Òraidean Fèis-pròise Inbhir Nis 2018

7 October 2018 le

Bhidiothan dhe na h-òraidean aig Fèis-pròise Inbhir Nis 2018.


Comhairle air cead a thoirt seachad airson Fèis-pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

26 September 2018 le

Chaidh a dhearbhadh madainn Dimàirt gum faod Fèis-pròise Inbhir Nis dol air adhart 6mh Dàmhair.


Fèis-pròise Innse Ghall air a chàineadh le Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich

21 September 2018 le

Tha Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich air iomradh a thoirt air a’ chiad fèis-pròise anns na h-Eileanan an Iar mar “duilich agus nàireach”.


Corr ‘s 14,000 air na h-ainmean aca a chur ri athchuingean airson Fèis-pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

19 September 2018 le

Tha còrr ‘s 14,000 duine air na h-ainmean aca a chur ri trì athchuingean gus an taic aca a shealltainn airson Fèis-pròise Inbhir Nis. Chaidh na h-athchuingean a thòiseachadh as dèidh gun do thòisich Donald Morrison athchuinge eile an-aghaidh an fhèis air sgàth “adbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta.” Tha còrr ‘s 700 duine air na […]


MFR: Agallamh le Donald Morrison a thòisich athchuinge an-aghaidh Fèis-pròise Inbhir Nis

19 September 2018 le

Seo agaibh agallamh a rinn MFR / Bauer Radio Scotland le Donald Morrison, fear a thòisich athchuinge an-aghaidh Fèis-pròise Inbhir Nis air sgàth, mar a chanas e, “adhbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta”. Anns a’ bhidio tha Mgr Morrison ag ràdh nach eil e moralta airson daoine LCDT a bhith a’ taisbeanadh no a’ brosnachadh an […]


A’ Chiad Fèis-pròise airson na h-Eileanan an Iar

15 September 2018 le

Chaidh ainmeachadh Diardaoin gun tèid a’ chiad fèis-pròise a-riamh a chumail anns na h-Eileanan an Iar 6mh Dàmhair.


Comhairliche tar-ghnèitheach Albannach a’ leigeil às an dreuchd mar thoradh air droch dhìol

15 August 2018 le

Tha an aon comhairliche tar-ghnèitheach ann an Alba air ainmeachadh gum bidh iad a’ leigeil às chuid dhe na dreuchdan aca mar thoradh air “sreath de dhroch dhìol guineach agus seasmhach” a’ toirt a-steach bagairtean bàis.


Ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt dhan a’ choimhearsnachd LCDT aig Fèis-pròise Pheairt

12 August 2018 le

Tha ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt seachad aig Fèis-pròise Pheairt airson cron sam bith a tha an eaglais air a dhèanamh dhan a’ choimhearsnachd LCDT.


Comhairle Obair Dheathain a’ rannsachadh sgaoileadh de bhileagan a dh’fhaodadh a bhith gràineil ri daoine LCDTE

25 July 2018 le

Chaidh rannsachadh a chur air bhog le Comhairle Obair Dheathain an dèidh sgaoileadh de bhileagan a dh’fhaodadh a bhith gràineil ri daoine LCDTE.


Sagart Caitligeach air a chur à dreuchd airson ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia

19 July 2018 le

Chaidh an t-sagart Caitligeach Mark Morris a chur à dreuchd le Oilthigh Cailleannach Ghlaschu as dèidh dha ràdh gu bheil fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia.


Proud Ness gu bhith a’ cumail sreath de thachartasan LCDTE air feadh na Ghàidhealtachd

18 July 2018 le

Chaidh a dhearbhadh le Fòram LCDTE na Gàidhealtachd an-diugh gun tèid fèis-pròise a chumail ann an Inbhir Nis 8mh An Dàmhair 2018.


Nicola Sturgeon na h-Àrd-Mharasgal na Caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu

15 July 2018 le

Bha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon aig ceann na caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.


BPA SNP a’ càineadh Bile nan Eucoirean Feise

19 June 2018 le

Tha John Mason BPA air a bhith a’ càineadh lagh ùr a chitheas mathanas a thoirt do dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh an dìteadh fo laghan eachdraidheil.


Maoineachadh air a ghlachadh airson tachartas òigridh aig a’ chiad Fhèis Pròis Dhùn Dè

7 June 2018 le

Chaidh maoineachadh de £2500 a ghlacadh leis a’ bhuidheann-òigridh Purple Dragons gus tachartas òigridh a chumail mar phàirt dhen chiad Fhèis Pròis Dhùn Dè.


Pàrlamaid na h-Alba air bhòtadh gus Lagh Thuring a chur an gnìomh

6 June 2018 le

Tha Pàrlamaid na h-Alba air bhotadh gu h-aon-ghuthach airson lagh ùr a chur an gnìomh a chìthear mathanas oifigeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh an dìteadh fo laghan lethbhreith eachdraidheil.