26 An Cèitean 2009 le Crìstean MacMhìcheil
Tha Eaglais na h-Alba air casg a chur air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna.
Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh dìreach dà latha as dèidh dhan Àrd-sheanadh bhòtadh 326-267 gus cead a thoirt ris an t-Urr. Scott Rennie a bhith na mhinistear aig Eaglais Chrois na Bànrighinn ann an Obar Dheathain, ged a tha e a’ fuireach le companach fireannach.
Thèid coimisean àraidh stèidhichte gus a’ chuspair deasbad agus aithisg a dhèanamh ann an 2011.
Chaidh casg a chur air buill an eaglais bhon a bhith a’ bruidhinn air a’ chùis ris na meadhanan.
Briog air aon dhe na ceanglaichean na leanas gus puist dhen aon seòrsa a leughadh.
Tagaichean
Aberdeen, an t-Urr, Church of Scotland, co-sheòrsach, Eaglais Chrois na Banrighinn, Eaglais na h-Alba, gay, gèidh, homosexual, ministearan, Minister, Obar Dheathain, Queen's Cross Church, Reverend, Scott Rennie, The Kirk Roinnean-sèorsa
Alba, An Rìoghachd Aonaichte, Creideamh
An t-Ògmhios 11th, 2009 aig 09:42
Feumaidh iad smaoineachadh agus ùrnaigh a dhèanamh mu dheidhinn seo. Cha bu chòir do chuideigin a tha aig feise sam bith, nach eil maille ri a bhean, obair soisgeulach anns an eaglais a dhèanamh. Ciamar a bhruidhineas cuideigin air Dia nuair nach eil e a’ dèanamh strì an aghaidh peacaidhean?