A' toirt thugaibh na naidheachdan LCDTQ+ as ùire le fòcas àraidh air naidheachdan Albannach

Caitligich Albannach air ràdh gu bheil co-sheòrsachd ag adhbharachadh bàis tràtha

29 Am Faoilleach 2009 le

Tha an Eaglais Chaitligeach ann an Alba air ionnsaigh a thoirt air daoine co-sheòrsach agus leasbaich a-rithist.

“Tha an t-uamhas de fhianais ann a tha a’ sealltainn gu bheil càirdeasan aon-sheòrsach neo-sheasmhach gu dualach agus gun tèid dùil-bheatha nan daoine a tha an sàs annta ìsleachadh,” arsa neach-labhairt an eaglais, Peter Kearney.

Bha Mgr. Kearney a’ toirt iomradh air cùis-lagha dithis clann a chaidh an uchd-mhacachadh le càraid co-sheòrsach as dèidh dhan Ùghdarrasan Dùn Èideann ràdh gun robh na sean-phàrantan aca ro shean airson a dhèanamh.

Thuir Mgr. Kearney dhan Daily Mail:

“Is e co-dhùnadh lèir-sgriosail a tha seo aig a bhios buaidh mhòr air sochair a’ chlann.”

“Tha dleastanas aig buidhnean uchd-mhacaichidh Caitligeach a bhith coma ma bhios clann air an cur fo chùram càraid pòsta neo càraid co-sheòrsach; tha seo fada fada ceàrr,” ars an eaglais aig Co-labhairt nan Easbaigean san Dàmhair.

“Feumaidh poileasaidhean teaghlaichean seasmhach a bhrosnachadh.”


Meata-dàta

Briog air aon dhe na ceanglaichean na leanas gus puist dhen aon seòrsa a leughadh.

Tagaichean

, , , , , , , , , , ,

Roinnean-sèorsa
Alba, An Rìoghachd Aonaichte, Creideamh


Puist Eile


Thoir Beachd