A' toirt thugaibh na naidheachdan LCDTQ+ as ùire le fòcas àraidh air naidheachdan Albannach

A’ chiad seirbheis aon-sheòrsach Eilean Leòdhais an-diugh

20 An t-Iuchar 2009 le

Thèid a’ chiad seirbheis aon-sheòrsach a chumail ann an Eilean Leòdhais an-diugh nuair a thèid Anndra Robasdan agus Craig Atkins am pòsadh.

‘S e seo a’ chiad seirbheis aon-sheòrsach ann an Eilean Leòdhais on a chaidh companasan-catharra a chur an gnìomh ann an 2005.

Thuirt Mgr. Robasdan, a tha ag obair air BBC Alba, “Tha a h-uile rud air a dhol gu ceart. Gun trioblaid sam bith.”

Cha deach seirbheis aon-sheòrsach a chumail a-riamh anns na h-Eileanan Siar far a bheil creideamh fhathast gu math làidir anns a’ choimhearsnachd.

Thathar a ràdh gu eil fios aig Neach-clàraidh Euphemia “Effie” NicDhòmhaill gum bi an seirbheis a’ dol air adhart, ach cha robh i airson bruidhinn air a’ chuspair.

Aig a’ cheart àm tha muinntir Leòdhais a’ dèanamh gearain gu bheil CalMac a-nis a’ ruith seirbheis eadar Leòdhais ’s Ulapul Didòmhnaich.

Thuirt neach-labhairt an Eaglais “Aig a’ cheart àm ’s a tha am bata-aiseag a’ seòladh air an t-Sàbaid, tha seo na briseadh-dùil. Cha bu chòir dhan Chomhairle a bhith a’ toirt air luchd-clàraidh a bhith a’ dèanamh seirbheisean mar seo. Tha e mì-mhoralta agus na pheacadh.”


Meata-dàta

Briog air aon dhe na ceanglaichean na leanas gus puist dhen aon seòrsa a leughadh.

Tagaichean

, , , , , , , , , , , , , , , , , ,

Roinnean-sèorsa
Alba, An Rìoghachd Aonaichte, Creideamh


Puist Eile


Thoir Beachd





Beachdan

  1. George Jones

    An t-Sultain 2nd, 2010 aig 18:15

    Mealaibh ur naidheachd Anndra is Craig – ged as ann fada fhèi’ a tha na guidheachan seo a’ tighinn. Is fhad’ on uair sin, Anndra, agus chan eil mi ach an dèidh an naidheachd seo fhaicinn.

    Fiadhaich fhèin toilichte cuideachd gu bheil an làrach seo ann is gun mi ach an dèidh tachairt air an-diugh. Math thu fhèi’ a Chrìstein!

    G. xx

%d bloggers like this: