A' toirt thugaibh na naidheachdan LCDTQ+ as ùire le fòcas àraidh air naidheachdan Albannach

A’ Chiad Fèis-pròise Pheairt

24 Am Màrt 2018 le

Thèid a' chiad Fèis-pròise a chumail ann an Siorrachd Pheairt Disathairne 11 Lùnastal 2018. Chaidh a chur an cèill gu bi am buidheann-eagrachaidh ag obair ann an compàirteachas le Comhairle Pheairt & Cheann Rois gus tachartas eadar-mheasgte a chumail a' bhios a' toirt misneachadh dhan choimhearsnachd LGBT a tha a' fuireach san sgìre. Tha am buidheann-eagrachaidh ag obair gu dlùth ri buidheann-eagrachaidh a' chiad Fèis-pròise Fhìobha ann an 2017 air sgàth 's rannsachadh a tha a' sealltainn gun do chuir an fhèis acasan còrr 's £150,00 ri eaconamaidh na sgìre agus gun robh còrr 's 3000 neach an làthair. Tha an naidheachd seo a' ciallachadh gu tèid 11 Fèisean-pròise a chumail air feadh Alba am-bliadha. Nam measg tha Obair Dheathainn, Dùn Dè, Glaschu, Dùn Èideann agus fiù 's Eilean Bhòid. Ma tha sibh airson cuideachadh aig an fhèis leigibh fios dhan bhuidheann-eagrachaidh air Facebook no post-d: info@perthshirepride.com

Meata-dàta

Briog air aon dhe na ceanglaichean na leanas gus puist dhen aon seòrsa a leughadh.

Tagaichean

, , , , , ,

Roinnean-sèorsa
Alba, Fèisean-pròise


Puist Eile


Thoir Beachd