Sealtainn airson a’ chiad fèis-pròise aca a chumail an ath-bhliadhna

Chaidh ainmeachadh gun tèid a’ chiad fèis-pròise a-riamh ann an Sealtainn a chumail san Ògmhios 2022.

Cha deach fèis-pròise a chumail a-riamh anns na h-eileanan ged a tha grunn bhuidhnean LGBT air a bhith ann o chionn beagan bhliadhnaichean.

Chaidh ainmeachadh cuideachd gun tèid comataidh eagrachaidh a stèidheachadh gus an tachartais a stiùireadh agus gun tèid a’ bhuidheann Shetland Pride a chlàradh mar charthannas.

Fàg beachd air