A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Tagraiche Sealtainneach ga chàineadh

2021-04-03

1 mion.

Tha tagraiche neo-eisimeileach à Shealtainn fo chàineadh as dèidh dha ràdh gum faodadh an galar sgaoilte COVID-19 a bhith na thoradh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail.

Bidh Peter Tait a’ seasamh airson sgìre Shealtainn ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba an ath mhìos.

Thuirt Mgr Tait ri Shetland News gu bheil pòsadh aon-sheòrsach, a tha air a bhith laghail ann an Alba o chionn 2014, na chuspair a tha “a’ cur Dia an-aghaidh ar dùthaich” agus gu bheil e a’ dol “an-aghaidh lagh Dhe ma a tha e sgrìobhte anns a’ Bhìoball”.

Sheas Mgr Tait ann am fo-thaghadh 2019 nuair nach dh’fhuair e ach 31 bhòt.

Thuirt Kerrie Meyer, stèidheadair ShetlandLGBTQ.org.uk, gur e amaideas a th’ ann agus gum bu chòir dhan tagraiche dol air ais dhan toll primeval aige.

Thuirt i cuideachd gum faodadh am beachd amaideach aige gràin air daoine gèidh agus e a’ dol an-aghaidh Achd na Co-ionannachd 2010.

San eadar-ama, chaidh na tagraichean eile a bhios a’ seasamh airson sgìre Shealtainn ann an taghadh na h-ath mhìos a dhearbhadh, is iad: Martin Kerr, Am Pàrtaidh Làbarach; Brian Nugent, Restore Scotland; Nick Tulloch, Am Pàrtaidh Tòraidheach; Tom Willis, Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba; agus Beatrice Wishart, Libearalaich Deamocratach.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.