Am prìosan do dh'athair a thug ionnsaigh air a mhac

Chaidh binn prìosain 18 mìosan air athair à Phlymouth a thug ionnsaigh air a mhac, a tha 15 bliadhna a dh’aois, as dèidh dha faighinn a-mach gun do chleachd am balach an aplacaid gèidh fèillmhor, Grindr, air an fhòn-làimhe aige.

Chuala Cùirt a’ Chrùn ann am Plymouth gun deach sparradh air a bhalach rùsgadh chun fho-aodach aige mus deach a chuipeadh le càball telebhisean mu fhichead uair a’ fàgail a ghàirdean leònte agus fhad ‘s a bha e ga chuipeadh dh’èigh e “tha thu gèidh”, “tha thu nad bhoireannach” agus “dè a tha sin eadar do chasan?”

Theich am balach dhan sgoil aige far an do chur luchd-obrach na sgoile fios dhan phoileas nuair a bhris e a-mach a’ caoineadh agus a dh’innis e dhaibh na thachair.

Rinn neach-lagha an athair argamaid gun do ghabh e an caothach ris am balach agus nach robh an ionnsaigh air adhbharachadh le feisealachd a’ bhalaich ach cha do dh’aontaich am britheamh agus chaidh an athair fhaighinn ciontach de dh’ionnsaigh a rinn cron air a’ bhodhaig.

Cha deach an athair ainmeachadh gus aithne a’ bhalaich a dhìon.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.