Roinnidh pod-chraoladh ùr sgeulachdan bho dhaoine LCDT+ nas sìne an Alba

Is e pod-chraoladh ùr a th’ ann an 50 Years of Activism a bhios a’ toirt sùil air beathannan daoine LCDT+ nas sìne na 50 bliadhna a dh’aois ann an Alba.

Anns gach earrann bidh agallamh le èildear LCDT+, mar a chanas iad, mu na tachartasan a thug buaidh air am beatha pearsanta agus obrach agus air gnìomhachd LCDT+ ann an Alba.

Chaidh am pod-chraoladh a dhèanamh le Pink Saltire ann an com-pàirteachas le OurStory Scotland le taic-airgid bho Mhaoin Coimhearsnachd a’ Chrannchuir Nàiseanta agus chaidh na clàraidhean uile a thoirt dhan tasglann beul-aithris aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Faodaidh tu fo-sgrìobhadh ris a’ phod-chraoladh leis na ceanglaichean na leanas:

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Twitter, Instagram no Facebook.