A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Àireamh de dhaoine a' cleachdadh loidhne-chuideachaidh LCDT+ air àrdachadh air sgàth Coròna-bhìoras

2020-03-29

1 mion.

Tha carthannas LCDT+ air aithris gu bheil iad air àrdachadh mòr fhaicinn anns an àireamh de dhaoine a’ cleachdadh an loidhne-chuideachaidh aca bho thòisich daoine fuireach san taigh air sgàth Coròna-bhìoras.

Thuirt an Stèidheachd LCDT gun robh an àireamh de ghairmean a fhuair iad thairis air an t-seachdain a chaidh seachad còrr is a dhà uiread an àireamh gun d’fhuair iad san aon ùine an-uiridh agus gu bheil iad an dùil ri àrdachadh eile an seachdain seo tighinn.

Thuirt iad gun robh mòran de dhaoine LCDT+ a’ sireadh taic air sgàth ‘s gu bheil iad glacte aig an taigh còmhla ri teaghlaichean ana-cainnteach.

Mar thoradh air na riaghailtean a th’ ann a thaobh a bhith a’ cumail astair bho dhaoine eile, chaidh seirbheisean aghaidh ri aghaidh a’ charthannais a chur dheth gu 14mh Giblean, ach dh’fhaodadh an ceann-latha seo atharrachadh a-rithist.

Thuirt Àrd-oifigear an Stèidheachd, Paul Martin, gu bheil e airson gum bi fios aig a h-uile duine LCDT+ nach eil iad “leotha fhèin” agus chuir e ìmpidh orra fios a chuir gu loidhne-chuideachaidh a’ charthannais ma tha iad a’ strì aig an àm seo.

An-dràsta, tha iad ag obrachadh an loidhne-chuideachaidh air astar, Diluain-Dihaoine eadar 10m agus 6f ach tha iad a’ coimhead air roghainnean gus seo leudachadh.

Ma tha feum agad air cuideachadh, faodaidh tu fios a chuir chun Stèidheachd LGBT air 0345 3 30 30 30 no faodaidh tu an ruighinn tro phost-d aig helpine@lgbt.foundation.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.