Proud Ness air ath-ainmeachadh gu Highland Pride

Tha eagraichean Fèis-pròise Inbhir Nis air ainmeachadh gun tèid am buidheann aca ath-ainmeachadh gu Highland Pride gus coimhearsnachd LCDT+ na sgìre air fad aithneachadh.

Tha iad cuideachd air ainmeachadh gum bi iad ag eagrachadh sreath de thachartasan rè 2020.

Nam measg bidh iad ag eagrachadh òraidean, bùthan-obrach, leughadh leabhraichean, agus sgrìonadh de dh’fhilmichean LCDT+ rè Mìos Eachdraidh LCDT anns a’ Ghearran.

Thuirt Jess Taylor, Cathraiche Highland Pride:

“Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil fios aig a’ choimhearsnachd LCDT+ agus càirdean air feadh na Gàidhealtachd a bhios a’ siubhal gus an tachartas samhraidh againn a fhrithealadh gur ann dhaibhsan a tha an tachartas seo cuideachd - ‘s e seo ‘tachartas pròis na Gàidhealtachd’.”

“Faodaidh daoine a dhol an-sàs cuideachd le bhith a’ cur tachartasan a leithid coinneamhan sòisealta, tachartasan togail-airgid, bùthan-obrach, òraidean, agus comharraidhean pròise iomallach as urrainn dhuinn cuideachadh le bhith a’ brosnachadh fo sgàil Highland Pride ro làimh agus rè Pròise. Tha sinn an dòchas gum brosnaich seo tuilleadh chothroman sòisealta is lìonraidh air feadh na Gàidhealtachd tron bhliadhna.”

“Is e sgioba beag a th’ annainn, stèidhichte sa mhòr-chuid ann an Sìorrachd Inbhir Nis, agus mar sin feumaidh sinn ur cuideachadh gus tachartasan air feadh na Gàidhealtachd a leudachadh airson Fèis-pròise na Geamhraidh a bhios sinn a’ brosnachadh mar phàirt de phrògram fad mìos. Mar sin ma tha beachd agaibh airson oidhche ABBA san Aghaidh Mhòr, coinneachadh cofaidh ann an Cromba, oidhche film sa Ghearasdan, oidhche bàrdachd ann am Port Rìgh, òraid ann am Baile Dhubhthaich, oidhche fo-18 ann an Ulapul no cuairt ann an Inbhir Uige, tha sinn airson cluinntinn bhuaibh.”

“Air an dàrna làimh, ma tha planaichean agaibh mu thràth, aig an leabhar-lann, an sgoil no an ionad coimhearsnachd agaibh, airson Mìos Eachdraidh LCDT, cuiribh fios thugainn cuideachd.”

Bu chòir do dhuine sam bith le beachdan post-d a chur gu info@highlandpride.org no tadhal air airson barrachd fhiosrachaidh.