A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Tatù air a dhiùltadh do dhuine le HIV

2019-09-23

1 mion.

Tha a’ BhBC ag aithris gu bheil bùth tatù ann an Dùn Dè air duine a dhiùltadh air sgàth ‘s gu bheil HIV air.

Chaidh Deejay Bullock dhan bhùth san Iuchar gus tatù ùr fhaighinn airson a cho-là-breith ach chaidh a dhiùltadh nuair a dhearbh e air foirm aithris-àichidh gu bheil HIV air.

Thathar ag aithris nuair a thug an tatùdair sùil air an fhoirm, thuirt e, “Chan eil mi a’ dol a chur mi-fhìn, mo cho-obraichean no duine sam bith eile ann an cunnart”.

Thuirt Deejay gun do chuir e iognadh air gun deach a dhiùltadh air sgàth ‘s gun robh e air dà thàtu fhaighinn ann am bùth Obair Dheathain gun thrioblaid sam bith bho dh’ionnsaich e gu bheil HIV air ann an 2009.

Thuirt e ri BBC Scotland gun robh e doirbh dha nuair a dh’ionnsaich e gun robh HIV air agus gun do lughdaich a shlàinte-inntinn mar toradh air.

O chionn 2012 tha e air a bhith ag obair ann an slàinte LCDT agus e ag ràdh gu bheil seo air a mhisneachd a bhrosnachadh agus air a chuidheachadh leis an inbhe aige aontachadh.

Tha HIV Scotland agus buidhnean HIV eile ag ràdh nach eil am bhìoras a’ cur bacadh air daoine a tha airson tatù, tolladh no làimhseachadh cosmaigeach fhaighinn.

A-rèir an stiùireadh oifigeil aca, tha e mì-laghail fo Achd Co-ionannachd 2010 cliantan a dhiùltadh air sgàth ‘s gu bheil HIV orra agus chan eil e ceart fo reachdas dìon datà faighneachd ma tha HIV orra.

Bu chòir do thatùdairean agus cliantan a bhith air an dìon le modhan sàbhailteachd àbhaisteach a-leithid seasgachadh an uidheamachd agus cleachdadh miotagan, inc agus snàthadan ùr a airson gach cliant.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.