A' toirt thugaibh na naidheachdan LGDT+ as ùire

Cha tèid bratach a' bhogha-fhroise a thaisbeanadh le CNES rè Fèis-pròise na h-Innse Gall

2019-05-31

1 mion.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air dearbhadh nach tèid bratach a’ bhogha-fhroise a thaisbeanadh taobh a-muigh nan oifisean aca ann an Steòrnabhagh rè Fèis-pròise na h-Innse Gall a bhios a’ dol air adhart sa bhaile a-màireach.

Sgrìobh a’ chomhairle post-d ri eagraichean an tachartais air thòiseach air a’ chiad caismeachd aca an-uiridh anns an tuirt iad gur e poileasaidh a’ chomhairle gun a bhith a’ taisbeanadh diofar brataichean taobh a-muigh nan oifisean aca air sgàth an àireamh de dh’iarrtasan a bhios iad a’ faighinn agus iad airson a bhith cothromachd dhan a h-uile duine.

Tha am P&J ag aithris gu bheil a’ chomhairle a-nis air dearbhadh nach eil am poileasaidh seo air atharrachadh.

A dh’aindeoin an co-dhùnadh, tha eagraichean an tachartais air moladh a thoirt air a’ chomhairle airson an taic. Thuirt Susan Erbida, Cathraiche Comataidh Fèis-pròise na h-Innse Gall:

“Feumaidh mi ràdh, gu bheil a’ chomhairle air a bhith glè thaiceil - ged nach eil brathach a’ bhogha-fhroise againn fhathast agus chan fhaigh sinn e ach tha sinn ag obair air sin.”

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.